This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Do Aonghus an Tàilleir

L: Tha.. An uair sin.. Fear eile ann an sheo.. Bho a-nis.. Am fear eile an seo.. Bu chaomh leam bhi ’ mire.. o.. mire..

L: Feuchaidh mi air.

G: Glé mhath

G: Dé an t-òran a th’ann

L: Do dh’Aonghus an Tàilleir.. À Solas. Feumaidh gur e caraid aig’ a bh’ ann.. no duine d’a chuir e eòlas.. air dòigh air choireiginnich, feumaidh.

L: Tha e a’ ràdh ann an sheo ach... “Bha Aonghus Mac Leòid, nach maireann, Aonghus Dall a th’air, à Màlaceit, a bha ainmeil gu òrain agus seanchas, air dha cairt Bliadhn’ Ùire a chur gu Pàdraig. Dh’ eug Aonghus ann an nineteen fifty-seven, agus rinneadh an t-òran goirid roimhe sin”.

G: Glé mhath

L ♫:

Mo bheannachd dhan tàilleir a chuimhnich mi ’n tràth seo
Le cairt ann an Gàidhlig a chàradh a-nall
Nam bitheadh tu làmh rium gu òl ar deoch slàinte
Gun traoghamaid dhà dhiubh ri dàn agus cainnt.

Gun tug thu o dhualchas do dhòighean tha uasal
Tha fios aig an t-sluagh air do bhuadhan nach gann
’S e grinneas do nàduir dh’fhàg lìonmhor do chàirdean
’S chan fhaighear dhut nàmh a measg Ghàidheal na Ghall.

Ann an eachdraidh na Gàidhlig có fear a bheir barr ort
A làimhseachadh Gàidhlig nas fheàrr chan eil ann
On dh’ionnsaich thu tràth i aig glùinean do mhàthar
’Toir urram dhan àite rinn d’ àrachadh ann.

Cha bàrd mi gu innse gach cliù tha riut fillte
Ged dhèanainn mo dhìcheall bhiodh dìth air mo chainnt
Tha d’ urram nas àirde na chuirinn-sa ’n dàn e
Cha téid mi an sàs ann mus fàilnich mi ann.

Tha a-nis a’ Bliadhn’ Ùr ann ’s mo bheannachd-sa dùbailt
A chuirinn ga d’ ionnsaigh a-null thar air a’ bheinn
Ma thionndaidheas cùisean mas maireann sinn caomhnta
Gu faic mi do ghnùis, nì bu rùnaiche leam.

L: Agus dé a rinn mi ann a shin ach ach, ’s e a’ fonn an òrain eile a chuir mi air.

G: Sheadh. Dh’obraich e glé mhath. Dh’obraich e..

L: Bu chaomh leam bhith ’mire.

G: Bha e gu math déigheil air, air a’ Ghàidhlig.

L: Bha.

G: Bha. Bha.

L: ’S e, ’s e fìor sheann Ghàidhlig a th’ann, tha fhios agad. Tha i ... Chan eil mise cho math sin air Gàidhlig ann. Théid agam air a leughadh, ach..

G: Seadh, seadh.

L: Beagan smotail de sgrìobhadh a dhèanamh oirre. Chan eil mi math sam bith oirre.

Iomradh bhon leabhar, ‘Ugam agus Bhuam’:
Do Aonghus Mac Leòid nach maireann - Aonghus an Tàilleir - à Malacleit, a bha ainmeil gu òrain agus seanchas, air dha cairt Bliadhn’ Ùire a chur gu Pàdraig. Dh’ eug Aonghus ann a 1957 agus rinneadh an t-òran goirid roimhe sin.
Caoin: “Bu chaomh leam bhith ’mire”

Short url:   http://multidict.net/cs/1037