This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

A’ cur uèirichean ri pluga

A’ cur uèirichean ri pluga.

Seo am pluga àbhaisteach a gheibh thu ann am Breatainn.

Seall an-dràsta air mar a chuireas tu na uèirichean ann.

Fosgail an sgriubha mhòr ann am meadhan a’ phluga gus am mullach a thoirt dheth.

Seall air a’ bhann gu h-ìosal a tha a’ greimeachadh ris a’ chàball.

Gus am bann seo a thoirt às fosgail an dà sgriubha a tha ga chumail.

Feumaidh a h-uile pluga Breatannach fiùs.

Bidh fiùs trì amp deug a’ tighinn an cois cuid a phlugaichean às a’ bhùth, ach dèan cinnteach gun cuir thu fiùs freagarrach ris a’ phluga gus an càball a dhìon.

Tha fiùs trì amp freagarrach do dh’innealan suas gu seachd ceud uat a chumhachd, a leithid lampaichean agus uidheam hi-fi.

Bidh fiùs trì amp deug freagarrach do choire dealain, do dh’iarann, agus do dh’inneal teasachaidh le gaotharan.

Tomhais an càball air spògan a’ phluga.

Chan eil thu ag iarraidh gum bi na trì uèirichean an aon fhaid.

’S e an uèir-shàbhailteachd an tè as fhaide.

Cleachd sgian no siosar-uèir gus an càball a ghearradh agus air cochall a rùsgadh. Dèan seo le cùram, air eagal ’s gun dèan thu milleadh air cochall nan uèirichean-giùlain.

Rùisg na uèirichean-giùlain le rùsgadair gun milleadh a dhèanamh air na uèirichean fhèin.

Thoir car dha na uèirichean rùisgte agus lùb iad.

Bheir seo ceangal nas fheàrr dhut eadar na uèirichean ’s na spògan.

Fosgail an sgriubha a th’ air gach tè de na trì spògan.

Ceangail na uèirchean rùisgte ris na spògan freagarrach agus teannaich na sgriubhaichean air na spògan.

Tha an uèir donn a’ dol dhan spòig ris a bheil am fiùs ceangailte.

Tha an uèir niutral, an tè ghorm, a’ dol dhan spòig air a bheil “N” sgrìobhte. Tha an uèir-shàbhailteachd, an tè shrianagach bhuidhe is uaine a’ dol dhan spòig aig a’ cheann a shuas.

Cuir am bann air ais dhan phluga agus teannaich e gus an greimich e ris a’ chàball.

Cuir am mullach air ais air a’ phluga agus teannaich an sgriubha mhòr a tha na mheadhan.

Short url:   http://multidict.net/cs/1112