This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Beinn na Faoghla gu Rann na Feirste: Cuairt Ghàidhealach

Mu dheireadh thall tha sinn a’ cur ar cul ris a’ Gheamhradh anns na h-Eileanan Siar, sa chuan pìos a-mach à taobh an iar na h-Alba. Tha na seallaidhean àlainn gar cuimhneachadh gum bi luchd-turais gu leòr a’ tighinn ann am mìosan blàth an t-samhraidh. Ach an-diugh fhèin tha sgioba de dh’Eileanaich a’ dèanamh an slìghe gu taobh an iar-thuath na h-Èirinn. Aig aon àm, b’ e bàta a bhiodh aca, a’ leum bho eilean gu eilean ann an sreath slàn de choimhearsnachdan Gàidhlig, ach tha port-adhair Bheinn na Faoghla a’ dèanamh gnothaichean nas fhasa dhaibh an-diugh, ’s ruigidh iad port-adhair car coltach ris ann an Dùn nan Gall an ceann beagan uairean.

Nam measg, tha Eairdsidh Caimbeul ’s mi fhìn Niall Caimbeul, an dithis againn air ar togail leis a’ Ghàidhlig ann am Beinn na Faoghla. Tha sinn air a bhith an sàs gu mòr sa phròiseact coimhearsnachd ‘Guthan nan Eilean’. Tha am pròiseact air a bhith a’ clàradh ìomhaighean ’s briathran bhon choimhearsnachd, ’s gan cur air-loidhne bho chionn ghreis a-nis. Tha dà adhbhar air a chùlaibh, taic a thoirt do luch-ionnsachaidh, agus cuideachd a’ ghlèidheadh beatha laitheil nan eilean, tro ghnìomhan ’s briathran nan daoine.

Tha am proiseact air aire dhaoine a thogail, ’s deagh chliù a chosnadh cuideachd, am measg luchd-teagaisg , an dà chuid Gàidhlig agus Beurla. Agus a-nis, tha Sgoil na Gaeilge aig Oilthigh Ulaidh air cuireadh a thoirt dhuinn tighinn a bhruidhinn ri proiseact coimhearsnachd ann an Gàidhealtachd Dhùn nan Gall, gun fhios nach biodh rudeigin mar seo feumail do leasachadh na Gaeilge san sgìre seo.

’S ann aig Aislann Rann na Feirste a tha a h-uile duine tighinn còmhladh – ionad coimhearsnachd ùr ’s adhartach san sgìre. Tha e air a bhith uabhasach trang fad Seachdain Nàiseanta na Gaeilge, leis a h-uile aois a’ tighinn còmhladh ann an iomadh tachartas ’s farpais, le òrain, bàrdachd, ealain ’s stòiridhean.

Chaidh a’ chiad latha a chur seachad ann an còmhradh, airson a’ mhòr-chuid, ach bha an dàrna latha na bu ghnìomhaile. An toiseach, rinn Caoimhinn O Donaill bho Oilthigh Ulaidh agallamh le Brìdanna mun chlub oigridh ‘s an dèidh sin dh’èist e ri gille òg ag innse stòiridh.

C. A-nis a Bhrìdanna, dè bha a’ dol ann an Rann na Feirste, an deireadh-sheachdain seo?

C/B. Anns a’ chlub òigridh.

B. Uill bidh sinn a’ coinneachadh an seo gach feasgar Dihaoine ’s nì sinn spòrs ’s ealan. Agus, mar a chanadh tu, bidh sinn a’ dol a-mach air chuairtean leotha. Thug sinn cuairt dhan Sù ann am Beul Feirste an-uiridh. Agus bha sinn ann an àite, an Creagan ann an Doire, ’s àitichean faisg oirnn cuideachd.

C. Bhuannaich thu fhèin duais san fharpais.

D. “Tlachdmhor ’s binn, madainn chiùin shamhraidh
A’ suidhe air cnoc beag, os cionn Linne Ghaoith Dobhair
Am bradan, gu soilleir, ri fhaicinn san uisge
’S an lacha ’s a cuid, a’ ghabhail sìos taobh Gaoith Dobhair"

C. Mòran taing dhan triùir agaibh ’son bruidhinn rinn an-diugh.

An uair sin, chuir Niall Comer ceist air manaidsear an ionaid, Aodh Mac Ruairí, mun chlachaireachd àraid san sgìre.

N. Aoidh, ciamar a thogadh an rathad, a tha a’ dol timcheall Rinn na Mònadh an sin?


A. Anns na ceathradan saoilidh mi – chithear ceann-latha air fear de na clachan – ann an ’46, tha mi a’ dèanamh a-mach. Le mar a tha e a’ leantainn a’ chladaich b’ fheudar dhaibh obair a dhèanamh air an t-seann rathad air eagal ’s gum falbhadh làn mòr leis an talamh. Chuir iad romhpa balla cloiche a thogail ga dhìon. Thèid sinn sìos an ceartuair a dh’fhaicinn fianais air cò às a thàinig na clachan.

An uair sin ghabh sinn cuairt gu taigh Aodh ’s dhan chladach, ’son cothrom a thoirt do mhuinntir Ulaidh obair aithriseach fheuchainn. Rud nach eil furasta air latha garbh.

A. Mar a thuirt mi roimhe, chaidh crò-iarainn a chleachdadh, a rachadh a-staigh dhan chloiche mar seo. Bhiodh fear eile an seo, ’s fear eile an sin. Tha àite an teine a-staigh an sin.


Mar a chì sibh, is iadsan seann chlachan a thàinig a-mach às an t-seann taigh a bh’air an làrach seo roimhe. An àite an cleachdadh ann am bonn taighe, shàbhail mi iad. Agus mar a chì sibh seo, seo clachan a chaidh an gearradh le làmh an duine. Agus mar a tha sibh a’ faicinn a-rithis tha aghaidh ’s taobh orra uile, ’s chleachd mi iad airson àite an teine seo a thogail. A-bhos an seo a-rithist, mar a chì sibh – fhuair sinn an t-àite far an deach an crò-iarainn a chleachdadh airson na clachan a sgoltadh.


Agus mar a tha sibh a’ faicinn an seo, chaidh cuid a chleachdadh a dhèanamh rathad. A bheil sibh a’ faicinn? Tha seo uile le làmh an duine.


N. Seadh, chì thu mar a tha e


A. Sin e. ’S ann airson feamainn a thoirt a-staigh a bha seo.

Cuideachd, tha Aodh a’ sealltainn drochaid bheag thar an uillt, le clachan air an gearradh leis a’ chrò-iarainn san aon dòigh. ’S tha Caoimhin a’ clàradh na comharran a chithear air na clachan.


Aig an aon àm, tha mi fhìn ’s Eairdsidh a’ beachdachadh air na chunnaic ’s a chuala sinn.

N. Well, seo sinn ann an Rann na Feirste an dèis splaoid bheag a ghabhail... ...null a’ dh’Èirinn. Tha latha eile againn, tha oidhche againn ri dhol fhathast, ach tha e air a bhith gu math inntinneach, nach eil?


E. Tha. Bha mise riamh geur air tighinn an seo. ’S seo a’ chiad turas riamh dhomh a bhith ann an Èirinn, so bha an t-àm agam tighinn, tha mi a’ smuaintinn. Tha mi gu math toilichte gun tàinig mi.


N. Bha sinn a’ bruidhinn – gun robh e gu math coltach ris an sgìre againn fhìn.


E. Tha mi a’ smuaintinn – tha e a’ cuimhneachadh na h-eileanan dhomh gu mòr.


N. Tha mi air a bhith ag èisteachd ri bàrdachd, ag èisteachd ris an aifreann, ’s ag èisteachd ri daoine a’ còmhradh, agus feumaidh tu dìreach a bhith gu math geur ag èisteachd, mus tog thu e.


E. Tha e math cuideachd gu bheil na h-uiread a’ bruidhinn na Gaeilge ann an sheo, cuideachd. Tha mi a’ dèanamh a-mach gu bheil e gu math làidir ann an sheo. Well, tha mi ’n dòchas gur sin mar a tha...


N. Mar a tha sinn aig a’ Mhòd, tha – fhios agad – tha an fheadhainn bheag a’ dol a-staigh aon uair ’s gach bliadhna. Chan eil fhios agam dè cho tric ’s tha sin a’ tachairt an seo. Fhios agad, bha seachdainn na Gàidhlig air ann an shin – ann an sheo. Agus cha robh mi cinnteach – a bheil sin a’ tachairt, dìreach, a h-uile bliadhna, no a bheil e – air sàilleamh bha e a’ toirt ceist orm. Tha iad uile cho fileantam ’s tha iad cho comhfhurtail air an àrd-ùrlar.


E. Tha.


N. ’S dòcha gu bheil iad a’ faighinn barrachd chothrom sin a dhèanamh. Chan eil fhios agam.

’S an uair sin, tha eagal orm gu bheil an t-àm ann tilleadh dhan phort-adhair ri taobh na traghad, mar a th’ againn fhìn.

Mar a tha am plean ag èirigh, chì sinn tìr a tha gu math coltach ri na h-eileanan againne. Tha fios againne gu bheil an fheadhainn air an talamh a’ bruidhinn le fuaimean ’s ruitheaman coltach rinne, ged a tha corra fhacal deifirichte. ’S bheir seo oirnn na ceanglaichean a tha eadorainn a neartachadh.

Agus, mar a tha am plean a’ tighinn a-staigh a Bheinn na Faoghla, tha smuaintean a’ tionndadh gu ciamar a sheallas sinne an aon aoigheachd dhan na h-Èirinnich còir nuair a thig iad a dh’Uibhist a choimhead oirnne.

Short url:   http://multidict.net/cs/1136