This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Guided Tour - Authoring in Clilstore in Scottish Gaelic

Bhon chlàr Multidict.net faodaidh luchd-teagaisg a dhol gu Clilstore gus duilleagan ioma-mheadhanach a chruthachadh air an eadar-lìon far am bi gach facal air a cheangal ri faclairean air-loidhne ann am barrachd is ceud cànain.                                                                                    

’S e a tha seo ach stiùireadh ceum air cheum air mar a nìthear aonad air-loidhne le bhidio no audio no teacsa far am bi na faclan uile air an ceangal gu taghadh de dh’fhaclairean air-loidhne. Gheibhear an t-aonad air am bi sinn a’ coimhead aig http://multidict.net/cs/780

Figure 1. Unit 780 after a click on the word “array”

Bheir sinn sùil air an aonad mus mìnich mi mar a chaidh a dhèanamh.

Tha bhidio air a dhèanamh le TED.COM air an duilleag, cuide ri tar-sgrìobhadh dheth.

’S urrainn dhomh briogadh air facal sam bith airson a lorg ann am faclairean air-loidhne.

Ma tha mi ag iarraidh eadar-theangachadh  ’s urrainn dhomh an cànan a thaghadh.

Agus ’s urrainn dhomh am faclair atharrachadh.

Bheir sinn sùil air mar a chaidh an duilleag a dhèanamh.

Ann am Multidict.net thèid mi gu làrach an luchd-teagaisg ann an Clilstore – le bhith a’ briogadh air an t-saighead ghorm airson “Teachers”.

An uair sin feumaidh mi briogadh air “register”. A-nis tha agam ri ainm-cleachdaidh, UserID, a thaghadh.

Figure 2: The Clilstore entry page

Cuiridh mi a-steach m’ ainm. Bidh seo ri fhaicinn le duine sam bith.

Agus am post-d agam. Chan fhaic duine sam bith eile sin.

Agus, mu dheireadh, facal-faire. Feumaidh co-dhiù ochd litrichean a bhith ann.

Thèid agam a-nis air login a dhèanamh leis an ainm-cleachdaidh agam agus am facal-faire.

Aon uair agus gu bheil mi air login a dhèanamh thèid agam air aonadan ùra a chruthachadh, no aonadan a tha ann mar-thà a dheasachadh. Cuideachd, ’s urrainn dhomh cur às do dh’aonad sam bith a rinn mi fhìn.

Tha an t-àm ann a-nis airson briogadh air “Create a unit”.

Tha deannan roghainnean air an duilleag “Create a unit”.

 “Title”: An seo, feumaidh mi tiotal freagarrach a thoirt dhan aonad.

“Float”: Bidh mi a’ taghadh an seo c’àite am bi an teacsa a’ nochdadh ri taobh a’ bhidio no audio. Airson bhidio fada tha e nas fheàrr “Scroll text” a thaghadh gus an tèid aig daoine air an teacsa agus a’ bhidio a leantail còmhla.

Ma tha mi ag iarraidh bhidio, audio, no dealbh a chur ann bho YouTube.com, TED.COM, Vimeo.com, Flickr.com no an leithid, tha agam ri coimhead air na làraich sin airson an roghainn “Share and Embed”.

Figure 5: Video from TED.COM with “Embed” button and “Show transcript”

Ann an TED.COM tha mi air am bhidio le Scott Fraser a thaghadh, agus briogaidh mi air a’ phutan “Embed”.

Figure 6: Copy the code after clicking the “Embed” button

An uair sin nì mi copy agus paste dhen Embed Code san fhaiche aig Clilstore air a bheil “Embed code for media or picture”. Thèid agam cuideachd air bhidio agus meadhanan eile a chur gu dìreach san fhaiche airson teacsa shìos. Ach ’s anns an fhaiche seo a-mhàin a thèid agam air an roghainn “Float” a chleachdadh.

Tha an t-àm ann a-nis airson teacsa a chur san aonad, a’ cleachdadh an uinneag “Text”, far am faighear inneal-deasachaidh “wysiwyg” - What You See Is What You Get.

Feumar loidhne fhalamh eadar gach paragraf, airson agus gum bi an teacsa furasta a leughadh. Gheibhear paragraf ùr ma phutas sibh Enter. Ma tha sibh ag iarraidh loidhne ùr gun a bhith a’ cruthachadh paragraf ùr, mar eisimpleir airson faclan ann an òran no bàrdachd, putaibh Shift agus Enter.

Tha làraich gu leòr ann far am faighear an dà chuid bhidio agus tar-sgrìobhadh. San eisimpleir seo cleachdaidh mi bhidio aig TED.COM.

Briogaidh mi air a’ phutan “Show transcript”, agus taghaidh mi “English”. An uair sin nì mi lethbhreac dhen teacsa gu lèir.

Tha tòrr hyperlinks san teacsa aig TED.COM agus feumaidh mi cur às dhaibh mus cuir mi e san uinneag airson deasachadh.

Mura dèan mi sin, seo an toradh a bhios ann.

Uaireannan tha e doirbh a bhith a’ cur às dhan text formatting uile gu lèir, agus chan eil mi eòlach ach air na teacsaichean aig TED.COM far a bheil feum air a dhèanamh, ach seo cleas sìmplidh a nì an gnothach.

Cuiribh an teacsa san fhaiche “Summary”.

An uair sin gabhaibh an teacsa gu lèir: air mo choimpiutair Windows nì mi sin le bhith putadh air CTRL agus A, air mo choimpiutair Apple nìthear an aon rud le bhith putadh air an Apple Key agus A.

Feumaidh mi a-nis an teacsa a ghearradh gus an tèid agam air a chur san fhaiche TEXT airson deasachadh: air mo choimpiutair Windows nì mi sin le bhith putadh air CTRL agus X, air mo choimpiutair Apple nìthear an aon rud le bhith putadh air an Apple Key agus X.

Mu dheireadh nì mi “paste” dhen teacsa glan anns an fhaiche TEXT: air mo choimpiutair Windows nì mi sin le bhith putadh air CTRL agus V, air mo choimpiutair Apple nìthear an aon rud le bhith putadh air an Apple Key agus V.

Link Buttons: An seo faodar putain a chruthachadh a bheir ceangal ri duilleagan eadar-lìn agus eacarsaichean. Tha còir aca a bhith cuideachail do luchd-ionnsachaidh, le buntanas ri cuspair an aonaid.

Cuiridh mi tiotal goirid san fhaiche uaine “Button text” – an seo TOOLS Website mar eisimpleir.

An uair sin cuiridh mi an seòladh eadar-lìn san fhaiche “Link”. Thathas a’ moladh gu làidir copy agus paste a dhèanamh airson a bhith cinnteach gum faighear an litreachadh ceart!

Tha bocsa ann air a bheil WL, a’ ciallachadh “Wordlink”. Ma bhriogas mi air seo bidh an duilleag ris a bheil mi a’ dèanamh ceangal cuideachd air a tionndadh gus am bi na faclan oirre air an ceangal ri faclairean air-loidhne. Ach cuimhnichibh gu bheil duilleagan ann nach obraich gu math le Wordlink.

Ma bhriogas mi air a’ bhocsa seo fosglaidh an duilleag ann an uinneag ùr.

Anns an eisimpleir seo tha mi airson gun tèid aig daoine air “download” a dhèanamh dhen teacsa. Mar sin sgrìobhaidh mi “Download Clilstore Guide”, agus cuiridh mi a-steach an seòladh far am faighear e – am pasgan poblach agam air Dropbox.

An seo taghaidh mi cànan an teacsa. Tha an eisimpleir seo sa Bheurla.

Tha e cudromach gum feuch luchd-ionnsachaidh aonadan a tha freagarrach dhan ìre aig a bheil iad.  Feumaidh mi tomhas a dhèanamh air dè an ìre a dh’fheumas neach-ionnsachaidh airson ’s gum faigh iad buannachd às.

San eisimpleir seo taghaidh mi B2 leis gu bheil mi dhen bheachd gun tèid aig luchd-ionnsachadh aig ìre B2 air an cuspair a thuigsinn le cuideachadh leis na faclan doirbh.

Tha na h-ìrean air an steidheachadh air an CEFR – Common European Framework of Reference for Languages.

Nise, briogaidh mi air media type mar bhidio.

Cuiribh a-steach an seo dè cho fada agus tha am bhidio – ann am mionaidean agus diogan. An seo ochd mionaidean deug, fichead diogan ’s a naoi.

Bu chòir ro-ràdh goirid a chur ann cuideachd, a mhìnicheas dè tha san aonad agus carson a tha e feumail. Cuidichidh seo cuideachd le innealan rannsachaidh leithid Google le bhith ga dhèanamh nas fhasa dhaibh lorg fhaighinn air an aonad.

An seo nì mi lethbhreac dhen ghiorrachadh aig TED.COM agus cuiridh mi e san fhaiche “Summary field”.

Ann an language notes sgrìobhaidh mi “American English, good sound quality and clear pronunciation”.

Mura h-e ach deuchainn a tha seo tha còir agam briogadh an seo. Ach na dèanaibh seo ach a-mhàin mura h-eil sibh air crìoch a chur air no mas e dìreach deuchainn a th’ ann. Agus cuimhnichibh gum bi agaibh ri cur às dha no tighinn air ais dha turas eile.

“Owner”: le bhith a’ briogadh air seo tha mi ag ràdh gu bheil còir no cead agam an teacsa agus am bhidio a chleachdadh. San eisimpleir seo chleachd mi stuth aig TED.COM a tha ceadaichte airson cleachdadh ann an Clilstore. Aig an aon àm tha mi ag ràdh gu bheil mi aig aontachadh leis a’ phoileasaidh Copyleft aig Clilstore. Tha am poileasaidh ri fhaighinn air an làrach.

Mu dheireadh briogaidh mi air “publish”, agus, anns a’ bhad, bidh mi air a sgaoileadh gu co-obraichean agus luchd-ionnsachaidh air feadh an t-saoghail.

Sin e: Tha àireamh aig an aonad a-nis – 780. Agus tha seòladh eadar-lìn ann cuideachd http://multidict.net/cs/780

Tha seòlaidhean goirid mar seo aig gach aonad ann an Clilstore.  An àite 780 faodar àireamh aonaid sam bith eile a chur ann.

Leis gu bheil àireamh shònraichte aig gach aonad, faodaidh mi ceanglaichean dha na h-aonadan a chur air blog, no VLE, no Facebook, no fiù ’s Twitter, gus innse dha na h-oileanaich agam dè an obair a bu chòir dhaibh a dhèanamh, no airson fios a chur gu co-obraichean mun deidhinn.

As dèidh dhomh aonad fhoillseachadh thèid agam air a dhol air ais thuige airson a dheasachadh a-rithist ma bhios feum air.

Seo fear dhe na h-aonadan agam. Multidict.net/cs/245. Chan eil agam ach ri briogadh air a’ pheann aig a’ mhullach airson a dheasachadh.

Tha diofar innealan agam anns an uinneag “Text”. ’S urrainn dhomh format a dhèanamh, no bold, no an dath atharrachadh.

Cuiridh mi dealbhan san teacsa.

An triob-sa cleachdaidh mi Dropbox aig Dropbox.com.  Le Dropbox ’s urainnear faidhlichean a shàbhaladh air-loidhne. Cuideachd tha pasgan poblach ann a leigeas leibh faidhlichean a sgaoileadh a-mach.

An seo tha mi air a dhol dhan phasgan Dropbox agam.

Nì mi briog-deas right-click air dealbh a tha mi ag iarraidh.

Sa chlàr-taice teàrnach tha mi a’ taghadh Dropbox agus Copy Public Link

Thèid mi air ais gu Clilstore agus briogaidh mi air Insert/edit image.

Agus cuiridh mi a-steach an ceangal. ’S urrainn dhomh cuideachd meud an deilbh a chur a-steach.

No ’s urrain dhomh OK a bhriogadh agus an dealbh a tharraing dhan mheud a tha mi ag iarraidh

’S urrainn dhomh video no audio a chur ann an àite sam bith san teacsa. Briogaidh mi air Insert/edit video – tha e ag obair airson an dà chuid video agus audio.

Faodaidh mi seòladh a’ video a chur ann.

No faodaidh mi Embed a dhèanamh.

Nuair a tha mi ag iarraidh audio, gu tric bidh mi a’ cleachdadh ipadio.com agus soundcloud.com. Tha an dà chuid saor an asgaidh, ged nach fhaodar uploads gun chrìoch a dhèanamh.

Tha modhan eadar-dhealaichte aca airson embed a dhèanamh.

Nuair a tha mi ag iarraidh video, gu tric bidh mi a’ cleachdadh youtube.com agus vimeo.com. Tha an dà chuid saor an asgaidh, ged nach fhaodar uploads gun chrìoch a dhèanamh.

Tha modhan eadar-dhealaichte aca airson embed a dhèanamh.

Short url:   http://multidict.net/cs/1185