This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Eòin Trumaisgearraidh

M: Dè seòrsa cruit a th’ agad an seo ann an Truimisgearraidh?


E: ’S e cruit gu math mòr farsaing a tha seo, a Mhàiri. Tha mi a’ creidsinn gu bheil – tha – faisg air ceithir cheud hectares innte. ’S e talamh mòinteach as motha a th’ ann, ach air an taobh a-staigh dhen chruit ann an sheo, tha beagan ionaltradh dhan chrodh agus dha na caoraich ann cuideachd, ach ’s e a’ bheinn as motha a th’ ann an Truimisgearraidh.


M: Eòin, b’ aithne dhomhsa do sheanair agus do sheanmhair.


E: Bha ceangal aig mo shin-seanair ri – ris a’ mhinisteir a b’ àbhaist a bhith ann an eaglais Thruimisgearraidh, agus tha sinn a’ tuigsinn gur e sin an t-adhbhar nuair a thàinig an teaghlach a-nall à Cnoc-a-Lìn an toiseach.


M: Cuideachd, tha cuimhne agam glè mhath a bhith a’ tadhal air do phàrantan. Cuine fhuair d’ athair a’ chruit?


E: Phòs m’ athair a-staigh dhan teaghlach aig deireadh an dàrna cogadh. Agus rugadh mise bliadhna no dhà as dèidh sin. Agus tha cuimhne agam an toiseach – ’s e obair each – tha – a bhiodh a’ dol ann an Truimisgearraidh. Agus cha robh for air tractaran no dad dhen t-seòrsa sin, na h-innealan spaideil a bha sin an uair sin.


Ach ’s e obair chruaidh a bh’ ann. Tha, chan eil talamh machrach idir le Truimisgearraidh agus cha robh ann ach an dubh-thalamh mu na taighean ann an sheo, agus bha e air leth trom – tha – a bhith ag obair ann.


Ach, mar a bu trice, bha sinne, nuair a bha sinn òg, bhiomaid a’ cuideachadh, a’ toirt dhachaidh uisge – tha – a’ cruachadh na mòine – tha – a’ buain an arbhair, agus ’s e obair gu math sgitheil ach gu math tlachdmhor a bh’ ann nuair a bha sinn, nuair a bha sinn ag èirigh suas.


An uair sin – tha – fhuair m’ athair tractar agus bha e, bha e rudeigin doirbh dha – tha – na h-eich a chur bhuaithe, thoradh bha e cleachdte – gan cleachdadh cho mòr is cho tric. Ach beag air bheag thàinig na tractaran a-staigh, agus – tha – dh’ionnsaich sinne a bhith a’ draibheadh na tractaran a bha sineach, agus a’ cuideachadh air a’ chruit. ’S e sin cuideachadh mòr mòr a thaobh – tha – obair na cruite.


M: An robh thu toilichte anns an sgoil?


E: Bha, bha mi gu math toilichte anns an sgoil. Rinn mi – tha – na dh’fheumainn innte, ach bu toil leam gu mòr a bhith a’ muigh – tha – air na cnuic, a’ ruith ’s a’ cluich ball-coise. Bu toil leam an dà spòrs tha sin gu h-àraid. Agus nuair a bha mi thall ann an Sgoil Phortrigh gu h-àraid bhiomaid a’ dol a chluich an aghaidh sgoiltean eile ’s bhiomaid a’ dèanamh farpaisean thall ’s a-bhos. ’S bha ùidh mhòr agam a bhith – tha – a’ cleasachd a-muigh agus ri farpais dhen t-seòrsa sin.


Nuair a bha mi ullamh ann am Portrigh chaidh mi a dh’Obair Dheathain agus cheumnaich mi nam fhear-teagaisg agus chaidh mi sìos a Ghlaschu fad trì bliadhna, agus bha sin uabhasach fhèin math. Lean mi orm le mo spòrs agus thachair mi ri iomadach neach tlachdmhor ann an shineach.


Agus an uair sin thug mi mo chasan leam a-null dhan Spàinn airson dà bhliadhna. Bha mi a’ teagasg Beurla dha na Spàinntich thall an sin. Agus ’s e dòigh-beatha air leth annasach a bha sin cuideachd.


M: Agus carson a thill thu dha na h-eileanan?


E: Bha mi dhen bharail gun e – nach e droch, uh, dòigh-beatha a bhiodh ann, ag obair air a’ chruit. Agus aig an aon àm fhuair mi an cothrom a dhol a theagasg pàirt-ùine anns an sgoil thall ann an Ceann a’ Bhàigh, air taobh siar Uibhist. Agus bha an dà rud ag obrachdainn a-mach glè mhath – a bhith a’ teagasg agus a bhith ag obair air a’ chruit. Agus ’s ann dìreach o chionn beagan bhliadhnaichean a leig mi dhiom uallach na h-obrach sin – a bhith ag obair nam neach-teagaisg.


A thaobh ’s gun robh mi cho tìtheach air a bhith an lùib spòrs – tha – ball-coise ’s ruith ’s leum ’s mar sin air adhart, bha mi nam bhall air buidheann geamaichean Uibhist a Tuath fad mòran bhliadhnaichean agus thug mi – agus bha mi, tha mi a’ creidsinn, fichead no còig bhliadhna thar fhichead an sàs gan cuideachadh-san. Agus chòrd sin rium gu mòr, ’s tha iad a’ dèanamh air leth math gun an latha an-diugh, ’s tha mi toilichte sin a ràdh.


Cuideachd tha mi nam bhall air Aonadh nan Croitearan, agus tha sin gu math cudromach a thaobh – tha croitearachd ann an Uibhist a Tuath gu math làidir fhathast, agus tha treallaich de ghillean òga an lùib croitearachd ann an Uibhist a Tuath gun an latha an-diugh, agus gu math a thig dhaibh. Ach chì mi an-dràsta ’s a-rithist – tha an fheadhainn òga, agus feumaidh iad obraichean eile a bharrachd air an sin, a thaobh tha, tha cosgaisean a’ dol suas a h-uile bliadhna, connadh, tha, biadh airson stoc, tha, feur a thoirt a-staigh. Tha e air leth doirbh gnothaichean a thoirt air aghaidh ged a tha RET againn.


Tha atharraichean gu mòr anns na h-eileanan a-nis. Agus ann an Uibhist a Tuath tha sinn a’ faicinn sineach. Tha tractaran a’ dèanamh tòrr mòr obair a-nis. Tha contractoran a’ dol a-mach agus a’ fasdadh an cuid uidheaman thall ’s a-bhos, agus tha sin feumail, an àite uidheam a bhith aig a h-uile – an aon uidheam a bhith aig a h-uile duine a th’ ann. So tha sin na chuideachadh mòr dhan chroitear.


Tha an eadar-lìon againn a-nis, ’s tha sin a’ brosnachadh obair, dòigh-beatha a’ chroiteir. Agus tha tòrr cuideachadh ann gun teagamh. Ach tha tòrr duilgheadasan ann cuideachd.


M: Agus Eòin, dè tha romhad a-nis?


E: ’S e deagh cheist a tha sin, a Mhàiri. Tha sin gu math doirbh freagairt. Ach tha mi an dòchas gum bi ar slàinte againn, agus gum bi brosnachadh ann an croitearachd. Feumaidh sinn taic fhaighinn on riaghaltas, agus – tha – gum bi na mnathan air feadh Bhreatainn a’ ceannach feòil chaorach agus feòil-mart, agus feumaidh iadsan an cuid a dhèanamh cuideachd.

Short url:   http://multidict.net/cs/1411