This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Tug of War

An t-Iuchair air tighinn, seo an t-àm
Latha nan games, bidh sinn ann
Machair Bhaile Lòin, Uibhist a Tuath
Àite coinneachaidh airson an t-sluaigh
Latha spòrs, ruith ’s a’ leum
Car a’ mhuiltean is troimh a chèile
Gàire, càirdeas, bleadraich gu leòr
h-Uile nì mar is còir
Na àite fhèin, na àite fhèin.

Sluagh air cruinneachadh aig crìoch latha
An tug of war is toiseach a’ bhlàir
Daoine treun, ceatharnaich mòr
A’ slaodadh càch a chèile le aineolas mòr
Solas, Taigh a’ Gheàrraidh, Ceann a’ Bhàigh
Loch nam Madadh, is Beàrnaraigh
Am Baile Sear, ’s a h-uile sgìre
As aithne dhomh deisealachadh airson an t-àm
An tug of war, nuair a bhios e ann
Nuair a bhios e ann.

Bliadhna feitheamh, bliadhna an dùil
A’ slaodadh ròpa fada caol
Air oidhche fhuar, corragan gun los
A’ slaodadh làraidh le Alasdair Ruadh
Cuideam ann nach saoil ach bheir iad slaod
Cùm an ròp teann, cùm do ghrèim
Casan dìreach, na lùb do dhruim
Breab do bhròg, dèan toll as ùr
Slaodadh còmhla airson an sgìre, airson an sluagh
Aig deireadh latha, thig iad leìbh
O bhalaichibh, thig iad leibh

Seo an t-àm airson a bhith treun
An tug of war is latha nan games
A h-uile sgìre làn moit is pròis
Na balaich òga air ceann an ròpa
Gabhaibh an cuideam, cumaibh an strèana
A bheil sibh deiseil ach an dèan sibh ainm
Slaod iad cruaidh, cùm iad teann
Slaodadh còmhla is thig iad ann
O thig iad ann, o thig iad ann.

Iad a’ slaodadh, chan eil iad a’ gluasad
Fallas a’ sruthadh o na druim
Drèin air a h-uile aodann, corp a’ gabhail an strèana
Slaod an ròp, cùm e teann
Seo an èigheach a tha nan ceann
Slaodadh còmhla, slaod an ròpa
Tha iad a’ falbh, cumaibh a’ dol
Càch a’ gluasad, a’ call an los
An sluagh aig èigheach
Slaod, slaod, slaod.

Tha an ròpa air falbh, tha buannachd ann
Muinntir na sgìre a’ call an ceann
Ag èigheach ’s a’ dannsa, seo an t-àm
Seo an cupa anns an cuir iad dram
Na fir a’ leum ’s a’ sìneadh an làmh
Don sgìre a chaill am blàr
Deireadh latha gabhaidh iad dram
Còmhla san talla le smùid nan ceann
Bliadhna seachad, nis bliadhna an dùil
Cò gheibh an tug of war an ath bhliadhna, saoil
Cò aig a tha fios, cò aig a tha dùil
Cò gheibh an tug of war an ath bhliadhna
Saoil, saoil, saoil.

 

From Bi Beò album "Ma Sgaoil", with kind permission.

Short url:   http://multidict.net/cs/1469