This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Sgath Sgitheanach

’S truagh nach robh mi ann
’S truagh nach robh thu shuas
Fuaim nam cheann
’S fuaim nad chluais
Chuala mi am fonn
Chuala tu na puirt
Sluagh a’ dol dhan danns’
Gluasad thar a’ chuain

Dhan Eilean, dhan Eilean
Sgitheanach, Sgitheanach
Dhan Eilean, dhan Eilean
Hi ho ro ho eile
Dhan Eilean, dhan Eilean
Sgitheanach, Sgitheanach, Sgitheanach
Dhan Eilean, dhan Eilean
Hi ho ro ho eile

Chluich iad air an fhìdeig 
Chluich iad air an fhidheall
Chluich iad air an fheadan
Chluich iad air a’ phìob
Corragan a’ danns’
Ruidhle as dèidh ruidhle
Port as dèidh port
Cha d’ fhuair iad fois
Cha d’ fhuair iad sìth

San Eilean, san Eilean
Sgitheanach, Sgitheanach
San Eilean, san Eilean
Hi ho ro ho eile
San Eilean, san Eilean
Sgitheanach, Sgitheanach, Sgitheanach
San Eilean, san Eilean
Hi ho ro ho eile

Òrain fad na h-oidhche
Òrain fad an latha
Òrain air gaol
Mairsinn gu bràth
Sgeulachd air Sgeulachd
Spòrs is fealla-dhà
Fìor-chàirdean Sgitheanach
’S bochd nach robh sinn thall

San Eilean, san Eilean
Sgitheanach, Sgitheanach
San Eilean, san Eilean
Hi ho ro ho eile
San Eilean, san Eilean
Sgitheanach, Sgitheanach, Sgitheanach
San Eilean, san Eilean
Hi ho ro ho eile

 

From Bi Beò album "Ma Sgaoil" with kind permission

Short url:   http://multidict.net/cs/1506