This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Gilleasbuig Aotrom - air aithris leis an Sgiobair

Sgeuleachan Ghilleasbuig Aotruim air aithris le Iain “An Sgiobair” MacNeacail

Bha Gilleasbuig Aotrom, ’s e … duine a bh’ ann a bhiodh a’ falbh thall ’s a-bhos anns gach àite, sin an dòigh a bh’ aige a bhith beò. … ’S ann a Ghleann Hìniosdail shuas a … bhoineadh e. … Ach ged a bha e a’… leigeil air gu robh e rud nach robh e, … bha e … glic gu leòr air a shon fhéin. … Ach dh’fhalbh e suas latha gu ruige Port Righ agus … chunnaic e bàt’ iasgaich ann a’ shin … agus dh’iarr e … trosg orra. Cha tugadh na trosg … dha. Ach dh’fhalbh e staigh a bhàt’ ’s thug e leis fear e fhéin. … ’S ghabh e timcheall … am baile am Port Righeadh, a’ reic an trosg.

“Dé tha thu ag iarraidh air?”

“O, Tha tasdan agus glainne uisge bheatha.” … O gheibheadh e sin!

“O théid mi fhìn ’ga nighe gu ruige lón dhuibh.” … Dh’fhalbhadh Gilleasbuig gu ruige lón. … Cha tilleadh e fhéin na an trosg. … Bha e cumail an trosg aige! … Na dhéidh sin, rinn e air móran thaighean, … agus air a thàinig e air ais, thug e leis an trosg agus thilg e sa tràlair e.

“Tapadh leibhse, dhaoine còire,” ars eisean. … “Ma phàigheas e cho math dhuibhse, … ’s a phàigh e dhomhsa co-dhiù, bidh sibh glé thoilichte leis.”

Cha tug e an trosg-s’ do dhuin’ a bh’ann ach bha e ga ghlanadh a’s a’ lón dhaibh, dhan a h-uile duin’ a bh’ann, ’s cha robh e tilleadh leis. Seo an dòigh a bh’aige.


Dh’fhalbh e sin turas suas ’s bhiodh e dol suas a dh’amharc air Sutar, ’s e ministear...shuas ann an Slèite bh’ann...Ràinig e aig meadhan-oidhche ’s chuir e am ministear air a chois.

“O,” ars esan, “dé chuir...aig an àm seo a dh’oidhche thu?”

“O,” ars esan, “Bha mi airson gu faighinn àite a’s am fuirichinn.”

“O uel, gheibh thu sin,” thubhairt...Sutar ris. Seo mar a bha : ghabh e staigh, ’s fhuair e greim bidhe co-dhiubh ’s.

“O ma tha,” arsa Sutar ris, am ministear, “chan eil àit’ agamsa dhut ach air a’ lobht shuas ann a-shin ’s fuirichidh tu ann. Tha leabaidh ann a-shin agad, leabaidh mhath.”

“O glé mhath ma-tha.”

“Faigh an t-fhàradh ’s cuiridh sinn an t-fhàradh ris a(n) rud ’s gheibh thu ’s gheibh thu suas air.”

“A uel,” arsa Gilleasbuig, “ tha mi smaoineachadh, on a tha thu ràdh gu bheil a(n) leabaidh cho math sin, bu chòir dhut a dhol suas romham-sa an toiseach agus a shealltainn dhomh dé cho math ’s a tha i.” Och dh’fhalbh am ministear suas ’s nuair a chaidh e suas, thug Gilleasbuig air falbh an t-fhàradh.

“Ma tha i cho math sin,” arsa Gilleasbuig ris a’ mhinistear, “gabh do leòr go madainn dhith.” Ghabh esan a(n) leabaidh aig a’ mhinistear a-staigh a’s an taigh! Tha sin cho ceart ’s a ghabhas e!... Och bha e, air a shon fhéin a h-uile h-uair a bha e; cha robh càil ach sin aige.


O chaidh e (a) Phort Righeadh, ’s chaidh e, thug e drama dhan a h-uile duine bha sa Royal. Thubhairt Fear a’ Royal, Lachlann Ros a bh’ ann an uair sin,

“A uel, sibh tha fortanach,” ars [e], “an duine uasal a thachair ribh a-nochd!”

“O,” arsa Gilleasbuig, “cha tàinig a dheireadh ort!” ’S nuair a sheall iad bhuapa, ’s ann a bha Gilleasbuig muigh anns a’ stàball ’s e suaineadh sùganan ’s rudan timcheall air a chasan ’s air a làmhan ’s cha robh e responsible for his actions ann. Cha robh e cunntach airson càil a rinn e; sin an dòigh a bh’aig’ a’ dol timcheall...


Chaidh e turas eile, bha e ann an Ùige, ’s bha searmon comanachaidh ann. Chaidh Gilleasbuig ’s shuidh e shuas aig a’ chùbaid.

“Dé thug ort fuireach shuas a(n) sin?” fhios agad.

“A bha fhios a’m,”ars esan, “gu robh móran shionnaich ’nar measg,” ars esan. “’S b’fheàirrd’ iad brocair.” Agus sin mar a chaidh e, fhios agad, suas chun na cùbaid.


Agus nuair a chaidh iad a-mach,...chan eil fhios a’m gu dé an eaglais a bha siud gu dearbh, ach bha làir bhàn a-muigh a’ feurach le cuideigin. (’S dòcha gur ann aig a’ mhinistear fhéin a bha làir, chan eil fhios agamsa an ann go (gus) nach ann.) ’S ann a dh’fhalbh e ’s fhuair e ròp agus cheangail e ri earball na làradh e agus cheangail e ris a(n) ròp a bh’ air a’ bhell ...aig an eaglais. Nuair a ghluaiseadh a(n) làir, bha ‘gliong-gliong’ aig a’ bhell, fhios agaibh...am bell a bh’aca. (B’àbhaist bell a bhith aca air an eaglais. Bha e air eaglais Ùige uaireigin cuideachd, chan eil guth an-diugh air. Bha e ann a(n) Snitheasort cuideachd.) (SA1988.64.A1)*


* Tha an earrann seo ri fhaighinn anns an leabhar "Hebridean Song-maker; Iain MacNeacail of the Isle of Skye" le Thomas A. McKean, foillsichear: Polygon, 1997

Short url:   http://multidict.net/cs/1526