This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Ruith leis a' Ghaoith

Bòrd air a laighe
San talla mhòr
An till na daoine
Chaidh cho fada air falbh
Choimhead an rìgh
Airson an sluagh air chall
Gun fhios an tilleadh iad
Cia mheud bhiodh ann bhiodh beò

Ach a’ ruith leis a’ ghaoith
As dèidh an teine
Gan toirt air ais aon uair eile
Cho fada air falbh ri sìorraidheachd

Cuid air chall
Is thuit cuid air stall cruaidh
Is cuid a dhìochuimhnich an gealladh
A bheireadh iad air ais a-rithist
Cuid ag ithe na clachan san fhàsach
Truaghain bochd anns an dust
A’ cur an ìre gun robh iad dall
Le làmhan seachad an sùil

Ach a’ ruith leis a’ ghaoith
As dèidh an teine
Gan toirt air ais aon uair eile
Cho fada air falbh ri sìorraidheachd

An dealbh mòr dhan bheatha
Tha na snàithlean càraidh
Ag atharrachadh muinntir an àite
Nas miosa na bha iad riamh
Tog aon chorrag airson do dhorchadas
Leig leis a’ cheòl cluich
Aon bhiadh eile ri ghabhail
Ron bàs is soillearachadh latha

Ach a’ ruith leis a’ ghaoith
As dèidh an teine
Gan toirt air ais aon uair eile
Cho fada air falbh ri sìorraidheachd

 

From Bi Beò album "Ma Sgaoil", with kind permission.

Short url:   http://multidict.net/cs/1541