This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

’S tu mo ghaol

’S tu mo ghaol, mo ribhinn bhòidheach
Na do shùilean chì mi do ghaol
’S tu gach buille tha nam chridhe
Gam chumail cho beò gus an till thu a-rithist

’S tu mo ghaol, mo ribhinn bhòidheach
Nad ghàire chì mi a’ ghrian
’S tu an uiseag gam dhùsgadh sa mhadainn
Le òrain ghaoil gus an till thu a-rithist

’S tu mo ribhinn
’S tu mo ghaol
’S tu mo ghruagach
Mo ghaol gu bràth

’S tu mo ribhinn
’S tu mo ghaol
’S tu mo ghruagach
Mo ghaol gu bràth

’S tu mo ghaol, a thug dhomh a’ cheud phòg
Anns gach lus tha d’ fhàileadh cubhraidh
’S tu gach rionnag a’ deàrrsadh nam oidhche
Cur solas nam chridhe gus an till thu a-rithist

’S tu mo ghaol, mo ribhinn bhòidheach
Na do shùilean chì mi do ghaol
’S tu gach buille tha nam chridhe
Gam chumail cho beò gus an till thu a-rithist

’S tu mo ribhinn
’S tu mo ghaol
’S tu mo ghruagach
Mo ghaol gu bràth

 

From Bi Beò album "Ma Sgaoil", with kind permission

Short url:   http://multidict.net/cs/1619