This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Pàrlamaid na Cloinne ann am Barraigh (tro TeacherTube)

Air Disathairne san Earrach tha buill Pàrlamaid na Cloinne a’ cruinneachadh aig a’ phort-adhar ainmeil ann am Barraigh, far a bheil Tràigh an Ear cuideachd na raon-làighe.

Nuair a dh’fhalbhas am plèana coisichidh na buill phàrlamaid gu Tràigh an Iar, far am bi coinneamh aca airson latha sònraichte a chur air dòigh.

Tha ùidh shònraichte aca san àrainneachd. An-diugh tha iad air fiathachadh a thoirt do chàirdean is do charaidean airson an cuideachadh leis an tràigh a sgioblachadh.

A dh’aithghearr tha na buill phàrlamaid agus an luchd-cuidichidh sgapte air feadh na tràghad, agus tha iad ag obair gu cruaidh.

’S mòr am feum air a’ phròiseict seo ann an iomadach dòigh. Sa chiad àite bidh an tràigh nas glaine, nas sàbhailte, agus nas tlachdmhoire. San dàrna àite bidh a’ chomhairle gam pàigheadh airson gach poca sgudail a thogas iad far an tràigh. Tha Pàrlamaid na Cloinne cosgail, agus cuidichidh an t-airgead seo leis na cosgaisean. San treas àite tha gach ball ag amas air duais bhon John Muir Trust, agus cuidichidh an obair a nì iad an seo leis an sin.

Cha toir e fada gus tòrr sgudail a chruthachadh – na lùib rud no dhà annasach nach biodh tu an dùil fhaicinn air tràigh!

Aig meadhan latha tha picnic ann. An uair sin thèid dealbhan a thogail mar chuimhneachan air an obair a rinn iad.

As dèidh sin, feumaidh iad an sgudal a thogail far an tràigh. Airson sin a dhèanamh gu sgiobalta nì na buill phàrlamaid agus an caraidean seòrsa de shlabhraidh dhiubh fhèin.

Air an fheasgair tha cùisean air an cumail a-staigh aig Talla Coimhearsnachd Bhàgh a Tuath. Bidh na buill phàrlamaid a’ cleachdadh ealain airson coimhead air cuspairean a tha cudromach dhaibh. An seo tha a h-uile ball ag obair air pìos aige no aice fhèin. Nas fhaide air adhart thig na pìosan còmhla ann am pìos obrach fada nas mòtha.

Tha gach ball a’ sgeadachadh eun le rudan beaga bìodach a tha cudromach dhaibh, no a tha iad dìreach air a thogail air an tràigh.

Chan eil an obair seo deiseil fhathast. Cuiridh iad crìoch air aig a’ choinneamh mu dheireadh aca am bliadhna ann am Beinn na Faoghla.

An-dràsta tha an t-àm ann airson a dhol dhachaidh – chan ann dhaibhsan a tha a’ fuireach ann am Barraigh, ach feumaidh na buill à Uibhist bus agus bàta a ghabhail mus ruig iad dhachaidh.

’S e latha fada a th’ air a bhith ann, ach faodaidh a h-uile duine coimhead air ais air ùine air a deagh chosnadh, agus air adhart gu coinneamh eile a dh’aithghearr airson an obair mhath aca a chumail a’ dol.

Short url:   http://multidict.net/cs/2037