This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Foghlam Fad Beatha agus Sabhal Mòr Ostaig (tro TeacherTube)

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh mar cholaiste Ghàidhlig ann an 1973 ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Thairis air na bliadhnaichean tha e air fàs gu luath, le togalaichean ùra aig Àrainn Ostaig an toiseach, agus an uair sin faisg air làimh aig Àrainn Chaluim Chille, le seallaidhean brèagha air an Linne Shleibhteach.

An lùib nan goireasan ùra tha àiteachan-fuirich ann airson oileanaich agus ionad ùr acadaimigeach. Agus a-nist tha ionad ùr eile ann – air a bheil an t-ainm “Fàs” – airson gnìomhachasan culturail is cruthachail. An seo gheibhear stiudioan proifeiseanta airson craobh-sgaoileadh agus goireasan airson filmichean a dhèanamh.

Tha Roinn Foghlam Fad Beatha na colaiste suidhichte san togalach seo cuideachd. Seo far a bheil obair rianachd a’ dol airson nan cùrsaichean aig astar, agus airson nan cùrsaichean goirid as t-samhradh.

Tha Mìcheal Speirs, à Siorrachd Pheairt, na neach-rianachd airson cùrsaichean air-loidhne. Bidh esan a’ cumail sùil air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail a tha a’ leantail a’ Chùrsa Inntrigidh. Bidh an cùrsa seo a’ toirt luchd-ionnsachaidh gu ìre far an tèid aca cur a-steach airson cùrsa ceum làn-ùine a dhèanamh.

Tha Alex Gruba, às a’ Phòlainn, na neach-rianachd airson nan cùrsaichean goirid ann an Gàidhlig no cuspairean culturail. Bha an dithist aca – Mìcheal agus Alex – aig a’ cholaiste mar oileanaich mus do thòisich iad air na dreuchdan ùr aca.

’S ann anns an ionad acadaimigeach ann an teis-mheadhan na colaiste a bhios daoine a’ tighinn còmhla gach latha. Seo far an gabh oileanaich agus luchd-obrach am biadh. Tha sin a’ toirt cothrom dhan a h-uile duine bruidhinn ri chèile, agus ’s dòcha beachdan ùra a chluinntinn.

Tha leabharlann ainmeil anns an aon togalach cuideachd. Tha cruinneachadh mòr de leabhraichean ann, cuid dhiubh gu math aosta is prìseil. ’S e àite sàmhach sìtheil a th’ ann cuideachd, a tha gu math feumail do luchd-teagaisg is oileanaich airson an cuid oideachaidh no rannsachaidh.

Tha seòmraichean a bharrachd ann airson an luchd-obrach, far an tèid aca coinneamhan làitheil a chumail, mar eisimpleir.

Cuideachd, tha bùth ann airson nan oileanach, an luchd-obrach, agus na coimhearsnachd air fad. A bharrachd air leabhraichean, gheibhear ceòl, pinn is pàipear, agus aodach an seo.

Aig deireadh an latha ’s urrainn dha na h-oileanaich a dhol air ais dha na seòmraichean aca fhèin anns an tùr. An seo faodaidh iad am biadh aca fhèin ullachadh, mas e sin as fheàrr leotha, le sealladh eireachdail tro uinneag a’ chidsin a bheir togail dhaibh.

’S ann airson nan oileanach a tha a’ cholaiste. Gach madainn tha latha slàn romhpa a bheir beachdan is fiosrachadh ùr dhaibh ann an àite air leth.

Short url:   http://multidict.net/cs/2046