This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Iain Tormod MacLeòid (tro TeacherTube)

Chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh sa bhliadhna naoi ceud deug seachdad ’s a trì. Aig an àm sin – well, chaidh – bha sinn ga h-ainmeachadh mar colaiste Ghàidhlig, agus bha cùrsaichean goirid air an tabhann, agus cuideachd chaidh leabharlann a stèidheachadh.

Cha ’reid mi aig an àm sin gu robh na h-urrasairean buileach cho cinnteach dè seòrsa planaichean a bh’ ann. Mar a thuirt mi ’s e colaiste Ghàidhlig – chaidh a stèidheachadh mar cholaiste Ghàidhlig, ach an uair sin an ceann deich bliadhna bha, bha iad ag obair air cùrsaichean ’s bha iad fhèin a’ faicinn am feumalachd mòr a bh’ aig a’ Ghàidhealtachd air ionad foghlaim a bha a’ teagasg aig an treas ìre, tha – tertiary mar a chanas sinn sa, sa Bheurla – agus chaidh an cùrsa a bha seo stèidheachadh. ’S e cùrsa HND – Higher National Diploma, teisteanas àrd-ìre – ann an gnìomhachas agus foghlam na Gàidhealtachd, agus thòisich mi fhìn anns a’ bhliadhna a bha sin – naoi ceud deug ochdad ’s a trì.

Thòisich sinn le seachd oileanaich, agus tha – mar a bhios mi ag innse a-rithist – tha an t-àite a tha seo air fàs, Sabhal Mòr air fàs gu mòr, an àireamh chùrsaichean agus an àireamh de dh’oileanaich. Ach bha e, bha e gu math cudromach aig an àm sin airson nuair a thòisich sinn a’ teagasg an cùrsa a bha seo gu tur tro mheadhan na Gàidhlig cha robh foghlam bun-sgoil no foghlam àrd-sgoil air an stèidheachadh, tha, tro mheadhan na Gàidhlig co-dhiù – tha, tha mi a’ smaoineachadh gun do thòisich foghlam bun-sgoil bliadhna no dà bhliadhna as dèidh sin.

Ach leudaich a’ cholaiste, agus thàinig an leudachadh as mòtha, tha mi a’ creidsinn, deich bliadhna as dèidh sin nuair a fhuair sinn togalach ùr, tha, ’s e an togalach a bha sin – bha sinn gu h-àraid, uh, well bha àiteachan-fuirich san togalach a bha sin. Agus cuideachd, ’s e rud eile, bha leasachaidhean mòra a’ tachairt taobh telebhisein. Agus chaidh stiùidio telebhisein a stèidheachadh aig a’ cholaiste. Agus bha sin, bha na cùrsaichean, agus na h-àireamhan oileanaich a’ sìor-leudachadh, agus le cùrsaichean, le, le àite-fuirich, bha e gu math cudromach airson bha e a’ toirt dhuinn barrachd cothroman air oileanaich bho àiteachan eadar-dhealaichte, bha e caran doirbh àite-fuirich fhaighinn sa choimhearsnachd. Agus cuideachd bha e math thaobh cùrsaichean goirid feadh an t-sàmhraidh, agus cuideachd co-labhairtean. Ach thòisich sinn, chùm sinn oirnn a’ leudachadh, agus, tha, beagan bhliadhnaichean, well, naoi ceud deug naochad ’s a ceithir, thòisich sinn a’ compàirteachadh ann am pròiseact, uh, Oilthigh na Gàidhealtachd - ’s e pròiseact a bh’ ann, aig, aig an ìre sin. Agus an ceann ceithir bliadhna eile bha cùrsaichean ceum air an dealbh, ’s air an dearbhadh, agus air an lìbhrigeadh. Thòisich sinn ann an naoi ceud deug naochad ’s a h-ochd a’ teagasg cùrsaichean, cùrsaichean ceum. Agus sin mar a tha cùisean bhon uair sin.

Agus air a’ bhliadhna seo fhèin, tha faisg air dà cheud oileanach againn a-niste air cùrsaichean àrd-ìre. Agus tha, air cùrsaichean adhartach, FE mar a chanas sinn, tha, tha mi a’ smaoineachadh, ceud agus fichead ’s a dhà air cùrsa, cùrsa inntrigidh, inntrigidh a chanas sinn ris. Tha sin a’ toirt cothrom do dh’oileanaich, tha, a tha a’ tòiseachadh air Gàidhlig - ’s e cùrsa, dìon-chùrsa air astar a th’ ann – agus gheibh iad gu ìre far am faod iad a dhol air adhart gu na cùrsaichean ceum.

A bharrachd air sin tha na cùrsaichean goirid againn fhathast, agus tha na h-àireamhan air na bliadhnaichean mu dheireadh ann an sheo, tha iad air a bhith – well, tha mi a’ smaoineachadh, an uiridh bha mu seachd ceud, bha barrachd na sin a’ bhliadhna, a’ bhliadhna roimhe. Mar sin tha cùrsaichean goirid fhathast gu math cudromach.

’S tha rannsachadh air a bhith a’ leasachadh gu mòr, no na cothroman a thaobh rannsachadh air a bhith a’ leasachadh gu mòr. Tha oileanaich PhD againn ann an sheo, air an làrach a-nist. Ach cuideachd tha pròiseact rannsachaidh gu math cudromach gu bhith, gu bhith a’ tachairt a dh’aithghearr - ’s e sin pròiseact eadar-oilthigh – tha, agus tha e gu mòr airson a bhith, tha, a’ leasachadh ’s ath-bheothachadh na Gàidhlig, agus mar sin bidh barrachd luchd-obrach ann an sheo, ach bidh bun-structar rannsachaidh air a thogail anns a’ cholaiste a tha seo ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cho fìor-chudromach gu bheil fiosrachadh ’s rannsachadh againn mu dheidhinn staid, staid ar cànain, ciamar a tha sinn a’ dol ga leasachadh. Agus aig cridhe a h-uile rud a tha a’ cholaiste a’ dèanamh ’s e a’ Ghàidhlig.

’S e prìomh amas na colaiste a bhith a’ glèidheadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig. Agus mar a tha mi air a bhith ag ràdh tha sinn a’ dèanamh sin ann an grunn dhòighean thaobh an teagasg, a thaobh an rannsachadh, ach cuideachd ann an dòighean eile a thaobh cultar – a bhith a’ brosnachadh cultar. Agus tha feadhainn dhe na h-obraichean againn ann an sheo ceangailte ri sin. Mar eisimpleir tha sgrìobhaiche aig a’ cholaiste, agus cuideachd ceòladair, agus a-nist an neach-ealain cuideachd.

Agus dh’fhaodadh duine ag ràdh a’ mhòr-chuid dhen obair a tha sinn a’ dèanamh, can na cùrsaichean goirid, tha e mu dheidhinn cultar. Tha ceòl is cànan is iomadach rud eile a’ tachairt feadh, feadh an t-sàmhraidh ann an sheo.

Agus dìreach airson crìochnachadh tha mi a’ smaoineachadh, dìreach a thaobh inbhe, gu bheil a’ cholaiste air a bhith a’ cosnadh inbhe agus cliù thairis air na, thairis air na bliadhnaichean. Tha an aithne a tha seo againn a-niste mar ionad nàiseanta airson cànain, airson Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig, agus tha, bhon an ùine a tha mise air a bhith ann an sheo co-dhiù, ’s e àite a th’ ann, a tha a’ sìor-fhàs, agus a chumas air a’ fàs cuideachd, airson tha planaichean mòr againn cuideachd airson an ath fichead bliadhna.

Well, tha an obair aig Sabhal Mòr Ostaig a’ còrdadh riumsa fìor mhath. Tha, tha còig bliadhna fichead, well tha barrachd, aidh, seachd bliadhna fichead, tha sia, seachd bliadhna fichead ann bhon a thòisich mi aig a’ cholaiste, agus feumaidh mi ràdh – well ’s e tlachd mòr a th’ ann a bhith ag obair còmhla ri oileanaich. ’S e, ’s e foghlam aon de phrìomh obraichean na colaiste, agus adhbharan na colaiste, agus tha an obair agam fhìn gu mòr a thaobh foghlaìm. Agus tha e math a bhith a’ faicinn oileanaich a’ dèanamh uiread de dh’adhartas, oileanaich a’ tighinn gu fileantachd, oileanaich an uair sin ann an obraichean, agus tha e math cuideachd a bhith a’ faicinn dìreach mar a tha an t-àite a tha seo air a bhith a’ fàs. Agus cuideachd, ’s e rud eile, tha mi fhìn gu math toilichte san sgìre a tha seo. Tha mi a’ smaoineachadh gun e àite air leth breàgha a th’ ann an Slèite agus ’s e deagh choimhearsnachd a th’ ann, a bhith a’ fuireach ann. Agus mar sin tha, a thaobh na h-obrach feumaidh mi aideachadh – agus far a bheil mi – gu bheil mi gu math toilichte.

Short url:   http://multidict.net/cs/2047