This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Alex Gruba, Kathleen Reddy, Mìcheal Speirs (tro TeacherTube)

Kathleen: ’S mise Kathleen Reddy agus ’s ann à Alba Nuadh a tha mi. Rugadh mi ann an Ceap Breatainn, agus, uh, an-dràsta tha mi nam oileanach an seo aig Sabhal Mòr Ostaig.

Mìcheal: ’S e Mìcheal an t-ainm a th’ orm. Tha mi ag obair aig Foghlam Fad Beatha, ’s tha mi a’ fuireach ann an Tarscabhaig ann an Slèite, ach ’s ann à Siorrachd Pheairt a tha mi bho thùs.

Alex: Em, is mise Alex. ’S ann às a’ Phòlaind a tha mi, agus tha mi a’ fuireach ann an Àird a’ Bhasair a-nis. Eh, bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig airson bliadhna. Bha mi ag obair aig a’ cholaiste mar neach-glanaidh agus bha clasaichean Gàidhlig beag againn gach latha. Agus dìreach aon latha smaoinich mi carson nach ionnsaich mi Gàidhlig. Agus sin e, rinn mi sin airson bliadhna.

Kathleen: Tha mi a’ dèanamh cùrsa far a bheil mi ag ionnsachadh Gàidhlig ach cuideachd ag ionnsachadh, uh, mu dheidhinn lìtreachas is dualchas is cultar is eachdraidh nan Gàidheal, ’s tha ùidh mhòr, ùidh mhòr agam, uh, anns na cuspairean sin.

Mìcheal: Em, agus a-nis tha mi ag obair làn-thìde air na cùrsaichean air-loidhne agus a’ dèanamh Gàidhlig a Dhà mar aon mhodule aig an aon àm. Um, agus tha e a’ còrdadh rium a bhith ag obair ann an sheo, ag obair còmhla ri daoine a tha a’ feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh, a’ feuchainn ri faighinn air cùrsaichean, agus tha e glè mhath gu bheil cùrsaichean aig astar ann, gu bheil daoine anns na Stàitean, agus nas fhaisge na sin cuideachd, ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Em, ach tha mise an dùil gu bheil e nas fheàrr a bhith anns a’ cholaiste fhèin ag ionnsachadh làn-thìde, ach chan eil an cothrom sin aig a h-uile duine.

Kathleen: Well, ’s e àite uabhasach brèagha a th’ ann. Chanainn sin. Um agus tha na daoine, an luchd-obrach, gu math càirdeil ’s cuideachail. Tha e a’ còrdadh rium a bhith an seo.

Alex: Tha mi a’ bruidhinn air a’ fòn le daoine a tha ag iarraidh a dhèanamh cùrsaichean goirid, aig Gàidhlig, neo cultar, neo ceòl, neo dannsa-ceum, agus rudan mar sin. Tha e inntinneach, agus tha mi a’ bruidhinn ri daoine diofraichte gach latha, gach uair, agus tha e math.

Kathleen: Well, tha mi air a bhith a’ teagasg air na cùrsaichean goirid as t-sàmhradh an seo, is cuideachd air a’ fòn a’ teagasg nan cùrsaichean aig astar. Um, agus tha mi air a bhith a’ teagasg air beulaibh chlasaichean fad beagan bhliadhnaichean, ach bha e caran eadar-dhealaichte a bith a’ bruidhinn ri clas air a’ fòn an àite a bhith air beulaibh chlas. Agus an toiseach bha e car neònach, ach, uh, tha e a’ còrdadh rium, agus tha na, na h-oileanaich uile deònach mar as àbhaist, agus, uh, tha e ag obair. Bidh daoine a’ faighneachd dhìom, well, ciamar a tha sin ag obair? An gabh sin dèanamh? Clas aig astar mar sin. Agus, agus gabhaidh, tha, tha e ag obair agus tha iad ag ionnsachadh, agus ’s e rud math a th’ ann gu bheil an cothrom sin aig daoine, well, feadhainn a tha a’ fuireach ann an Alba, no ann an Sasainn, no fiù ’s san Roinn Eòrpa, ’s na Stàitean, a bhith a’ dèanamh cùrsa, um, leantainneach, uh, far a bheil cothrom aca a bhith, uh, a’ tighinn air adhart leis a’ Ghàidhlig, leis a’ chànan, agus tha sin aca leis na cùrsaichean aig astar an seo, agus ’s e rud math a th’ ann.

Short url:   http://multidict.net/cs/2048