This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Dhan Chamara: Gòrdan Wells (tro TeacherTube)

Hello, ’s mise Gordon Wells agus tha mi air a bhith an sàs sa phròiseact seo, Guthan nan Eilean, fad ceithir no còig bliadhna a-nis. A-nis tha sinn aig deireadh Sreath a Dhà, agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil ceud gu leth videos a-nis againn air loidhne, air a’ bhlog, agus tha tòrr stuth sgrìobhte agus, uh, pìosan audio ann an shin cuideachd. Ach an àite a bhith a’ coimhead air ais, b’ fheàrr leam an-dràsta a bhith a’ coimhead air adhart ris na tha fainear dhuinn, uh, airson na bliadhnaichean ri teachd, um, agus gu h-àraid an obair a tha sinn airson – uh, a dhèanamh, uh, cuide ri buidhnean sa choimhearsnachd, uh, Cothrom agus Am Pàipear, mar eisimpleir.

Chun na h-ìre sa tha sinn air a bhith ag amas air luchd-ionnsachaidh gu h-àraid, um, le bhith a’ clàradh, uh, mar a bhios daoine a’ bruidhinn anns a’ choimhearsnachd. Nis, tha cùisean a’ gluasad gu math luath an-dràsta. Uh, faodaidh duine sam bith le laptop agus camara,uh, am film – film a dhèanamh agus a chur air YouTube. Agus an uair sin, uh, faodaidh tu na filmichean agad a chur ri chèile air blog, mar eisimpleir, agus faodaidh tu an cur ann an òrdugh sam bith a thogras tu. Nis, tha sin gu math feumail agus gu math cudromach, uh, do luchd-ionnsachaidh. Tha sin a’ ciallachadh, um, gu, gur urrainn dhaibh, uh, an cànan a chluinntinn, uh, ann an àite sam bith san t-saoghail, cha mhòr, um, far a bheil, uh, ceangal aca ris an eadar-lìon.

So, dè an ceangal eadar sin agus Guthan nan Eilean, Cothrom, agus Am Pàipear? Well, an rud a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh an ath-bhliadhna ’s e gum faigh barrachd dhaoine sa choimhearsnachd an sàs sa phròiseict seo le bhith a’ clàradh video no audio – no audio, no sgrìobhadh sgeulachdan, ’s dòcha, agus an uair sin gan cur air beulaibh an t-sluaigh. Um, ’s e glè bheag de dh’àiteachan san dùthaich seo, uh, far a bheil dà chanan a’ dol aig an aon àm, agus, uh, tha sinne ann an sheo cleachdte ri bhith a’ dol air ais is air adhart eadar an dà chànan againn fad an t-siubhal. Agus ’s e, ’s e comas sònraichte a tha seo, um, comas a bhiodh tòrr dhaoine eile ag iarraidh, ’s dòcha, uh, aig nach eil ach aon chànan, agus, uh, san t-seagh sin faodaidh sinn smaoineachadh oirnn fhìn, tha mi a’ creidsinn, mar sheòrsa de, de mhodel mar gum biodh, no, no eisimpleir, uh, do dhaoine eile. Agus ma tha sin fìor, uh, nach eil còir againn na sgilean againn, agus na cànanan againn a thoirt gu aire an t-saoghail mhòir, mar gum biodh?

So dè a dh’fheumas sinn airson sin a dhèanamh? Well chan fheum sin mòran a bharrachd air na th’ againn mar-thà – um, rud beag trèanadh, ’s dòcha, le coimpiutaireachd, no, um, rud beag – cuideachadh leis a’ chànan an siud ’s an seo, ’s dòcha, agus an uair sin làrach-lìn, uh, far an cuir sinn an obair a nì sinn, um, gus am faic daoine eile, uh, na tha sinn air a bhith ris. Agus, uh, sin far a bheil Cothrom agus Am Pàipear a’ tighinn a-staigh. Tha sinn airson sgeama a chur air dòigh, “Guthan nan Eilean sa Choimhearsnachd”, ’s dòcha. Agus, um, ma, ma tha feum agad air trèanadh no cuideachadh an toiseach, uh, faodaidh tu sin fhaighinn aig, uh, aig Cothrom. Agus an uair sin, uh, ’s urrainn dhut an obair a, a nì thu a chur chun Phàipeir. Agus chì thu ann an clò e, ’s dòcha, sa phàipeir fhèin, um, no co-dhiù co-dhiù air, air làrach a’ Phàipeir. Agus, um, ’s urrainn dhut rudeigin a sgrìobhadh, no ’s urrainn dhut audio no video a chlàradh, agus an uair sin, um, bidh e, uh, ri fhaicinn air, air làrach a’ Phàipeir, agus sin an rud a tha cho math mu dheidhinn an eadarlìon.

Bhiomaid airson gun gabhadh duine sam bith sa choimhearsnachd pàirt anns a’, sa phròiseict a tha seo. Um, cha bu chòir do dhuine sam bith a bhith a’ smaoineachadh nach eil an cuid, Gàidhlig no Beurla, math gu leòr. Bheir sinne cuideachadh dhuibh leis, leis a’ chànan agus leis an teicneòlas, agus cha chuir sinn dad ann an clò nach eil, no, no air loidhne nach eil a h-uile duine toilichte leis. Actually airson cànan ionnsachadh ’s e dòigh mhath a th’ ann a bhith gad chlàradh fhèin bho àm gu àm. Agus, gu dearbh, tha mi air deagh obair fhaicinn a chaidh a dhèanamh le luchd-ionnsachaidh – uh, mar eisimpleir, am film a chaidh a dhèanamh, uh, aig Kallinn Shellfish, uh, leis na daoine à Poland agus à Latvia a tha ag obair ann an shin.

So, mas ann às an àite seo fhèin a tha sibh, agus tha sibh a’ smaoineachadh gur dòcha gum biodh ùidh agaibh sa phròiseict seo, um, cuiribh fios thugamsa, no gu Cothrom no chun Phàipeir. Agus ma tha sibh a’ fuireach nas fhaide air falbh, uh, faodaidh sibh fhathast na beachdan agaibh, na molaidhean agaibh, na ceistean agaibh a chur thugainn air a’ bhlog. Um, tha buidhnean againn anns a’ choimhearsnachd a tha seo, Cothrom agus Am Pàipear, uh, a bheir cuideachadh an dà chuid do mhuinntir an àite agus, uh, do dhaoine nas fhaide air falbh. Agus tha mi an dòchas gun tèid againn air rudeigin ùr inntinneach a dhèanamh, uh, a bhios cuideachail dhan a h-uile duine.

Short url:   http://multidict.net/cs/2075