This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Smocadh

Am bu chòir dhuinn smocadh a thoirmeasg ann an càraichean?

 

 BPA a' cur iomairt slàinte chloinne air bhog agus òrdugh ga thoirt dha na mòr-bhùthan pacaidean thoitean an cuir am falach

 A bheil e a' dèanamh iomagan dhut gum bi inbhich a' smocadh ann an càraichean fhad's a tha clann ann an cùl a' chàr?

Tha, dha aon neach-poileataics Albannach. Tha e a' faireachdainn nach eil sin ceart agus an-diugh tha e a' cur iomairt air bhog gus an cleachdadh a thoirmeasg.

Thòisich an iomairt aige air an aon latha a thàinig riaghailtean ùra a-steach a' cur stad air mòr-bhùthan bho bhith a' taisbeanadh phacaidean thoitean far am faicear iad.

Thuirt Jim Hume BPA, Libearalach Deamocratach: "Chan eil e a' coimhead cothromach gum bu chòir leanabh a bhith glaiste ann an càr a tha làn smùid.

"Nuair a smaoinicheas tu air a' bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt air slàinte leanabh an-dràsta agus san àm ri teachd, tha e soilleir gum feum sinn nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus clann a dhìon agus toiseach beatha math a thoirt dhaibh."

Tha Mgr Hume air taic fhaighinn bho ghrunn bhuidhnean leithid Bunait Cridhe Bhreatainn, Bunait Sgamhan Bhreatainn, Clann ann an Alba agus ASH na h-Alba agus a-nis tha e ag iarraidh bheachdan dhaoine eile.

Bheir e na co-dhùnaidhean aige gu Pàrlamaid na h-Alba an ath mhìos.

Ann an 2011 rinn Naidheachdan an Daily What aithris air mar a bha dotairean ag iarraidh seo a thoirmeasg. Aig an àm, sgrìobh sgoilear leis an t-ainm Anna air a' bhòrd beachdachaidh: "Tha mi den bheachd gum bu chòir smocadh ann an càraichean a thoirmeasg oir tha e gu math cunnartach agus na chron do chlann òga agus inbhich òga. Cuideachd, ma tha a' chuing ort faodaidh e a bhith air leth puinnseanach agus do chuing a dhèanamh nas miosa.

 

Short url:   http://multidict.net/cs/2079