This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Òran do Sgoilearan Chàirinis, le Tormod MacGill-Eain

Sgoil Chàirinis 1914

Tha ceud bliadhna a-nis bhon là
A theann Breatainn ris an spàirn;
Biodh cuimhn’ agaibh tha beò an-dràst’
Na bha dher daoin’ san àraich.

B’ e fear dhiubh sin mo sheanair fhìn
Chaidh dhan nèibhidh ’s nach do thìll,
Tormod Ailein, fad’ o thìr,
Cha chuir an àird e ’n fhìdeag.

B’ eòlach e, mar sibh-se, chlann
Air Fèidh na Fala ’s an Teampall thall,
Mo mhàthair dh’fhàg e ’n èiginn lom,
Tha ionndrainn orr’ le chèile.

Soraidh gràidh le nighean òg,
A chùl-thaobh rith’ a’ dol air bhòids’,
Gur duilich leis ’s gun e na còir,
An nochd nì e seòladh.

’S tìm do Thormod dhol air bòrd,
A ghleachd ar saors ’s a chath nar còir.
Is daor a choisinn e a leòn
Aig Cabhlachd a’ Chèasair.

Tha ’n nighean bheag ga claoidh le cràdh,
Bho chual’ i h-athair bhith fon t-sàl,
A ‘Holderness’ sa ghrunnd a’ tàmh,
’S e fhèin aig crìch a rèise.

Saoil sib’ fhèin an fhiach bhith strì,
An liuthad òigear marbh nar lìnn,
Ginealaich gan gearradh sìos,
Nar measg ’s air feadh an t-saoghail?

’S e mo ghuidhe dhuibh, a chlann,
Gun tog sibh leasan às mo rann;
Gun riaghladh sìth san t-saoghal a th’ ann -
Sin dìleab buan Sgoil Chàirinis.

Tormod MacGill-Eain

Short url:   http://multidict.net/cs/2307