This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Sùilean Dubh nan Eilean

’S iomadh deòir a thuit om shùil gam thoirt gu seo an-dràst’,
A liuthad cràdh a dh’fhuiling mi nam bheatha gu do ghràdh
Chuir thu mi am mullach saoghail chun rionnag as àirde
A’ faicinn am moit tha nad shùil gun d’ fhuair mi ann led ghràdh.

’S tu mo leannan, ’s tu mo rionnag, aingeal nar measg.
’S tu mo stiùir gam chumail air cùrsa, sùilean dubh nan eilean.

A liuthad rathad a chaidh mi ceàrr a’ coiseachd troimh an t-saoghail,
Ach thug thu dhomh do làmh is stiùir thu mi a-null.
Ghlèidh thu mi am measg nan stoirm is dh’acraich thu mi teann,
O do ghuth a’ togail m’ innt’ gum bi tu còmhnadh ann.

’S tu mo leannan, ’s tu mo rionnag, aingeal nar measg.
’S tu mo stiùir gam chumail air cùrsa, sùilean dubh nan eilean.

O cho tric a chaidil mi nad ghàirdeanan gu teann,
Do mheuran a’ cluich lem ghruag, ’s do phògan ri mo cheann
Cha ghabh tè eile gu bràth d’ àite, oir ’s ann leat tha mo chridhe
Bheir am bàs faochadh mòr, ’s bidh sinne còmhla a-rithist.

’S tu mo leannan, ’s tu mo rionnag, aingeal nar measg.
’S tu mo stiùir gam chumail air cùrsa, sùilean dubh nan eilean.

 

From Bi Beò album, "Ma Sgaoil" with kind permission

Short url:   http://multidict.net/cs/2514