This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Bacadh air a’ ghaoith agus sàbhaladh airgid

Tha mi a’ dol a shealltainn dhuibh ciamar a nì sibh draught-excluder, gu math èifeachdach, saor, maireannach, air cosgas gu math ìseal, leis an stuth seo iongantach.

Tha sinn fhathast anns a’ Ghearran. Ged a tha cuid mhòr den gheamhradh seachad, tha cuid fhathast a’ tighinn. Tha sneachda sa forecast airson a-nochd. Latha ceart gu leòr a-màireach. Ach sin an rud as miosa - a’ ghaoth a’ tighinn an ath sheachdain agus fuachd agus sneachda.

Chan eil na togalaichean ann am Breatainn air an deagh thogail idir, a’ chuid as motha dhiubh. Chan eil iad ro dhìon an aghaidh na gaoithe. Mar eisimpleir, bha fan mór an sin agus a’ ghaoth a’ sèideadh troimhe mus do chuir mi stobadh air sin le cardboard agus sellotape.

Aig an doras seo, bha beàrn mòr eadar na dorsan, leth òrlach. Chì thu an latha, centimetre ann a shin. Tha mi air sin a stobadh mu-thràth. Tha mi a’ beachdachadh air bonn an dorais a dhèanamh. Tha pàipear ann a shin; chan eil dad ann an sheo fhathast.

Agus tha mi air fear de na patent draught excluders agam a chur air bonn an dorais sin. Roimhe seo bha thu a’ faicinn solas an latha a’ tighinn tron doras seo agus a’ ghaoth a’ séideadh troimhe. Tha doras teine an seo agus bidh daoine a’ dol a-mach agus ga fhàgail fosgailte, go math tric.

So, seallaidh mi dhuibh a-nis ciamar a tha thu ga dhèanamh. Feumaidh sinn tomhais a dhèanamh an toiseach. Chan eil ann ach pìos beag, so nì seo an gnothach airson tomhais. Cuiridh mi seo ann, agus cuiridh mi comharradh le peansail. Agus an uair sin, cuiridh mi seo air a’ bhòrd an seo. Agus gheibh mi an Duck Tape. ’S e stuth iongantach a tha seo. Tha e uabhasach làidir. Feumaidh tu a bhith faiceallach nach greimich e ris fhèin. A-nis, tha mi a’ cur an treas cuid den leud sìos air a’ bhòrd ann a shin. Agus gu faiceallach, a’ cur an treas - o mo choireagan - an treas cuid an seo cuideachd. Tha mi a’ smaoineachadh gur e faisg air an treas cuid a tha sin. A-nis gearraidh mi seo leis a’ sgian Eilbheiseach. Sin e. Gu math. Tha sinn gu bhith deiseil.

A-nis, seo am pìos a tha doirbh ge-tà. Tha an treas cuid ann a shin, a dhà-thrian ann a shin, feumaidh mi seo a phasgadh air ais air fhèin gu faiceallach. Sin e. Tha mi a’ dol sìos air mo ghlùinean. ... dol gu math. Tha e nas dorra nuair a bhios pìos fada fada agad, mar a bha... Tha seo a’ greimeachadh an seo; feumaidh mi a tharraing air ais rud beag. Sin agad e. Glè mhath. Agus cuimhnich, chan eil seo a’ cosg ach còig sgillinn.

Dìreach ceart. Tha sin math gu leòr. A bheil e ag obrachadh? Bhuel, a’ sguabadh air an ùrlar rud beag, a’ dèanamh beagan fuaim, ach chan eil e dona.

A-nis. Dè tha sin a’ cosg? Chaidh mi gu Amazon agus tha rolag mar sin, lethcheud metre, a’ cosg dà not, naoi air fhichead sgillinn. Sin agad nas lugha na còig sgillinn gach metre. Còig sgillinn airson pìos mar seo, agus tha kilowatt-hour de dhealan - seo an teasadair dealain - a’ cosg còig sgilling deug. Ma tha seachdain gaoithe agad, tha thu a’ sàbhaladh is dòcha iomadh kilowatt-hour de dhealan leis a sin, agus am payback time dìreach latha no dhà. Nach eil sin math!

Short url:   http://multidict.net/cs/2607