This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Blàr Chàirinis

Anns a’ bhliadhna sia ceud deug ’s a h-aon thàinig sgioba às na Hearadh agus ràinig iad air tìr ann an Sìdinis ann an Uibhist a Tuath. ’S e droch sheat a bh’ annta, agus an ceannard a bh’ aca Dòmhnall Glas, fear dha na Leòdaich a bha airson sgrios a dhèanamh air muinntir a’ chinn a Tuath. Choisich iad – tha mi smaoineachadh gu robh còrr air dà fhichead dhiubh anns a bhuidheann – choisich iad à Sìdinis gu ruige Càirinis. Agus nuair a ràinig iad Teampull na Trianaid theich a h-uile duine a bha mun cuairt. Na dìolacha-dèirce ann an Càirinis – bha iad air an stòras aca a chur dhan Teampull, a' saoillsinn gum biodh e sàbhailte ann an sin. Ach co-dhiù nuair a thàinig na Tearaich chuir iad ruaig oirre is dh’fhalbh na boireannaich a’ sgiamhail ’s a rànaich.

Coma leibh co-dhiù, gun fhiosta dhaibh, thàinig Mac Iain ’Ic Sheumais à Deas. Cha chreid mi nach ann a Èirisgeidh a thàinig e an toiseach, agus choisich e suas (uill, choisich iad mar a chanas iad ann an Uibhist, sìos) gu Tuath, fad Uibhist a Deas, fad Beinn na Faoghla, tarsainn air an fhadhail agus ràinig iad Càirinis. ’S chaidh iad air falach air cùl na Teampull.

A-nis, aig àm àraid, tha mi a’ smaoineachadh mu thrì uairean feasgar, thàinig Dòmhnall Glas agus gille bha ri thaobh le pige na laimh. Agus o chionn ’s gu robh e a’ feuchainn ri dhèanamh fhèin pròiseal is mòr dh’iarr e air a’ ghille deoch làidir a dhòrtadh dhan bhobhla a bha seo, cuach a bha seo.

Agus, co-dhiù, rinn an gille mar a chaidh iarraidh air. Dhòrtaich e an deoch làidir dhan bhobhla, agus am fear a bha greimeachadh ris a’ bhobhla, thog e i. Agus bha e dìreach an imis an cuach a chur ri bhilean nuair a thàinig guth socair, a ràdh: ‘Dhòrt thu i. Ach cha ghlug thu i.’ Agus an ath rud, mun can thu ‘Dia leat’, saighead tron sgòrnan aige. Thuit e marbh, ach Dòmhnall Glas – ’s e a dh’aithnich. Ars esan, ‘Chan eil eadar Càirinis ’s An Lùdag ach aon fhear a dhèanadh rud mar sin, agus ’s e sin Mac Iain ’Ic Sheumais.’

Cho luath a thuirt e na faclan, na thàinig na Dòmhnallaich a-mach far an robh iad air am falach agus thòisich iad leis na boghaichean ’s na saighdean, agus mharbh iad – tha mi a’ smaoineachadh gur e dusan air fhichead dha na Leòdaich ann am Blàr Chàirinis. Agus sin a dh’fhàg an t-ainm ‘Feith na Fala’ ann an Càirinis – tha e ann chun an latha an-diugh.

Agus Mac Iain ’Ic Sheumais fhèin, chaidh a leòn. Chaidh saighead na shliasaid ann a sheo, agus tè dha na boireannaich, bha ise a’ deoghail air an leòn, agus ’s ann mar sin a ghlan i an lot a bha na shliasaid. Agus tha sin ri innse anns an òrain ‘A Mhic Iain ’Ic Sheumais’. Agus cha chreid mi nach eil Julie Fowlis ga ghabhail, no tè dha na boireannaich tha siud, chan eil cuimhne agam a-nist, ach bhiodh e gu math inntinneach a chluinntinn. Ach co-dhiù, sin mar a chuala mise mu Bhlàr Chàirinis agus Feith na Fala.

Short url:   http://multidict.net/cs/3072