This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Aon Fheasgar - le Pòl MacAonghais

Cha robh Tormod ach naoi ach an-diugh tha cudrom eagalach a’ laighe air a spiorad òg. Shocraich e e fhèin air cloich chruinn air cùl na cruaiche agus dh’fheith e gus an nochdadh càch. Dè chanadh iad? Dè chanadh iad nuair dh’innseadh e dhaibh? Saoil am biodh Dòmhnall Ruadh nam breacadh-seunain a’ magadh air ’s a’ tarraing às? ’S cinnteach gum bitheadh.

’S e Dòmhnall bu shine den chloinn mun cuairt ’s bha e tuilleadh is bragail uaireannan. Nach robh Malag ag ràdh dìreach a-raoir fhèin gun robh a h-uile duine a’ toirt an aire cho mì-mhodhail ’s a bha e a’ fàs ’s gum bu cheutach do athair beagan ceannsachaidh a dhèanamh air.

Ach co-dhiù, cha dèanadh Màiri no Eòghann no Ruairidh magadh air – Màiri co-dhiù. Nuair dh’innseadh e dhi mar thachair, dh’fhàsadh a sùilean mòra na bu chruinne ’na bu thlàithe le iomagain agus bhiodh truas mòr a cridhe aice ris.

Ach gu dè bha gan cumail, ge-tà? An fhaod a bhith nach robh an t-uisge ’s a’ mhòine aca a-staigh a-nis? Bu chòir dhaibh greasad orra; mura tigeadh iad a dh’aithghearr dheigheadh a’ ghrian fodha ’s chan fhaigheadh iad cead tighinn a chluich.

Thàinig Malag timcheall oisein na cruaiche. “Ò... ’n ann an sin a tha thu? Na gabh fuachd nad shuidhe an sin fad an fheasgair. Cia mheud poca thug thu a-staigh?”

“Trì.”

“Feuch gun dean sin an gnothach, ma-tà. Tha fuine agamsa ri dhèanamh a’ chiad char sa mhadainn. Feuch gum fuirich thu faisg air làimh. Tha agad ris a’ chrodh a thoirt dhachaigh, cuimhnich, agus ma dh’fheumas mise tighinn gad shiubhal, cha mhath dhut... ’Eil dad ceàrr ort, chan eil thu a’ coimhead ach stùirceach?”

“Chan eil.”

Chaidh earball a h-aodaich à fianais an taobh a nochd i. Sàmhchair.

Dh’èirich meanbh-chuileag no dhà às a’ mhonaidh agus theirinn iad a chluasan ’s a chùl-amhaich. Thachais e e fhèin gu dìcheallach gus an do ghlac a chluas am fuaim ris an robh i a’ feitheamh agus dh’èirich e air a chorra-biod.

Bha iad uile a’ tighinn còmhla a-nall cùl na h-iodhlainn. Bha e beagan mì-shona – b’ fheàrr leis gun robh Màiri air tighinn an toiseach, na h-aonar. Ach nuair ràinig iad, ’s iad a’ bocadaich ’s ag èigheach mu choinneamh, chaisg e aid cho sòlaimte ’s a rachadh aige, ’s thuirt e,

“Bhàsaich Susanna!”

Sguir a’ mhire ’s a’ bhocadaich. Sheall iad air gu h-iomagaineach.

“Cha do bhàsaich!” arsa Dòmhnall Ruadh.

Chuir an naidheachd dragh air gun teagamh, thug Tormod an aire.

“Bhàsaich. Chaidh mi a-mach le gràn thuice cho luath ’s a thàinig mi às an sgoil ’s cha robh sgeul oirre. Choimhead mi ’n uair sin shìos os cionn a’ chladaich ’s fhuair mi ri taobh gropain i....marbh.”

Theab glug a’ chaoinidh tighinn air. Bha a chompanaich uile a’ coimhead air cho truasail agus bha cumhachd nan co-fhaireachdainn air nach robh e eòlach.

B’ aithne dhaibh uile Susanna, an tunnag a fhuair Tormod an-uiridh o bhean a’ chìobair. Nach iomadh gàire a thug i orra. B’ i fhèin an tunnag a b’ èibhinne ’s bu lugha nàire ghluais air dà spòig riamh. Ach cha robh e buileach freagarrach a ràdh gum b’ ann air dà spòig a ghluais Susanna’ bhristeadh tè aca nuair a bha i na h-isean agus b’ ann gu math cuagach, spliathach a bha i riamh on àm sin.

Dh’ itheadh i gràn (no dad sam bith eile a bhiodh ri sheachnadh) às an làimh, leanadh i a-steach don arbhar iad nuair dheigheadh iad am falach agus nuair bhiodh iad a’ deasbad am measg a chèile – mar is tric a bhitheadh – ’s gann nach rachadh fhaighneachd do Susanna gu dè a beachd, oir bhiodh i an siud is car na ceann ag èisteachd riutha gu dìcheallach. Bha e gu math doirbh a chreidsinn nach b’ urrainn dhi aon rud dhiubh sin a dhèanamh tuilleadh.

“An truaghan!” arsa Màiri

“Saoil an e cù rinn e?” dh’fhaighnich Ruairidh

Chrath Tormod a cheann.

“Cha do bhoin dad dhi. Cha do rinn i ach...ach bàsachadh.”

“Feumar tiodhlacadh ma-tà, ars Eòghann, am fear bu phongaile dhiubh uile, “agus a tiodhlacadh dòigheil cuideachd. B’ airidh i air.”

Sheall Tormod air a chompanaich. Dh’ aomadh ceithir chinn gu dùrachdach. “Ceart, ma-tà,” ars esan, “thugnamaid.”

Ghabh iad a-null gu iomall a’ chladaich air an socair, a’ dèanamh beagan draghaidh air an casan mar shaoil iad bu chòir do luchd-caoidh.

Bha Susanna air a druim dìreach agus a spògan, seargte gun lùths, paisgte air a h-itean broinne.

“Ò, an truaghan!” dh’èigh Màiri, a’ dol air a glùinean ri taobh agus ga sliobadh. Cha do leig na balaich dad orra agus thòisicheadh, leis an t-seann spaid a thug iad leotha o cheann na cruaiche, air cladhach an tuill. Thug iad greis mu seach air an spaid agus, an dèidh mòran osnaich is acain, rinneadh sloc a shaoil iad mòr gu leòr air an gnothaich.

B’ ann ri Màiri a dh’ earbsadh a leigeil don ùir agus rinn i sin gu socair, pongail leis a’ cheathrar bhalach nan seasamh sàmhach ga coimhead.

Ach bha cudromachd na cùise a’ fàs draghail do Dhòmhnaill Ruadh agus thuirt e le mothar gàire: “Bu chòir dhuinn Salm a ghabhail, nach bu chòir?” Sheall càch air le diomb a chuir na thost e sa mhionaid. Sin mar a thachras an-còmhnaidh, thuirt Tormod ris fhèin, dh’fheumadh cuideigin cuis-bhùird a dhèanamh nuair a b’ olc...

Nuair a bha ’n gnothach seachad ’s a sgaoileadh an ùir gu rèidh air uachdar an t-sluic bha iad fhathast deònach fuireach greis na b’ fhaide. Cha robh e ceart, ann an dòigh, coiseachd air falbh agus Susanna bhochd fhàgail ann an siud.

“Dèanamaid crois!” arsa Màiri.

Dh’ aontaicheadh leatha sa spot. “Falbh thusa null gu eathar Chaluim aig a’ phort,” arsa Tormod ri Eòghann.

“Bha Calum a’ leaghadh teàrr-bhuidhe an-diugh ’s cha chreid mi nach bi na h-èibhleagan teth fhathast. Teasaich am pìos iarainn a bh’ aig Calum ’s thoir a-nall e. Thugainn thusa, Ruairidh, feuch am faigh sinn biorain mhaide san tiùrr.”

An ceann tiotan, dhìrich Tormod is Ruairidh às a’ chladach le dà bhioran fhreagarrach aca is iad a’ toinneamh sreang mun timcheall ’s a’ dèanamh crois dhiubh. Cha b’ fhada cuideachd gus an do nochd Eòghann leis a’ phìos iarainn agus ruthadh na grìosaich na ghob.

“Dè tha thu a’ dol a sgrìobhadh?” ars Eòghann.

“Chan eil mi buileach cinnteach. Saoil nan cuireamaid ann am Beurla:

‘Mar chuimhneachan air Susanna, an tunnag a b’ fheàrr a...’

“Ach, nì ’n t-ainm aice an gnothach leis fhèin,” arsa Dòmhnall.

“Tha ’n t-àm agad cabhag a dhèanamh. Tha seo a’ fàs fuar, “ ars Eòghann.

Rug Tormod ’n uair sin air an luideig a bh’ air ceann an iarainn agus gu dìcheallach thòisich e air losgadh litir mu seach de ainm na tunnaig anns a’ mhaide.

Ach bha e furasta fhaicinn nach robh e theas air fhàgail na dhèanadh an gnothach agus cha robh e ach air SUS a sgrìobhadh nuair a b’ fheudar sgur.

“Och, nì sin fhèin a’ chùis,” arsa Dòmhnall.

“Nì, nì, tuigidh sinne cò th’ ann,” ars Eòghann, ’s gun e deònach sam bith turas eile a thoirt chun a’ phuirt.

Mar sin chàirich Tormod a’ chrois gu cùramach aig ceann an t-sluic, ach fhathast cha d’ fhuair e stèidheachadh ceart.

Chualas guth feargach air an cùlaibh.

A-nuas a ghabh Malag agus coltas garbh oirre ’s i an dèidh bhith a’ siubhal Thormoid thall ’s a-bhos.

“Dè chladhach ’s an ruamhar tha seo?” dh’èigh i. “Sguiridh sibh dheth sa mhionaid dìreach! Agus... thusa, amadain ghràinde, gabh dhachaigh agus ’s tusa gheibh e bhuamsa nuair ruigeas tu.”

Leum i thuige agus thug i sgailc mhath dha mu chùl a chinn. B’ ann an uair sin a laigh a shùil air a’ chrois. Chuir sin an cuthach buileach oirre. Phrann i fo chasan i, ’s i ’g èigheachd riutha – cho cruaidh ’s gun cluinnte thall ’s a-bhos i agus lasadh fiadhaich na sùil.

Sheall Tormod oirre agus, goirt ’s gun robh chluasan agus cruaidh ’s gun robh thàmailt, cha mhòr nach tàinig gàire thuige. Shaoil e gun robh iomadh rud fo na neòil nach robh daoine a' tuigsinn nuair a thigeadh iad gu aois.

Short url:   http://multidict.net/cs/3165