This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

An Duine Dubh

An Duine Dubh le Iain Mac a’ Ghobhainn (Bùrn is Aran 1974)

Dh’fhosgail an duine dubh a’ mhàileid mhòr air an làr. Bha a’ chailleach na suidhe air a’ chathair a’ coimhead am broinn na màileide.

“Jumpers,” ars an duine dubh. ’S bha iad brèagha cuideachd, feadhainn dearg mar fhìon, feadhainn glas mar mhuir, feadhainn uaine mar thalamh, feadhainn buidhe mar ghealaich. Cha tuirt i smid. Bha leabhar aig an duine dhubh a dh’fhàg e ri thaobh air an làr. Cha dèanadh i mach facal dheth. ’S ann a bha an sgrìobhadh coltach ri algebra no ri rionnagan geamhraidh. Dh’fheumadh tu a leughadh bhon deireadh chun an toisich. Shuidh a’ chailleach air a’ chathair, ’s i aost, a ceann mar chlogaid sneachda.

“Gowns,” ars an duine dubh. Bha iad a’ dòrtadh às a làmhan mar bhùrn no bogha-frois. Co mheud làmh chèin a bha air a bhith ’g obair air na gùintean ud? Smaoinich i air a’ chiad dannsa aig an robh i, trì fichead bliadhna air ais, ’s thug i sùil air an duine dhubh. Am biodh esan a’ dol gu dannsan? Bha aodann tana, geal mar rathad cèin. Sheall i air falbh. Dhòirt na gùintean às a làmhan. Co-dhiù chuireadh e seachad beagan den tìde dhi a bhith gan coimhead. Chuir e na gùintean nan laighe air muin a chèile.

“Stockings,” ars esan, ’s e toirt a-mach stocainnean naidhlean. Cha do chaill a casan an aois a’ coimhead riutha. Cha do dh’fhosgail aon doras. Laigh a làmhan le coibhneas air na stocainnean. Smaoinich i air a h-athair a’ slìobadh an eich a bh’ aca uair. Chaidh i dh’iarraidh deoch bhùrn don duine dhubh oir bha an latha blàth: dh’òl e e mar a dh’òlas lit bainne.

Airgead? Cò aige bha airgead? Cha robh ann ach an aonaranachd, a h-aonaranachd-se ’s aonaranachd an duine dhuibh. Cò às a thàinig e? Dà shaoghal a’ coinneachadh a chèile anns an dorchadas. Thug e sùil timcheall an t-seòmair, an sgàthan mòr maol, am Bìoball air oir na h-uinneig, cùirtearan air an tarraing bho chèile. Chuir e na stocainnean còmhla ris a’ chòrr.

“Silk underwear,” ars esan. Thog i a sùilean air falbh mar gum biodh e air rudeigin uabhasach a ràdh. Bha solas a’ dòrtadh tron uinneig a’ fighe a h-aodainn. Sia bliadhna – ’s math dh’fhaodte, - ’s bhiodh e air ais na rìoghachd fhèin. Cha b’ e seo a rìoghachd-san. Ach dh’fheumadh e airgead a dhèanamh. Bha an sìoda a’ lasadh fo a làmhan. Thug i sùil air ais chun an t-sìoda mar gum b’ e bratach a bha i a’ coimhead.

“Eighteen shilling,” ars esan a-rithist. Rinn i gàire. Bha a gàire mar earrach fon chlogaid shneachd. Dh’fhairich e sgìths na dhruim. Cha robh e furast’ a bhith slaodadh màileid throm tro na sràidean.

“Seventeen shilling,” ars esan. Rinn i gàire eile. Cha robh e tuigsinn cò air a bha i a’ smaoineachadh. Air aon bhalla bha dealbh balaich ann an deise seòladair.

Cha robh càil tuilleadh anns a’ mhàileid. Chrom e a cheann ’s e dol a chur an aodaich air ais don mhàileid.

“Silk underwear,” ars esan a-rithist, ris fhèin, ’s e dol ga thogail. Stad i e.

Chaidh i chun an dreasair ’s thug i mach sporan. Chunnt i mach ochd tastain deug dha. Cha robh mòran tuilleadh air fhàgail anns an sporan. Rinn i gàire an uair a thug i dha an t-airgead. Rinn esan gàire leis an toileachas. Thug e dhi an t-aodach.

“A hà” ars esan ris fhèin, “Chan eil làithean do dhannsaidh seachad fhathast.”

Chuir e gach nì air ais don mhàileid, aodach flùranach fuar sìoda ann an teas an t-samhraidh.

Dhùin e a’ mhàileid ’s dh’èirich e.

Ghlais i an doras air a chùlaibh.

Nuair a bha e a’ coiseachd sìos an rathad thog i a làmh ris mar dhuilleag foghair. Lean a sùilean e gus na dh’fhalbh e dhachaigh. Bha na busaichean mòra a’ dol seachad air an t-sràid. Bha ise na coigreach cuideachd.

Thog i an t-aodach sìoda ’s leig i leis ruith tro a làmhan mar airgead. An dèidh sin, chuir i don dreasair e, ’s shuidh i rithist aig an uinneig, a’ coimhead na sràid.

Short url:   http://multidict.net/cs/3174