This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Bùrn, le Iain Mac a' Ghobhainn

Stad Iain ’s an Gearmailteach ’s iad a’ coimhead a chèile. Bha ’n gunna aig Iain dìreach air an targaid – broillich a’ Ghearmailtich. Cha tuirt duine aca smid, ma dhithis ann an dealbh, ach dh’ fhairich Iain fallas air a làmhan ’s cha robh an gunna cho dìreach ’s bu mhath leis. Bha aodann a’ Ghearmailtich geal le eagal is sgìths, mar gum biodh e air a chòmhdachadh le flùr. Mhothaich Iain gun robh a bhonaid air ceàrr agus chuimhnich e air fear às a’ bhaile aige fhèin a bhiodh a’ caitheamh a bhonaid anns an dearbh dhòigh. Bha ’n Gearmailteach timcheall air deich bliadhna fichead a dh’ aois; bha Iain dhà air fhichead. Mun cuairt orra nan dithis bha bùrach a’ chogaidh: salchar na talmhainn làn bùirn ’s a’ gluasad mar nì beò. Bha gunna na laighe fichead slat bhuapa, agus mu thrì fichead slat air falbh bha aodach saighdeir. An robh duine na bhroinn? An robh duine air a bhith uair na bhroinn? Canastairean an siud ’s an seo: clach no dhà air an seasadh duine. Fon t-salchar ud bha iomadh duine na laighe a’ caitheamh air falbh anns a’ phuinnsean. Chuimhnich Iain mar dh’ fhaodadh tu a dhol fodha anns an talamh ud làn bùirn is crèadha mar shoitheach mara a’ dol fodha. Bha ’n gunna air chrith na làimh: bha a làmhan salach. Mìle mìle air falbh chunnaic e taigh beag Frangach mar leug earraich ann an rìoghachd leis fhèin ’s ceò ag èirigh às a shimileirean. B’ e ’n t-earrach a bh’ ann ach cyyyyy!àit an robh na sìtheanan? Bha an Gearmailteach air chrith cuideachd. Mhothaich Iain anns a’ mhionaid ud mar a bha aodach a’ Ghearmailtich an ìre mhath grinn taca ri aodach fhèin. Bha beagan deàlraidh a’ tighinn às a bhonaid. Mhothaich e gun robh seòrsa de nèapraigear a’ priobadh a-mach air oir pòcaid a sheacaid mar ghob isein. Bha na làmhan aige air chrith ’s a shùilean, ’s e a’ sealltainn ri Iain. Cha do dh’ fhosgail e a bheul mar gum biodh eagal air gun dùisgeadh e Iain à smuain, ’s gum bua1ileadh òrdag air a’ ... Thug Iain sùil air mar nach robh e a’ tuigsinn dè ghnothaich a bh’ aige ris a’ ghunna. Bha ’n Gearmailteach a’ sealltainn ris mar chù ri mhaighstir.

Shuath Iain a làmh cheàrr ri bhriogais ’s dh’ fhairich e a’ phacaid thoitean na phòcaid. Chuala e isean a’ seinn dlùth ris. Bha ’n cogadh seo làn de iseanan, le guthan mar bhùrn, is air cùlaibh gach nì, casad tinn nan gùnachan. Bha a chasan a-nis air chrith. Smaoinich e nach robh e air mòran cadail fhaighinn airson dà latha is dà oidhche, agus smaoinich e gum biodh an Gearmailteach anns an aon dòigh. Chuir e sìos an gunna. Dh’ fhalbh sgàil bho aodann a’ Ghearmailtich. Shuidh Iain air cloich mu a choinneamh. Shaoileadh tu gun robh sreang eatarra. Chaidh làmh a’ Ghearmailtich gu pòcaid a bhroillich. Lean Iain a làmh le a shùilean. Bha an làmh salach air a cùlaibh: bha fàinne air aon de na meuran. Bha Iain gu tuiteam na chadal. Thàinig an làmh a-mach le pacaid bheag.

Dh’ fhosgail an Gearmailteach a’ phacaid, ’s na broinn bha pìos càis’. Chuimhnich Iain air na radain ’s air na luchainn a’ falbh air feadh nan trainnsichean. Thàinig làmh a’ Ghearmailtich na b’ fhaisge. Chaidh a làmh fhèin a-mach mar bheathach ’s dh’aithnich e gun robh an t-acras air a chorp. Dh’ith e ’n càis is bha e math. Thug e mach na toiteanan ’s shad e aon chun a’ Ghearmailtich. Thug e mach maids ’s las e ’n toitean aige fhèin. Chunnaic e an Gearmailteach a’ toirt sùil air, ’s shad e ’m bogsa thuige. Cha mhòr gum faigheadh e air a shùilean a chumail fosgailte. Bha a’ chlach mar bhàta ann am muir trom. Smaoinich e – chrath e cheann mar chù a’ tighinn a-mach à bùrn ’s sheall e a-rithist ris a’ Ghearmailteach. Bha ’n Gearmailteach ga choimhead gun stad. Shaoil e gun robh a shùilean air a’ ghunna ’s chuir e na sheasamh air an talamh e ’s a ghàirdeanan timcheall air. B’ e latha ciùin a bh’ ann. An-dràsta ’s a-rithist chluinneadh tu brag ’s dh’ aithneachadh tu guth a’ ghunna.

Lean a shùilean ceò an toitein a’ dìreadh. Trì bliadhna, trì bliadhna de a spiorad anns a’ chogadh seo. Thàinig deàrrsadh air aodann. Thug an Gearmailteach sùil air, ’s dh’ èirich an t-eagal na shùilean mar iasg ann an loch. Chuir e a làmh gu a cheann ’s thug e dheth a bhonaid. Cha robh fhios aig Iain carson a rinn e seo. An ann ro theth a bha e? Bha gach nì mar bhruadar. Cha mhòr nach robh an Gearmailteach maol mar a’ chlach air an robh e na shuidhe. Chuir seo iongnadh is seòrsa de thruas air Iain. Nam biodh cànan aca! Nam b’ urrainn dhaibh bruidhinn ri chèile! Bha e a’ creidsinn gun tàinig an aon smuain chun a’ Ghearmailtich. An truaghan bochd! ’S math dh’fhaodte gun robh bean is teaghlach aige. Dh’ fheumadh esan a tighinn don chogadh cuideachd. An robh e fìor gum biodh iad a’ murt ’s a’ marbhadh phrìosanach? Dè ’n latha bh’ ann co-dhiù? Smaoinich e gu dian, ’s mu dheireadh thàinig e chun a’ cho-dhùnaidh gur e Dihaoine a bh’ ann. Bha a’ ghrian làidir ’s bha ’m pathadh air.

“Dihaoine, “ arsa esan.

“Englander,” ars an Gearmailteach.

“Englander, “ ars an Gearmailteach a-rithist mar chù air beulaibh a mhaighstir ’s e a’ sealltainn cho ealanta ’s a tha e.

“Englander!” ars Iain ris fhèin. Dè bha e a’ dèanamh anns an fhàsach ud co-dhiù, am measg nan corp a’ lobhadh air a bheulaibh gus nach faiceadh e ach na cnàmhan a shadadh tu gu cù. Chaidh a chorp air chrith a-rithist.

“Englander!” ars an Gearmailteach.

“Ach, dùin do....” Ars Iain is stad e Chaidh a theanga timcheall a bhilean leis a’ phathadh. Nach robh cho math dha fuireach far an robh e? Bha ’n cogadh-sa gun chrìoch gun chàil ach marbhadh. Cò chuireadh crìoch air? Dè chuireadh crìoch air? Daoine gan sadail mar pheilearan an aghaidh a chèile. Bùrach de fheòil: ’s aig an taigh ’s air cùl nan trainnsichean na comanndairean am meadhan phàipearan le criosan deàlrach timcheall orra ’s rionnagan air am broillichean. Agus bùrn, bùrn: bùrn glan. Chaidh a theanga timcheall air a bhilean gun fhios dha. Bha sùilean a’ Ghearmailtich ga leantainn mar luch a’ leantainn cait. Ghluais Iain air a’ chloich. Bha a’ ghrian air cùl amhaich ga ghearradh mar mhìle sgian. Thàinig òrain às an adhar. “Dè ’n cànan a th’ aig na h-eòin?” smaoinich e, ’s bhruadraich e, “cò air a tha iad a’ smaoineachadh?” Chuala e fuaim itealain anns an adhar. Aig amannan chitheadh tu na fir-stiùiridh cho breagha ri càil. Cha robh nì aige nan aghaidh-san. ’S ann a bha iad a’ cur iongnadh air mar gum faiceadh tu seòrsa de ainglean anns an adhar. Chuir an Gearmailteach às an toitean, a’ glèidheil a’ phìos a bh’ air fhàgail.

“Taigh na galla!” ars Iain, ’s rinn e gàire.

“Ha! Ha! Ha!” ars an gàire.

Sheall an Gearmailteach ris airson tiotadh, ’s thòisich e fhèin a’ gàireachdainn, an toiseach mar dhuine a’ dèanamh a dhleastanais ach a-rithist ar fhear a’ cur fàilt’ air a’ bheatha.

Choisich an dà ghàire còmhla tarsainn air an talamh aosta ud, ach stad iad mu dheireadh an coinneamh a chèile nan suidhe air na clachan.

“Cò air a tha e a’ smaoineachadh?” ars Iain ris fhèin. Chuir e a làmhan gu a shùilean ’s thuirt e: “Tha ’n cadal orm.”

Chual’ e an Gearmailteach a’ feuchainn ri: “Tha ’n cadal orm” a ràdh.

Chuir seo truas air Iain, gum feumadh duine e fhèin a chumail beò anns an dòigh ud. Smaoinich e ciamar a bhiodh e fhèin nam biodh e ann an àite a’ Ghearmailtich. Theab e an gunna a thoirt dha gu faiceadh e dè thachradh. Am biodh sean cuideachd mar chù air beulaibh a mhaighstir? Smaoinich e air a’ chù a bh’ aca air an taigh, na laighe anns a’ bhlàths. Bha caoraich a-muigh air a’ mhòintich ach bha ’n aois a’ tighinn air a-nis ’s cha dèanadh e càil ach laighe, a’ bàsachadh anns a’ ghrèin. Chaidh a theanga thairis air a bhilean a-rithist. Smaoinich e air an t-sruth a bha làimh ris an taigh, ’s chunnaic e na boireannaich a’ stampadh nam plaidichean as t-earrach ’s a’ ghaoth a’ dol thairis orra. Bha sgìth a’ dòrtadh tro a chnàmhan. Chuir e roimhe an dachaigh a thoirt air ann an còig mionaidean. An dachaigh!

“Dihaoine,” ars esan.

“Englander,” ars an Gearmailteach.

Bha làmhan a’ Ghearmailtich nan laighe air a ghlùinean mar làmhan boireannaich. Bha a bhrògan a’ dìosgail an-dràsta ’s a-rithist anns a’ bhùrn.

Englander!

Dè gnothaich a bh’ aigesan ri Englander?

Carson a bha e a’ cogadh?

Cha robh càil ann a-nis ach cluiche chairtean gun sgur, gun sgur, anns na rumannan beag ìosal ud mar bhogsaichean, gun fhios cuin a bhuaileadh am peilear.

Chuimhnich e mar bhuail peilear balla, ’s mar chaidh e tro Ruairidh mar chèise-ball. Smaoinich e air a’ chloinn a’ sadail cèise0ball mar bhogha-froise ri balla.

Chaidh a theanga tarsainn air a bhilean a-rithist. Bha ’n cadal a’ tighinn trom air. Chunnaic e mar gum b’ ann am bruadar làmh a’ Ghearmailtich a’ gluasad gu pòcaid-cùil a bhriogais, agus ann am bruadar dh’ aithnich e gun robh rudeigin anns a’ phòcaid, rudeigin an ìre mhath mòr, mar ghunna, seòrsa de dhaga. Bha ’n Gearmailteach mar gum biodh e a’ gàireachdainn mar gum faiceadh tu fear-bùtha a’ feuchainn ri rud a reic riut, ’s fhios agadsa is aigesan nach biodh a’ bhùth ann ann an seachdain eile.

Bha làmh a’ Ghearmailteach a’ gluasad timcheall gun stad mar gum biodh a làmh ann an saoghal leatha fhèin, gun eanchainn ga spròtadh. Chaidh a làmh sìos don phòcaid ’s thàinig i nall an coinneimh brag a’ ghunna.

Dh’ èirich e bhon chloich ’s chaidh e a-nall. Bha toll dìreach am meadhan broilleach a’ Ghearmailtich os cionn putain. Chaidh a làmh fhèin sìos chun na talmhainn gus na ràinig i air an nì a bha an Gearmailteach a’ toirt às a’ phòcaid. B’ e botal airson bùrn a bha na làmhan. Bha an ceann air a tighinn às a’ bhotal ’s bha am bùrn a’ dòrtadh air falbh. Chuir e a ghunna na laighe air an talamh ’s a shùilean air a’ bhùrn a’ sruthadh gun sgur, beagan is beagan. An-dràsta ’s a-rithist chaidh a theanga tarsainn air a bhilean ach cha do dh’ òl e drùdhag dheth.

Short url:   http://multidict.net/cs/3177