This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Dìth-cuimhne, le Iain C. Mac a’ Ghobhainn

Nuair a bha i trì fichead ’s a còig chaill i a cuimhne. Chanadh i ris ’s e na shuidhe anns a’ chathair. Cò thu? Càit a bheil Cailean. (’S e Cailean ainm fhèin).

Air an oidhche bhiodh i cluinntinn rànail leanaibh ’s chanadh i ris, feumaidh mi èirigh ’s faicinn dè tha tachairt.

Cha mhòr nach robh a chridhe a’ briseadh. Cha robh e smaoineachadh gun tachradh seo ris ’s cha robh e deiseil air a shon.

Aon latha fhuair e i anns an lobaidh le a màileid ’s i dol a thogail oirre gu “Cailean.”

Nuair a bha i òg bha i dèantanach. Nuair a thigeadh e steach bho obair bha an dìnnear deiseil. Bha dithis chloinne aca ’s bhiodh e cluiche leotha. ’S bha an teaghlach beag cho toilichte.

Ach a-nis bha balla eadar an dithis. Aon turas chunnaic e air an TV mar a bha balla Berlin a’ tuiteam agus na daoine a’ ruith an siud ’s an seo le pìosan den bhalla nan làmhan ’s gàirdeachas air an aodannan. ’S ann a bha iad coltach ri srainnsearan anns an taigh. Agus cha robh fhios dè cho fada ’s a leanadh cùisean. Dh’fheumadh e bith air faire gun sgur. Aon turas chuir i bròg don àmhainn a’ smaoineachadh gu robh i còcaireachd. Bha i smocadh cuideachd ’s bhiodh i leagail toitean air an làr.

Chan eil càil nas miosa na seo, ars esan ris fhèin. Chan urrainn càil a bhith nas miosa na seo.

Chanadh i ris, chan eil fios ’am càit an deach Cailean. Feumaidh mi dhol air a thòir.

Agus ’s e bu mhiosa buileach gu robh an dithis chloinne aca fad air falbh. Bha am mac ann an Africa agus an nighean pòsta ann an Sasann. Bha cho math dhaibh a bhith ann am fàsach aig crìochan an t-saoghail.

Nuair a bha e fhèin òg ’s ann a’ reic hoovers a bha e. An dèidh sin bha e a’ reic uinneagan.

Tha an uinneag seo tòrr nas fheàrr na an tè a th’ agaibh, chanadh e. Seallaibh cho mòr ’s a tha i. ’S an solas a chì sibh a-nis. Faodaidh sibh an t-airgead a phàigheadh suas.

Cò shaoileadh anns na làithean ud gu robh am balla seo a’ feitheamh ris.

Bha piàno aca ’s bhiodh i cluich air na h-amhrain air an robh cuimhn’ aice ’s a bha co-cheangailte ri Cailean.

Bha Cailean cho caoibhneil, chanadh i, ach chan eil thusa caoibhneil idir. Bha e na b’ òige na thusa. Tha thusa cho aost.

Bha e cho sgìtheil a bhith cumail faire gun sgur, cha mhòr gach mionaid anns an latha ’s air an oidhche cuideachd. Bha e dìreach mar phrìosanach.

Agus cha bhiodh i dol a-mach às an taigh idir. Bhiodh e fhèin a’ toirt a-steach a’ bhainne ’s an gual.

Aon turas fhuair e i a’ cluiche leis a’ pheile guail, coltach ri nighean bheag air tràigh. Bha a làmhan dubh leis a’ ghual. Tha na clachan cho brèagha, ars ise ris.

Bha cuimhn’ aig’ oirre na h-aparan gorm aig a’ chucair. Neo a’ cantainn ris a’ chloinn, thubhairt mi ribh gun a bhith sgrìobhadh air na ballachan le craidhon.

’S bhiodh iad uaireannan a’ dol don zoo far am biodh na h-ainmhidhean a’ sealltainn riutha tro na cruinn iarainn. Bha muncaidh ga sgrìobadh fhèin le làmhan beaga pinc.

Thubhairt an dotair ris gu robh an tinneas seo do-leigheas. Bhiodh e uaireannan a’ bualadh feadhainn òga cuideachd. Dh’fhaighnich e dheth an robh e airson a cur ann an Home.

Ach bha e calg-dhìreach an aghaidh sin a dhèanamh. Bha dleastanas a’ cantainn ris, feumaidh tu seo a ghiùlain leat fhèin. Agus uaireannan thigeadh an smuain thuige, an e mise bu choireach ris a’ ghalair a tha seo?

Ach cha robh e faighinn freagairt don cheist seo.

’S chanadh i ris, dè tha mi dèanamh anns an taigh seo?

An latha bha seo fhuair e am bainne ri taobh an dorais an àite a bhith air a’ bhalla mar a b’ àbaist dha. Dè thachair, ars esan ris fhèin. Bha dùil ’am gun do chuir mi e don fridge. Turas eile, fhuair e am peile guail aig an doras cuideachd.

Thàinig fear a’ bhainne chun an dorais, ’s thubhairt e ris, cha do phàigh thu mi airson a’ bhainne. Agus bha e fhèin a’ smaoineachadh gun do phàigh e.

Turas eile dh’fhàg e an coire air, ’s theab e leaghadh air falbh air an teine. Tha am balla air tuiteam, arsa esan. Tha mi coimhead a-nis gu bheil mi fhìn a’ call mo chuimhne. Chan eil fhios nach coinnich sinn ri chèile ann an àite gun chuimhne. Ach dè a tha i dol a dhèanamh às m’ aonais?

Ach bha am balla air briseadh. Bha e ro dhuilich a chumail slàn.

Bha am balla Gearmailteach a’ tuiteam cuideachd, ’s na daoine a’ danns, ’s a’ ruith air falbh a’ giùlan cuimhneachan dheth.

’S cuideachd bha na ballachan a’ tuiteam air feadh an t-saoghail. Bha daoine a’ dèanamh gàirdeachas air sràidean an t-saoghail.

Bha e cur dheth ainm, Cailean, mar a chuireas nathair dheth a chraiceann. Uaireannan bha e feuchainn ri cuimhneachadh air ainm ach cha robh e tighinn thuige.

Bha saoghal ùr a’ briseadh, saoghal gun chuimhne.

Bha an cucair a’ teiche bhuaithe, ’s an teine, ’s am bainne, ’s an gual.

Cha robh anns an t-saoghal seo ach faileasan gun ainm.

Bha e laighe air ais ann an tìm, ’s cha robh seo a’ cur dragh air.

An latha bha seo thubhairt e rithe, Cò thu? Cò às a thàinig thu? Chan eil mi gad aithneachadh.

Agus anns a’ mhionaid sin theich am briseadh-cridhe. ’S bha e aig fois.

’S cha robh cuimhn’ aige tuilleadh air a h-ainm, neo air ainm fhèin.

Short url:   http://multidict.net/cs/3191