This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Na Bleideagan, le Dòmhnall Iain MacÌomhair


(Air a leughadh le Dòmhnall Iain fhèin)

Bha i aost. Bha i glè aost. Ceithir fichead ’s a còig is còrr. Cha choisicheadh i ach an taic a’ bhata, agus b’ ann mall, mall a bha ceum on uair sin fhèin. Cha bu lèir dhi ach an rud a b’ fhaisge oirre agus bha iomadh bliadhna bho chuala i conaltradh dhaoine. Bha i geal liath, agus claisean na h-aoise air a gnùis agus air a làmhan seargte. Bha i aost. Bha i glè aost.

Cha robh e na iongnadh ged nach do dh’ fhidir i an gnogadh cruaidh aig an t-seann dhoras. Cha chuala i an dara gnogadh, no an treas fear a bharrachd.

“An gabh sibh cupan tì?” ars ise, ged nach do dh’aithnich i am dithis choigreach. “Tha e fuar,” ars ise, “agus b’ fheàirrde sibh cupan tì.”

“Stad, a bhoireannaich.” Chuala i an èigh mar gun sgoltadh claidheamh a h-eanchainn. “Tha uair a thìde agad,” ars an coigreach ruadh. “Tha gu madainn agad,” ars an coigreach bàn.

Thill iad anns a’ mhadainn, a-steach às na bleideagan sneachda. Bha i fhathast gun èirigh.

“Chan eil mi gu math.” Ars ise. “Ma tha sibh ag iarraidh tì, cuiribh an coire air an teine.” Cha robh teine ann. Bha e air a dhol às. Chuir an geamhradh às e. “Is e mo chridhe a tha ann, tha sibh a’ tuigsinn.”

Sheall iad rithe mar a shealladh saighdear ri a nàmhaid. Chan fhaca i am peilear a bha anns an t-sealladh.

“A-mach, a-mach,” ars an coigreach ruadh. “A-mach, a-mach,” ars am fear eile.

Cha robh i gan cluinntinn glè mhath agus cha robh i a’ creidsinn na bha i a’ tuigsinn. Bhiodh e duilich dhi èirigh às an leabaidh. Bha i gan coimhead a’ sgrùdadh gach nì a bha a-staigh. Bha i lag. Cha robh i gan creidsinn.

Chunnaic i a h-athair a’ clachaireachd an taighe. An uair sin chunnaic i e a’ cur an tughaidh air... ga cheangal gu daingeann ’s a’ feuchainn ri dhèanamh dìonach. Chunnaic i a màthair ga chuideachadh.....agus an sonas an uair a bha iad deiseil. Dh’fhàs i fhèin suas gu bhith na caillich...am poll mònach....an crodh....a’ bhiota....an dorchadas....an solas..... beatha agus bàs.... aonranachd... tìm a’ gabhail seachad. Chunnaic i iad uile mar bhoillsgeadh ann an sgàthan eachdraidh.

Chuimhnich i air Iain, a cèile, mar a chaidh a bhàthadh an dèidh an èisg, air Ruairidh, a mac, mar a bhàsaich e leis an teasaich...aonranachd anns na ballachan...a’ chagailt sheasgair air an deach beath chruaidh a stèidheachadh. Agus a-nis. Agus a-nis bha dithis choigreach ga h-òrdachadh a-mach don t-sneachda. Ise a bha air an saoghal a threabhadh anns a’ bhochdainn agus a bha a-nis ro lag airson tuilleadh treabhaidh a dhèanamh. Ise a bha dlùth do dhuais chruaidh na beatha.

Nam bitheadh i òg fallain dheigheadh i chun a’ chladaich, agus à sin a Chanada. Chaidh mòran dhiubh a Chanada ... agus smaoinich i air an t-saoghal ùr air am feumadh i aghaidh a thoirt. Gheibheadh ise saoghal ùr. Bha i ro aost agus ro thinn airson Chanada.

Dhùisg i anns an leabaidh agus na bleideagan sneachda a’ tuiteam air gach taobh dhith. Chunnaic i an dithis choigreach astar goirid air falbh. Bha iad a’ teiche na b’ fhaide às agus na b’ fhaide às. Bha an sneachd geal.... Geal mar chlòimh chaorach.

Bha rudeigin a’ dol na theine, agus shaoil i gun robh na coigrich ann am meadhan an teine. Chlisg i leis an fhuachd, agus chaidil i.

An uair a ràinig i nèamh bha lasraichean an taighe.... Agus a’ chlòimh... fhathast anns na sùilean aice.

Bho Caogad san Fhàsach, Acair 2014, ISBN 9780861525515, td 291-292

Short url:   http://multidict.net/cs/3248