This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Na Solais, le Iain MacDhòmhnaill

Bha a sheanmhair air tuiteam na cadal, ’s bha e glè mhòr leis a dùsgadh. Sheall e oirre na suidhe sa chathair mhòir, a’ bheannag dhubh mu guallaibh, a sùilean dùinte ann an aodann aig fois ’s a làmhan paisgte, fàinne buidhe air tè dhe meòirean. Bha càch sa coinneamh, ’s iadsan a-staigh leo fhèin a’ coimhead às dèidh a pheathar. Chaidil ise gu sèimh sa chreathail. An taigh seasgair, e fhèin air beulaibh an teine, an cù is an cat nan sìneadh gu cadalach anns a’ bhlàths.

Nach e gach nì a bha socair. Smaoinich e air na bha timcheall orra anns an dorchadas: na caoraich anns a’ mhòintich, a’ bhò anns a’ bhàthaich, na cearcan anns a’ bhothaig - ach dh’fheumte a’ bhothag a dhùnadh a dh’aithghearr, bha sin cinnteach: bha na cearcan air a bhith a-staigh o chionn fhada. Nan dùisgeadh a sheanmhair ...

An dorchadas is an t-sàmhchair mun cuairt an taighe. Dorchadas a’ còmhdach na geòla ceangailte aig a’ chladach, ball air a toiseach is acaire às a dèidh, na casan oirre airson nach rachadh i air a cliathaich an uair a thigeadh an tràigh. Thaom e-fhèin a-raoir i; bhiodh i tioram gu leòr.

Mìle air falbh, càch anns an eaglais, gach lampa laiste. ’S dòcha gu robh iad aig an t-seinn mu dheireadh an-dràsta. Solas is ceòl anns an oidhche chiùin fhoghair. Dh’fhosgail a sheamhair a sùilean. Rinn i gàire. “Chaidil mise treiseag. Trobhad ort, nach fheàrr dhut a’ bhothag a dhùnadh, a ghràidh?” Bu deònach esan - leum e mach air an doras is a-null chun na bothaig, ’s dhùin e i, a’ cur a’ chnot mhòir air an doras aice. Ruith e air ais - an dèidh dhà bhith ùine na thàmh cha b’ urrainn dhà gun a bhith ruith is a’ leum. Bha ’n oidhche geur, coltas reothaidh oirre.

“Sin thu fhèin. Tha fhios nach bi càch fada gun tighinn tuilleadh.” Athair ’s a mhàthair ’s a bhràthair - saoil an robh iad air an rathad? Ghluais e null chun na h-uinneige.

’S ann an uair sin a chunnaic e na solais. Sreath de sholais, feadhainn mhòra chruinn shoilleir, dhà còmhla is iad a’ gluasad gu luath tarsainn an talaimh treabhaidh aca, ’s dhà eile air an cùl a cheart cho luath, ’s dhà eile, ’s dhà eile, ’s dhà aig an deireadh, sreath dhiubh glè bhoillsgeil, a’ gluasad cho luath!

“A sheanmhair, a sheanmhair, trobhadaibh feuch am faic sibh na solais! Dè th’ ann? Dè bhios ann?”

Thàinig i chun na h-uinneige cho cabhagach ’s a b’ urrainn dhi.” “Ach càite bheil thu faicinn solas, a ghràidh?”

Ciamar nach robh i gam faicinn? “An siud, an siud! Nach seall sibh iad a’ tighinn tarsainn an talaimh treabhaidh! Tha iad gus a bhith aig an taigh - seallaibh iad a’ dol seachad!”

Bha a sheanmhair a’ coimhead air le gàire air a h-aodann: shaoil i gur ann a’ toirt a’ char aiste bha e. Ruith an gille chun an dorais feuch am faiceadh e na solais a’ dol seachad air an taigh.

Bha ’n oidhche socair, fuar gu leòr, mar a bha i nuair a dhùin e a’ bhothag. Cha robh solais ri fhaicinn ach an solas bho uinneig Alasdair Chaluim. Cha robh na solais mhòra luatha rim faicinn.

Dh’fhàg an gàire aodann a sheanmhair nuair a thuig i nach ann ri spòrs a bha e. Cho luath is a thill athair is a mhàthair chaidh i suas às an dèidh, ’s iad a’ dol a chur dhiubh an còtaichean Sàbaid.

“Dè tha ceàrr?”

“Chunnaic an gille beag manadh a-nochd.”

Chaidh seachd bliadhna deug seachad, dà mhìos, aon seachdain. Bha e anns an taigh leis fhèin. An oidhche ciùin. Dh’èirich e is choisich e chun na h-uinneige.

’S ann an uair sin a chunnaic e na solais. Bha còig chàraichean a-nuas an rathad às dèidh a chèile. Bha a’ choinneamh air sgaoileadh, is cha robh daoine a’ coiseachd idir a-nis; bha iad a’ dèanamh air na taighean ann an càraichean cho luath ’s a b’ urrainn dhaibh. Toradh an rathaid mhòir, smaoinich e. Is chuimhnich e air an oidhce eile, nuair nach robh sgeul air rathad tearradh no air càr.

Ghabh iad tron achadh far am b’ àbhaist an treabhadh a bhith, is sguab iad le roid seachad air an taigh. Sheas e aig an uinneig, fiamh a’ ghàire air aodann, gàire na tuigse ’s na cuimhne; laigh blàths a’ ghràidh air inntinn airson ùine ghoirid, ged a bha e na ònar, ged a bha e gun ainmhidh mu thimcheall an taighe, is ged a bha a’ bhothag gun dhoras, gun mhullach, is a’ gheòla aig a’ chladach na clàran.

(bho Eadar Peann is Pàipear, Gairm: Glaschu, 1994, td. 61-62)

Short url:   http://multidict.net/cs/3261