This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Sgeulachdan Thormoid: Facal-toisich

Well, a Ghòrdain, ghràidhean nan daoine, mun tòisich mi – daingeataidh tha mi air tòiseachadh mar thà! – ’s e a bha mi a’ ciallachadh, mun teann mi ri sgeulachd innse dhuibh an-diugh, ’s fheàrr dhomh iomradh a thoirt air mar a fhuair na stòireannan agam breith.

Gu math inntinneach - aig an fhìor thoiseach, sgrìobh mi sìos ann an dubh ’s an geal a h-uile facal dhe na beachdan-smuain a bha a’ neadachadh nam cheann-eanchainn.  Bha Peigi Townsend, nighean Sheonaidh Eachainn às Na Ceallan, a’ sìor iarraidh orm cruinneachadh a chur ri chèile ann an clò.  Agus bha mi fhìn dhen bharail gum biodh leabhar de sgeulachdan ann an Gàidhlig agus ann am Beurla na thagsa do luchd-ionnsachaidh.  Cha robh ann ach aon chnap-starradh a chuir bacadh oirnn: na foillsichearan.

O ghràidhein, cha chreideadh sibh an t-àmhghair a tha air a bhith agam a thaobh leabhar a sgrìobh mi an uiridh fhaighinn eadar dà chòmhdach.  ’S e ‘Eavesdropping on Myself; An Outsider’s Boyhood in Glasgow’ an t-ainm a th’ air agus thug mi seachad e do Bhirlinn ann an Dùn Èideann aig toiseach an fhoghair.  Thug iad-san cho fada a’ tighinn gu co-dhùnadh gun tàinig lotan leapa air mo chraiceann!  Mu dheireadh, dh’innis iad dhomh nach robh iad airson cuid no gnothach a ghabhail ri mo leabhar.  O, tiormaich mo dhèoir.

Tacan as dèidh seo, thuirt Mairead Bennett agus Gonzalo Mazzei gun cuireadh Gracenote Publications an leabhar a-mach leis a’ ghaoith.  B’ ann anns A’ Mhàrt a fhuair mi brath bhuapa-san, agus cha chreid mi nach eil ‘Eavesdropping’ cho marbh ri sgadan an-diugh.  Ach chì sinn, mar a thuirt an dall.  Nach math gun tug An Cruthaighear foighidinn mi-nàdarach dhomhsa!

Coma leibh co-dhiù, san dealachadh, tuigidh sib’ fhein am port nuair a chanas mi an-drasta nam biodh Johannes Gutenberg a’ tuigsinn cho doirbh ’s a bhiodh e do Thormod a chuid obair fhaighinn ann an clò am bliadhna bhiodh am bodach Gearmailteach air boma a chur fo chuid innleachdan ’s e ag eubhach, ‘Nein, nein, nein!  Ich muss liebensraum gehaben.  Am bioball Jawohl!  Sgudal a thig a-nuas à Griomasaigh . . . Nein!’

Mar sin, a chàirdean, ’s e film is teip mo roghainn na lathaichean-sa.  Ge tà, tha mi ’n dòchas gun toir sibh maitheanas dhomh ma bheir mi sùil an-dràsta ’s a-rithis air an sgriobt  a th’ air mo bheulaibh.

Thugnamaid.

Short url:   http://multidict.net/cs/3325