This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Cabhag

Uair dhen robh ’n saoghal, bha mac banntraich, air an robh Dòmhnall mar ainm, a-muigh sa bheinn, e fhèin ’s an cù aige, ‘Cabhag’.

Bha iad a’ sireadh caorach a chaidh air chall.

Bha iad le chèile a’ dìreadh bheann is uchdannan fad an latha, ach cha robh sgeul air a’ chaora.

Aig ciaradh an fheasgair, thuit ceò uamhasach trom air a’ bheinn, agus chan fhaiceadh an cìobair òg leus.

Chum iad orra a’ dìreadh ’s a’ teàrnadh anns a’ cheò, gus, mu dheireadh thall,  bha Dòmhnall a’ faireachdainn mar gum biodh e an uchd a’ bhàis le cion bìdh.

Ann am priobadh na sùla, gu dè bha air am beulaibh ach bothan beag tughaidh is crùisgean laiste san uinneag.

Ghnog Dòmhnall air doras a’ bhrùchlaig taighe a bha seo agus is e cailleach ghrànnda is croit oirre a thàinig a dh’fhosgladh an dorais.

“O mo ghràdh air a’ ghille,” thuirt i ann an guth critheanach.  “Thig a-staigh, thig a-staigh.”  Chuir i a làmh air a ghàirdean ga tharraing am broinn an taighe, agus mhothaich e rud-eigin a chuir eagal a bheatha air.

Bha dà òrdag mhòr a’ fàs na làimh.

Dh’aithnich an gille nach robh a’ chailleach seo cneasda.

Shuidh e air beingidh a bha fon uinneag is ‘Cabhag’ na shineadh mu chasan.

Bha a’ chailleach mhi-nàdarrach a tha seo a’ sporghail mun stòbha a’ deasachadh rud-eigin a chagnadh an cìobair òg agus ‘Cabhag’.

“Siuthad, ill’ òig,” ars’ ise, is i a’ tilgeil pìos de ròpa thuige.  “Nach ceangail thu an cù mòr fiadhaich a th’ agad an sin leis an ròpa làidir tha mi a’ toirt dhut?”

Nis, bha Dòmhnall beag ach cha robh e bog.

Chrùb e sìos agus thilg e an ròpa fon bheingidh.

Thug e dheth cneapailte a bha mu stocainn agus chuir e teadhair de chloimh  timcheall air amhaich  a’ choin.

“An do cheangail thu an cù mòr sin ris a’ bheingidh fhathast?” dh’fhaighneachd a’ chailleach.

Cho luath ’s a dh’innis Dòmhnall dhi gun do rinn e mar a dh’iarr i air . . . snag, snag, snag!  Siud a’ chailleach am bad Dhòmhnaill is i a’ feuchainn ri thachdadh!

’S gann gun deach aig a’ ghille anail a tharraing.

Mu dheireadh, chaidh aige air èibheachd àirde a chlaiginn: “O, is beag orm fhìn a’ CHABHAG a tha seo!”

Nuair a chuala an cù dìleas ainm, leum e a-mach.

Bhris an cù an snàidhlean gun strì agus rinn e air sgòrnan na caillich.

Dh’ èirich Dòmhnall agus a-mach leis.

Bha là geal ann.

Theich Dòmhnall, is thriall e roimhe gu taigh a mhàthar agus ‘Cabhag’ còir air a shàil.

Short url:   http://multidict.net/cs/3326