This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Hàllain

Bho chionn còrr is tri fichead bliadhna bha ann an Cille Pheadair, an Uibhist a Deas, gille gabach tapaidh ris an canadh iad Fionnlagh Phàdraig a’ Chnuic.  Bha e a’ dèanamh a bheòshlaint na chruitear agus bha stoc aige de mu dhusan mart agus mu cheud chaora a-muigh sa bheinn.

Cha robh dìth fhaclan air Fionnlagh còir.  Neor thaing beul! Nuair thigeadh e gu Poileasaidh na Dùthcha bha Fionnlagh Phàdraig a’ Chnuic a cheart cho fileanta ri Winston Churchill fhèin agus cho tarraingeach na chainnt ri gin dhe na h-uaislean a chaidh gu sgoiltean mar Eton agus Winchester mun deach iad gu Pàrlamaid.

Ach chan e seo sgeul Fhionnlaigh gu ceann.  Bha leannan aige, Peigi Iain Bhig, ann an Gearraidh Sheile, agus bhiodh mo laochan a’ suirghe oirre cha mhòr a h-uile oidhche dhen t-seachdain.  Bha iad gu math measail air a chèile agus bha miann bàis aig Fionnlagh gum pòsadh iad latha brèagha air choireigin.  Ach ’s iomadh cnap-starradh a th’ ann eadar an toil agus gnìomhachas, agus bhiodh fear dhiubh sin an còmhnaidh a’ nochdadh a h-uile turas a dh’fheuchadh Fionnlagh ri innse do Pheigi gu robh e airson a pòsadh.  An fhìrinn, bha an dithis aca deònach pòsadh, ach cha leigte seo leotha.  Is e cho diùid dheth fhèin ’s a bha Fionnlagh nuair a bhiodh aige ri bruidhinn mu ghnothaichean bainnse a chuir bacadh orra. 

Coma leibh, co-dhiù, aon oidhche air do dh’Fhionnlagh tilleadh bharr a thuruis a Ghearraidh Sheile far do dh’fhairich e air, a-rithis, na faclan ‘Am pos thu mi?’ a ràdh, bha cuideam eagalach air laighe air a spiorad.  Cha b’ urrainn dha dhol air adhart mar seo na b’ fhaide – ‘Fionn ann an taigh a’ Bhlàir Bhuidhe, gun chomas èirigh no suidhe,’ mar gum biodh.  Stad e greiseag mu choinneamh an sgàthain anns a’ chidsin.

“Obh, obh, Fhionnlaigh mhic Phàdraig a’ Chnuic,” thuirt e ri iomhaigh.   “Nach e saoghal a’ choin a th’ agad!  Mharbhadh an t-uallach seo an t-each fhèin!”  Cho luath ’s a thàinig na faclan a-mach as a bheul, bhrùchd  ‘bas’ agus ‘marbh’ a-steach dhan cheann-eanchainn aige agus thuig e dè bha e a’ dol a dhèanamh.  

Air madainn an larna mhàireach, thadhail e air Peigi bhochd is tharraing e an truaghag chun an tractair aige, agus suas leotha gu Deas gu ruige Cladh Hàlainn.  Cha do choisich iad mu fhichead slat nuair a stad Fionnlagh is choimhead e mun cuairt.  Rug e gu sòlamaichte air làimh air Peigi is thuirt e: “Bheil thu a’ faicinn na cloich-uaghach air do bheulaibh, a Pheigi?”

“Tha.”

“Sin agad uaigh mo phàrantan.”

Thug Peigi sùil iomagaineach air.  “Bheil thu a’ smaointinn gur ann on CID a thàinig mi, Fhionnlaigh?” thuirt i.  “Coma leat dhen àite far am bheil Pàdraig a’ Chnuic agus a bhean a’ laighe còmhla gu sìorraidh.  Chan e mo ghnothach-sa a th’ ann.”

“O, ’s e, m’ eudail,” thuirt am fear a bh’ ann.

“Ciamar?” thuirt Peigi.

“Tha mi airson gum bi ceangal làidir eadar mi fhìn ’s tu fhèin a mhaireas gu sìorraidh.”

“Dè tha thu a’ ciallachadh, Fhionnlaigh?”

Anns a’ ghuth shàmh thuirt e: “Ciamar, a Pheigi, a chòrdadh e riut a bhith air do thìodhlaiceadh còmhla ri m’ athair ’s mo mhàthair?”

Short url:   http://multidict.net/cs/3327