This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Dòmhnall Phàdraig agus Màiri Claire

Dà fhichead bliadhna pòsda.  Sin cho fada ’s a tha Dòmhnall Phàdraig agus a bhean, Màiri Claire, air a bhith a’ fuireach còmhla ann an taigh beag tughaidh san Àird Mhòr an Uibhist a Deas.  Bha am bodach ’s a’ chailleach cho sona ri dà bhròg agus chan iarradh iad an saoghal fhàgail.  Aaw! 

Sin gus an deach Màiri Claire gu fèill Strachan ann an Talla An Iochdair air an t-seachdain seo chaidh!  Nach do thìll i dhachaigh le sgàthan mòr coig troighean air fad ’s air leud, is chuir i e an taic a’ bhalla anns an taigh bheag.

An ath latha, tràth sa mhadainn, an dèidh dhan bhodach ‘bass’ a ghabhail, bha e ga thiormachadh fhèin leis an t-searbhadair air beulaibh an sgàthain.

Bha a bhean an ath doras anns an t-seomar-cadail.  Bha i gun èirigh fhathast ’s i feuchainn ri norrag a ghabhail.  A dh’ aon bheum, chuala i an duine aice a’ burralaich:

“A MHÀIRI CHLAIRE, A MHÀIRI CHLAIRE, BHEIL THU GAM CHLUINNTEIL?”

“Tha, a chil-onaidh ghrod tha thu ann,” dh’ èigh a’ chailleach.  “Tha mise gad chluinntinn gu soilleir.  Tha, agus a h-uile duine eadar Càirinis ’s An Lùdag.  Dè tha cearr?”

“Tha mi gam fhaicinn fhìn anns an sgàthan bho bhun gu bàrr, ’s chan eil an gnothach a’ còrdadh rium idir.”

“Ciamar?”

“Chuireadh mo choltas an t-eagal air an dearg mhèarlach!”

“Dè tha thu a’ ciallachadh, a ghràidh?”

“Seo a’ chiad thuras a tha mi air mo chorp gu lèir fhaicinn bhon là a theab mo bhàthadh ann an Loch Bì ’s mi as dèidh lèabagan anns a’ bhliadhna trì fichead ’s a trì.”

“Agus?” thuirt Màiri Claire.

“Tha mi a’ faicinn cho grànnda ’s a tha mi air a dhol nam sheann aois.”

“Uill, a ghràidhein,” thuirt a’ chailleach, “tha fhios agad gun dèan an aois a gnothach fhèin.”

“Ach tha i air sgrios a dhèanamh orm-sa nach eil nàdarrach.”

“Dè as miosa tha thu a’ faicinn san sgàthan, a ghràidh?” dh’ fhaighnich a’ chailleach dha.

“Dia bhith timcheall orm,” thuirt Dòmhnall Phàdraig ’s e a’ leigeil osna, “chan eil gaisean gruaige air fhàgail agam.  Saoilidh mi gu bheil mo cheann coltach ri òrdag mhòr.”

“Uh-huh,” ars a’ chailleach.  “Dè eile tha cearr?”

“Na sùilean,” fhreagair Dòmhnall Pàdraig.  “Tha pocannan fo mo shùilean le patan dubh’ orra, agus tha iad a’ fàgail m’ aodann coltach ri aodann Panda.”

“Bheil sion eile a tha a’ dèanamh dragh dhut?” thuirt a’ chailleach.

“Innsidh mi sin dhut,” ars am bodach.  “Tha na casan agam air a dhol cho caol ri casan searraich.  ’S tha iad a’ coimhead cho neònach taca ri mo bhrù a tha air at gu mòr.”

“Dè nì mi riut, a ghaoil?” thuirt Màiri Claire.

“Dh’fhaodadh tu rud-eigin snog a ràdh mum dhèidhinn, gun a bhith a’ fanaid orm.”

“’S mi dh’fhaodadh, a ghràidhein.”

“O tha sin math,” thuirt Dòmhnall Phàdraig mar gum biodh e air faochadh fhaighinn.  “Siuthad, a bhoireanaich, dè rud beag laghach tha thu a’ dol a ràdh mum dhèidhinn a thogas m’ inntinn?”

“Uill,” thuirt Màiri Claire, “tha aon rud mud dhèidhinn nach gabh àicheadh.”

“De rud tha sin?” thuirt Dòmhnall Phàdraig le plìonas.

“Chan eil sion ceàrr air an fhradharc agad, a dhuine!”

Short url:   http://multidict.net/cs/3328