This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Bothan Àirigh am Bràigh Raithneach

Bothan Àirigh am Bràigh Raithneach air a sheinn le Julie Fowlis

Gur e mʼ anam is mʼ eudail
chaidh an-dè do Ghleann Garadh:
fear na gruaigʼ mar an t-òr
is na pòig air bhlas meala.

O hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò,
Hi rì ri ò hu eile
O hì ri ri ri ò gheallaibh ò

Is tu as fheàrr don tig deise
de na sheasadh air thalamh;
is tu as fheàrr don tig culaidh
de na chunna mi dhʼ fhearaibh.

Is tu as fheàrr don tig osan
is bròg shocrach nam barrall:
còta Lunnainneach dubh-ghorm,
is bidh na crùintean ga cheannach.

Thig mo chrios à Dùn Eideann
is mo bhrèid à Dùn Chailleann,
gheibh sinn crodh as aʼ Mhaorainn
agus caoraich à Gallaibh.

Is ann a bhios sinn ʼgan àrach
air àirigh am Bràigh Raithneach.
ann am bòthan an t-sùgraidh
is gur e bu dùnadh dha barrach.

Bhiodh aʼ chuthag ʼs an smùdan
aʼ gabhail ciùil duinn air chrannaibh;
bhiodh an damh donn ʼs a bhùireadh
gar dùsgadh sa mhadainn.

Short url:   http://multidict.net/cs/4126