This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Àiridh na h-Aon Oidhche, le Tormod MacGill-Eain

Uair dhen robh ’n saoghal, ann am Baile nan Cailleach ann am Beinn na Faoghla, bha bodach ann – Mac a Phì an t-ainm a bh’ air. Agus bha, tha mi a’ smaoineachadh gu robh triùir ghillean aige, agus air an oidhche bha seo, bha dùil aca dhol a-mach a Roisinis, Taobh an Ear Bheinn na Faoghla. Agus, co-dhiù, tha coltach gu robh na gillean aige gu math frogail, agus ’s ann a bha iad a’ dèanamh suas air na h-igheanan a bha ag obair an taigh mòr Mhic ’ic Ailein. Co-dhiubh, thruis e iad air fad agus dh’fhalbh iad gu Taobh an Ear. Cha do ràinig iad uabhasach fada, na thàinig iad tarsainn air bothag àiridh gu math faisg air Ruidheabhal ann a shin. Agus chaidh iad a-staigh ann, agus bha an t-sìde caran dona. Dh’fhàs i ceòthach agus chan fhaiceadh iad an slighe.


So, chuir iad romhpa gum fanadh iad an oidhche sa bhothag a bha seo, anns an àiridh. Agus choisich iad a-staigh, agus, cha chreid mi, thog iad teine, agus ghabh iad tì, tha mi a’ creidsinn, agus chan eil fhios agam dè ghabh iad, brothas. Agus thuirt fear dhe na gillean òga, “Nach e a bhiodh math, nam biodh a’ chlann nighean a tha ag obair am Baile nan Cailleach còmhla rinn an-dràsta.” Agus thuirt fear eile dhe na gillean “’S e a bhiodh math dha-rìribh”.


Cho luath ’s a thuirt e sin, thàinig gnog chun an dorais, agus cò choisich a-staigh ach ceathrar boireannaich àirde brèagha, is gùnachain dhan t-sìoda orra. Cha tuirt iad sgath idir, ach dh’fhalbh triùir còmhla ris na balaich dhan a’ chlòsaid aig ceann an taighe. Dh’fhan tè dhiubh còmhla ris a’ bhodach, bodach Mac a Phì. Agus bha iad a’ bruidhinn a-null ’s a-nall, bruidhinn mun t-sìde agus cho cèothach ’s a bha i, agus bha am bodach ag ràdh “Cò às a thàinig sibh?” agus ars ise, “Bha an t-iomradh againn caran fada”, ach sin a thuirt i.


Ach bha esan a’ siar choimhead oirre, agus bha a craiceann gu math dorcha. Is shaoil e fhèin gur ann às na h-Innseachan no às na dùthchannan Arabach a bha i. Coma leat co-dhiù, bha e a’ siar choimhead oirre, agus thuig e mu dheireadh gu robh ruideigin ceàrr air an t-sròn aice, bha an t-sròn aice siar fhada a’ tighinn a-mach, mar gum biodh, na cromag. Thuig e nach robh i nàdarrach idir agus dh’èirich e, ’s thuirt e “Gabh mo leisgeul a bhoireannaich, tha agam ri dhol a-mach a dhèanamh mo ghnothaich.”


Ars ise “Uill na bi fada, agus tha mise a’ dol a chumail greim air cùl do sheacaid.”


So dh’fhalbh e a-mach air an doras, ach bha e gu math glic, am bodach – thug e dheth a sheacaid, agus a-mach a sgian, agus stob e a sgian san t-seacaid, agus greim teann a’ bhàis aig an tè a bh’ ann air cùl na seacaid, ’s theich e, e fhèin ’s an cuilean, Bastiga.


Ràinig e, tha mi creidsinn, mu thrì cheud slat air falbh bhon taigh nuair a thuig an tè a a bh’ ann, gun tug e car aiste. Agus thàinig i a-mach, ’s bha i ag èigheach, agus thuirt am bodach ris a’ chuilean, ‘Bastiga, Bastiga – ma rinn thu riamh e, dèan a-nochd e!’. Agus thug e a chasan leis, agus e a’ dèanamh air Baile nan Cailleach. A-nis, ’s e bodach a bh’ann, agus chùm Bastiga am boireannach air ais.


Ràinig am bodach, agus e gu toirt fairis, taigh mòr Mhic ’Ic Ailein ann am Baile nan Cailleach, agus chuir e a-mach pucaid uisge aig an doras, agus chaidh e suas dhan leabaidh. Thuit e ann a shin, ’s bha e gu toirt fairis. Agus nuair a dh’èirich e sa mhadainn chaidh e sìos an staidhre, agus bha Bastiga bochd na shìneadh air an leacan, marbh. Agus cha robh sgath gaoiside air idir.


Agus bha mise – tha cuimhne agam a’ ràdh ri bràthair mo sheamhair, Seumas Mòr mac Aonghais ’ic Iain Mhòr, “Dè bu choireach, dè an gnothach a bh’ aig Bastiga ris an stòiridh?” Ars esan, “Well, tha e coltach, sna laitheachan a bha sin – cù sam bith a bhlaiseadh air fuil mhic an duine, dh’fhàsadh e trom air, agus bhiodh e riamh as dèidh leanabh òg no rudeigin far am faigheadh e fuil mhic an duine.”


Coma leat, latha na mhàireach, chaidh Mac a Phì suas gu Àiridh na h-Aon Oidhche faisg air Ruaidheabhal, agus anns a’ chlòsaid bha na triùir ghillean aige nan laighe marbh, ann an lòn do dh’fhuil. Agus ’s e na boireannaich a bha siud a mharbh iad.


Nist, chan eil fhios aig duine cà’ deach na boireannaich, an deach iad suas gu Deas as dèidh siud, air neo an robh bàta aca, robh eathar aca san deach iad air ais dhan Èipheit no ge brith cò as a thàinig iad, chan eil fhios aig duine. Ach tha fhios aig a h-uile duine nach do dh’fhuirich duine riamh anns a’ bhothag a bha sin às dèidh na thachair. Agus ’s e sin as coireach gun tug iad Àiridh na h-Aon Oidhche air an tobhta a tha sin.


Agus ma tha sibh faisg air Ruaidheabhal, ma tha sibh deònach a bhith ann an cunnart, nach tèid sibh faisg air an tobhta? ’S dòcha gum faic sibh na boireannach a tha siud cuideachd. Tha e neònach. Mar a chuala mise, eadhon an crodh, an crodh a bh’ aig Calum Iain Caimbeul, shuas san Uachdar ann an shin, cha tigeadh iad faisg air an tobhta. Cha tig beòthach, eich, mairt neo caora faisg air Àiridh na h-Aon Oidhche.

Short url:   http://multidict.net/cs/4428