This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Oighrig Keogh - Comunn Gàidhlig Thoronto

’S ann à Barraigh a bha mi. MacNèill à Barraigh. Agus thogadh mi ann am Beinn nam Faoghla. Dh’fhàg sinn Beinn nam Faoghla nuair a bha mi aona bliadhn’ deug ’s chaidh sinn a Dhùn Èideann. Agus bha sinn... Dh’fhuirich sinn an-sin.

Ach phòs mi nuair a bha mi fichead agus thàinig mi gu Canada. Agus an duine phòs mi ’s e dotair a bh’ ann. Agus ’s e paidhleat a bh’ ann cuideachd. Agus leis a sin thàinig sinn a-null leis a’ Canadian Air Force. Ann an... 1954, January. Bha e gu math fuar, bha. Sin nuair a thàinig sinn gu St. John, New Brunswick. Ò bha e fuar. Agus chaidh sinn às a sin gu Alberta. January. Agus bha sin uabhasach fuar! Bha sinn ann an Alberta ’son dà mhios. An uair sin chaidh sinn gu Lunnainn agus gu Toronto dìreach airson cùrsaichean agus an uair sin gu Winnipeg. Àite eile a tha gu math fuar! Agus bha sinn an-sin ’son trì bliadhnaichean.

Ach an uair sin thàinig e a-mach às an Air Force agus dhealaich sinn. Splitsville. Agus... thàinig esan a-nuas an-seo agus dh’fhosgail e practas agus bha mise ag obair ann a Winnipeg nam social worker. ’S bha mi a’ dol a bhith a’ dol suas gu tuath gu Dauphin. Uabhasach fuar. Agus dh’fhaighneachd e dhomh tilleadh air n-ais agus... feuch an dèanadh sinn an gnothach air a’ bhanais. Uill, mo thruaighe cha robh mi sona dhèanamh, ach rinn mi e. Agus bha sinn còmhla ri chèile airson ceithir bliadhna. Agus an uair sin... Aig an àm sin bha pàiste agam. Bha gille agam. Ach cha robh an gnothach a’ dol gu math idir agus dh’fhàg mi e.

Nist... Sin nuair a thàinig mi gu Toronto. Thòisich mi air bruidhinn le daoine às na h-eileanan agus fhuair mi a-mach gun robh Comunn Gàidhlig aca. Agus thòisich mi air dol dha na cèilidhean is bha mi a’ seinn. Agus... bha mi dìreach ag obair... a’ faighinn an rud a’ dol air adhart airson treis mhòr... treis mhòr agus... Thòisich mi air còisir a chur ri chèile. ’S bha còisir mòr mòr againn. Bha deich ar fhichead ann. Dìreach uabhasach mòr! ’S rinn sinn uabhasach math. Bhiodh sinn a’ falbh gu Montreal. An-siud ’s an-seo.

Agus... an uair sin, na daoine bha, bha sa’ chomunn aig an àm sin bha iad a’ fàs aost’. Mar a b’ àbhaist. Agus bha iad a’ bàsachadh Agus bha an Comunn dìreach a’ dol sìos mar siud. Mu dheireadh thall thuirt daoine... “Ò! Tha sinn ullamh. Chan eil na daoine ann, agus feumaidh sinn sgur.” Agus sguir iad.

Uill, cha do shuidh sin ceart air mo ghualainn. Agus aon oidhche bha mi dìreach a’ smaointinn nam chadal. Aisling agam. Chan eil seo a’ dol a thachairt. Tha tòrr de dhaoine òga ag ionnsachadh Gàidhlig. Torr dhiubh! Agus bha mi a’ ceasnachadh shìos aig Cànan agus Òran. Agus bha mi gam faicinn, ’s, thuirt mi... Tha gu leòr ann! Togaidh sinn suas Comunn Gàidhlig Thoronto a-rithist. Agus bhruidhinn mi ris an fhear seo, bhruidhinn mi ris an tè seo. “Ò Oighrig... Chan eil comas ann! Tha e ullamh! Tha e marbh! Tha e marbh!”

Uill, chan eil! Lean mi orm agus fhuair mi fear à siud ’s tè à seo. Thuirt iad, “’s dòcha gun do thòisich”. Co-dhiù, thòisich sinn. Agus a-nist tha e glè bheò! Tha e taghta! Agus, tha mi ag iarraidh còisir eile. Còisir mhòr eile.

Le cead bhon Endangered Language Alliance Toronto.
Tha eadar-theangachadh Beurla còmhla ris an tar-sgrìobhadh air Youtube.

Short url:   http://multidict.net/cs/4495