This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Norman Maclean on Tuesday: Foghlam

GW 00.20

Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn Caitligich is Pròstanaich.

TM 00.22

Bha gu dearbh fhèin, a Ghòrdain. Ach nach eil e neònach mar a bha m’ inntinn ag obair nuair a bha mi beag. Nuair a bha mi còmhla ri muinntir Ghlaschu, còmhla ris a’ chloinn, cha robh ann ach dà roghainn san t-saoghal. Cha robh ann ach dà threubh – Pròstanaich is Caitligich. Agus cha robh iad a’ tighinn ri chèile uair sam bith.

Nis, nach eil e neònach, leis a’ chloinn aig an robh pàrantan às Uibhist a Deas, ’s à Èirisgeigh ’s à Barraigh, Caitligich, cha robh dad sam bith, cha robh cnap-starra sam bith eadar an dà threubh, ach le muinntir Ghlaschu bha e cho soilleir, bha e dìreach ann an dubh ’s an geal. Agus, nach eil e neònach, tha am beum a tha seo eatorra nam cheann fhathast.  

Bidh mi a’ coimhead an telebhisean agus ma chì mi ainm, tha mise a’ saoilsinn, “Uh oh, ’s e Èireannach a tha siud, Mulcahy, agus cò a-nis a tha siud, tè Murphy, oh no. Caitligich a tha siud. Muinntir Ghlaschu.” Agus tha mi nan aghaidh, gun a bhith a’ smaointinn air. Tha e a’ tighinn thugam gu nàdarrach. “Nàmhaid a tha sin.” Tha fhios agam – ’s e faoineas a th’ ann. Ach nach eil e neònach cho làidir ’s a bha e a’ brùthadh orm nuair a bha mi beag. Dh’fheumadh tu d’ inntinn a dhèanamh suas, a bheil thu air an taobh-sa dhan loidhne còmhla ris na Pròstanaich no a bheil thu air an taobh eile còmhla ris na Caitligich.

Ach, ’s e rud annasach ma dheidhinn, mas e Dòmhnall MacAonghais no Dòmhnall Phàdraig MacAonghais an t-ainm a bh’ ort agus bha do mhàthair is d’ athair à Uibhist a Deas no à Barraigh bha sin taghta. Cha robh e a’ dèanamh dragh sam bith dhomh. Bha, mar gum biodh, gun robh an cànan na bu làidire na creideamh leis na Gàidheil. Ach leis na Goill ’s e creideamh, agus tha mi air mo nàrachadh ga ràdh, tha e annam fhathast. An gòraiche a tha siud. Ach co-dhiù. Nì sinn ar dìcheall an-diugh gun a bhith a’ càineadh na dìolachan-dèirce. Tha mi cho caochlaideach.

GW 03.04

Seadh, co-dhiù, an-dè bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn an teaghlaich agaibh. Agus bha mi smaointinn, ’s dòcha an-diugh, nam b’ urrainn dhuinn beagan focus a chur oirbh fhèin aig an aois a bha sin nuair a bha sibh nur balach òg. Bha sibh ag ràdh gu robh, bha sibh aig trì sgoiltean eadar-dhealaichte aig aois primary, mar gum biodh.

TM 03.30

Bha gu dearbh aig a’ bhun-sgoil. A’ chiad sgoil, nuair a – air do shlighe – oh chì thu an-dràsta e. Tha dealbh shuas an sin ris a’ bhalla, agus chì thu frìth de bheinn a tha siud air do làimh chlì. Agus chì thu bothag. Sin a’ chiad sgoil dhan deach mi. Sgoil an t-Srathan, agus cha robh ann ach – tha mi smaointinn gun robh còig againn ann, agus triùir dhiubh ’s e cousins dhomh fhìn a bh’ annta. Oh agus bha dithis, agus bhuineadh am pàrantan dhan Eilean Sgitheanach, Robasdanaich an t-ainm a bh’ orra. Thoradh na cìobairean air fad aig Loch Iall – bha iad uile Gàidhealach. Bha iad uile Gàidhealach, cha bhuineadh iad do Loch Abar ann. ’S e Sgitheanaich agus Uibhistich a bha aig cìobaireachd shuas an sin.  

GW 04.30

So, bha sibh air a’ Ghàidhealtachd  ann an dòigh.

TM 04.32

Oh bha. Dhà no trì de chìobairean. Bha sin ceàrr. Tha mi a’ smaointinn gun robh – dè chanas tu ris, am bodach MacGregor, well, ’s ann à Lios Mòr a thàinig a mhàthair, Leacsaidh, agus ’s e bana-bhuidseach a bh’ innte. Dha rìreabh, dha rìreabh.

Nam biodh ise a’ tighinn faisg air an taigh agad, dh’fheumadh tu an crodh a chur a-staigh dhan bhàthaich. Chuireadh i buidseach orra ’s i a’ coimhead ort. Agus nam faiceadh i bàta air an loch. Mar gum biodh daoine uasal ag iasgach, ’s cha robh e a’ còrdadh rithe,  ’s e a dhèanadh i – choimhead i air an loch, chuireadh i a ceann shìos eadar a dà ghlùn, agus chanadh i rudeigin ’s rachadh am bàta shìos. Oh bha cumhachd aice. Leacsaidh à Lios Mòr. MacGregor a bh’ oirre. Chan fhaca mi am bodach MacGregor riamh.

Agus bha mac aice air an robh Geordie. Agus seo an fhìrinn ghlan. Tha cuimhne agamsa uair sa mhìos – bhiodh Loch Iall, bhiodh e a’ cur an ambulance, a chanadh iad – ’s e seann ambulance a bh’ ann – mar bhus a’ toirt na cìobairean agus na mnathan aca dhan Ghearasdan, airson gum faigheadh iad biadh is rudan a bhiodh iad a’ feumachdainn. Agus na fireannaich, rachadh iad dìreach dhan Imperial, agus bhiodh iad air an dalladh ro thrì uairean.

Ach, co-dhiù, tha cuimhne agam air aon oidhche, well feasgar, chanainn-sa gun robh e a’ ciaradh, mu chòig uairean. Mi-fhìn agus Crìsdean, cousin dhomh, chaidh sinn a-steach dhan Imperial far an robh na fireannaich. Agus an ceò, agus a h-uile duine a’ smocadh, pìoban smocaidh agus bha feadhainn dhiubh a’ gabhail snaoisean cuideachd, agus bha a h-uile duine a bha aig a’ bhàr, bha plusfours orra, agus furasta aithneachadh gun robh iad ag obair cha mhòr mar sgalagan aig na h-oighreachdan timcheall.

Ach, co-dhiù, tha cuimhne agam, aon oidhche, bha mi fhìn is Crìsdean nar suidhe air beingidh. Chan eil fhios agam an robh lemonade againn no rudeigin, is bha na fireannaich a’ cabadaich.

GW 07.23

Dè an aois a bha sibh aig an àm?

TM 07.25

Chanainn-sa gun robh mi an uair sin mu shia bliadhna a dh’aois. Ach Geordie MacGregor, sin agad mac na bana-bhuidsich, ’s e – bha aigesan ri deoch a cheannach do chàch. Agus mhothaich sinn – bha e a’ sporghail na phòca, is an ath rud thug e a-mach bonn òir. Agus chuir e air a’ chunntair, agus a’ lìonadh dramannan agus bha am pathadh air na cìobairean agus dh’òl iad e. Ach bha mise airson faighinn a-mach dè am bonn òir a bha siud. Airgead – chunna mi notaichean, chunna mi airgead pàipear as d’ fhiach deich tastan. Ach chan fhaca mi bonn òir riamh.

So chaidh mi gu Johnny MacDonald, ’s e a bha air cùl a’ chunntair. Ars mise, ann am Beurla, “Can I see that coin?” Agus shìn e dhomh e, agus ’s e Louis d’or a bh’ ann. Agus, well chan eil fhios agam an e  mo mhac-meanmna a bh’ air gleus, ach smaointich mi  gun d’ fhuair Geordie MacGregor, Murlagain, gun d’ fhuair e grèim air an airgead Frangach a thàinig a-null as dèidh a’ Phrionnsa Theàrlaich.

’S dòcha gun robh e san abhainn am badeigin. Agus mhionnaich mi an uair sin, “Uaireigin, a Thormoid, tha an t-àm agad faighinn air do chasan agus Geiger counter fhaighinn agus a dhol suas gu Murlagain, feuch am faigh thu na Louis d’ors a thug na Frangaich leotha”.

Ach siud an fhìrinn, ’s e Louis d’or a bh’ ann. ’S dòcha gur e dìreach gun robh fear dhiubh siud san teaghlach, ach chan fhaigh thu iad tric an Loch Abar agus gu dearbh fhèin chan fhaigh thu, chan fhaic thu mòran dhiubh sna taighean-òsta, sa Ghearasdan.

Cò air a bha mi a’ bruidhinn?

GW 09.50

An sgoil fhèin. Taobh a-staigh na sgoile.

TM 09.52

Oh, cha robh i ach beag, agus ’s iomadh uair a dh’innis mi – an tidsear a bh’ againn, ’s e Miss Maclean a bh’ oirre. An seòrsa chuimhne a th’ agam, cha chreid mi nach ann às an Eilean Sgitheanach a bha i.

GW 10.07

An robh Gàidhlig aice?

TM 10.09

Oh bha, bha, ach bha dementia oirre cuideachd. Oh bha i cho gòrach ris na h-uiseagan. Thòisich i a’ chiad char – well, cha robh mise ach glè bheag an uair sin. Bha mi ’s dòcha ceithir bliadhna gu leth nuair a chaidh mi innte an toiseach, thoradh cha robh e a’ còrdadh rium càch, Murchadh agus Crìsdean a’ falbh chun sgoile, is Nan is Bella, ’s mise air m’ fhàgail leam fhìn aig an taigh. So, thuirt e “Ach well faodaidh e dhol ann”. So chaidh mise ann tràth.

Agus goirid as dèidh dhomh a dhol innte theann Miss Maclean, dh’fhàs i neònach. Bhiodh i a’ cur a-mach, soithichean sa mhadainn. An àite leabhraichean ’s e truinnsear a bha sinn a’ faighinn, truinnsear tiona agus bhiodh i a’ dèanamh Cremola air an stòbh. Bha stòbh ann. Agus bhiodh i a’ dèanamh Cremola, is an ath rud chanadh i, “Right, siuthadaibh.” Bhiodh i a’ dol timcheall, agus bha làn spàin mhòr aice, is bhiodh i a’ dòrtadh an Cremola dha na truinnsearan againn. Bheireadh i dhuinn spàintean agus an uair sin chanadh i, “Nis, a’ chlann, ithibh!” Agus gun bhainne, gun sian, bha againn ri ithe an rud buidhe grannda a bha seo.

Agus nuair a bhiodh na truinnsearan falamh, chanadh i, “Nis, pasgaidh tu do làmhan, a’ chlann pasgaibh sibh ur làmhan, agus cuiribh ur cinn air ur gàirdean. Caidlibh!” Agus bha sinn a’ tuiteam nar cadal. Agus mu thrì uairean feasgar, bha i gar crathadh agus a’ ràdh, “Right, an t-àm agaibh falbh dhachaidh. Chì sinn a-màireach sibh.” ’S dh’fhalbh sinn, ’s bha e mìorbhaileach.

Nis, chan urrainn dhomh le mo làmh air a’ Bhìoball a ràdh dè cho fad ’s a mhair seo. Saoilidh mi gun do mhair e mìosan, ’s tha e na mhìorbhail gun tèid agam air sums a dhèanamh a-nis, ach co-dhiù, bha e a’ còrdadh ruinne. Bha e glè mhath.

Ach, mar a chanas iad ann am Paris no ann am Malbec, “Cherchez la femme”. Tè a bh’ ann ach nighean Robasdan a bha seo. Feasgar àraid, thuirt a h-athair rithe, “Seadh a ghràidh, dè fhuair sibh san sgoil an-diugh?”

Ars ise, “Fhuair Cremola. Mar as àbhaist. Tha sinn a’ faighinn Cremola a h-uile…”

Obh, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle. Chaidh brath a chur gu Loch Iall fhèin, agus an ath rud thàinig dithis – tha cuimhne agam mar a bha iad dreaste, bha lèintean geal agus briogaisean geal orra – à Craig Dunain. Agus thugadh air falbh Miss Maclean. Agus ’s e “Soraidh leat, a nighean”. So sin agad a’ chiad sgoil, agus dhùin an sgoil an uair sin.

GW 13.35

Seadh. Dìreach aon cheist. Bha Gàidhlig aicese. Agus bha Gàidhlig aig a’ chlann gu lèir?

TM 13.42

Aig a’ chlann. Oh bha.

GW 13.44

Ach an robh Gàidhlig a’ dol san sgoil? No an robh a h-uile dad a tha seo..

TM 13.48

Oh, ann am Beurla. Comannd sam bith, dh’innseadh i ann an Gàidhlig, los gum biodh fhios againn dè bha a dhith oirre. Ach fhad ’s is cuimhneach leamsa bhiomaid a’ litreachadh faclan ann am Beurla. “C A T – Cat. M A T – Mat” airson a bhith ga leughadh. Ach, agus cuideachd an aon rud le àireamhan. ’S e “Two and two makes four”, agus bha sinn ga dhèanamh mar a tha na Sinich – by rote. Sin an dòigh a bh’ aice. Ach mar a thuirt mi, nuair a thugadh air falbh i dhan taigh chaothaich, dhùin an sgoil. Cha b’ urrainn do Loch Iall tidsear sam bith eile a tharraing dhan àite. Agus sin a chuir mi fhìn agus Crìsdean a Bheinn na Faoghla.

Agus chaidh Crìsdean a dh’fhuireach còmhla ri uncail dha mhàthair, fear Crìsdean Mòr MacRath an t-ainm a bh’ air. Tha mi a’ smaoineachadh gur e nàdar de dhuine uasal a bh’ ann san àite aig an àm. ’S e fear mòr, agus chan fhaca mise riamh e, Crìsdean Mòr, ach, mar a thuirt mi, ’s e uncail do Mhàiri Paterson, màthair aig Crìsdean. Chaidh esan a dh’obair, ach bha mise fortanach. Chaidh mise a Ghrìminis, còmhla ri Seumas Mhurchaidh, agus cha chreid mi nach robh – an tug mi iomradh air Murchadh ’s air mo sheanmhair fhìn, Anna Bheag, nighean Aonghais ’ic Iain Mhòir.

So, bha mise còmhla ri Seumas, agus bha dithis nighean ann, Mòrag agus Seonag agus aon ghille – dh’innis mi dhut, chunna mi dealbh, an t-aodann aig Kenny Sheumais Mhurchaidh air an DVD san Trianaid an-dè. So, an uair sin chaidh mi a Sgoil Chnoc na Mònadh. Ach bha mi deiseil air a shon.

GW 16.05

Seadh, agus a-rithist ’s e Gàidhlig a bhiodh aig a h-uile duine.

TM 16.09

Gàidhlig aig a h-uile duine. Agus tha mi a’ creidsinn gun do dh’innis mi dhut, gum feumadh tu Gàidhlig a bhruidhinn an uair ud. Bha Gàidhlig aig a h-uile duine, agus gu bhith a’ bruidhinn Beurla, well bha Beurla agam.

GW 16.28

Ciamar?

TM 16.30

Chan eil fhios agam. Bha mi a’ leughadh. Thòisich mi air leughadh, agus tha mi a’ creidsinn gun robh – bhiodh sinn ag èisteachd na naidheachdan.

An aon rud a bha cunntas nar beatha air an oidhche, na naidheachdan. Agus co-dhiù bha rud beag de Bheurla agam. Ach cuimhnich cuideachd, bha mi greiseag bheag ann an Glaschu mun deach mi suas a Loch Abar, so bha prabalais de Bheurla agam, well de Bheurla nan sràidean agam nuair a bha mi ann am Beinn na Faoghla.

Ach cha do chleachd mi mòran dheth, thoradh ’s e Gàidhlig a bh’ aig a h-uile duine. Dh’innis mi dhut an stòiridh mu dheidhinn Peter Devlin. An do dh’innis mi dhut – am bodach a bha seo, bhàsaich a bhean ann an Townhead, agus bha teaghlach mòr ann. Chan eil fhios agam co mheud a bh’ ann. Co-dhiù, choinnich e ri tè òg – à Creag Ghoraidh a bha i. Macdonald an t-ainm a bh’ oirre, co-dhiù. Agus ghluais e fhèin agus na gillean ’s na h-ìghnean à Townhead ann an Glaschu a Chreag Ghoraidh ann am Beinn na Faoghla.

Nis, bha Peter, bha e air an aon deasg leam fhìn, agus cha robh facal Gàidhlig aige nuair a thàinig e a-staigh. Sin bu choireach gun do chuir an tidsear rim thaobh e. “Tha Beurla aig Tormod, so..” “What are you doing? Where are you from? Townhead? No I was never there.” So, bha sinn a’ cabadaich.

An fhìrinn ghlan. Gun tigeadh onfhadh orm mas e breug e. An ceann mìos bha Peter Devlin cho fileanta ri duine sam bith. B’ fheudar dha. Ma bha e airson cluich còmhla ris na gillean eile, dh’fheumadh e Gàidhlig ionnsachadh, so rinn e sin. Agus cuimhnich nam biodh duilgheadas sam bith ann, bha a mhàthair ann. Dh’fhaodadh e ràdh, “Hey, mammy, what did that man mean when he said Chan eil annam ach an trustar?” Dh’innseadh a mhàthair dha. Ach ceithir seachdain, bha a’ Ghàidhlig air a theanga. Nach eil e neònach.

GW 18.54

Ged ’s e Beurla a bhiodh na tidsearan a’ bruidhinn taobh a-staigh na sgoile.

TM 18.59

’S e. Bha iad a’ teagasg tro Bheurla, bha. Agus ’s ann a thòisich an uair sin, thàinig miann orm, miann bàis gu bhith a’ leughadh orm fhìn. Ghoid mi leth-bhreac de Dombey and Son, tha mi a’ smaoineachadh gur e Dombey and Son – ’s dòcha gur e – no, Dombey and Son a bh’ ann. Agus a h-uile duine eile a ràdh, “Oh, tha e cho dull, cha do chòrd an leabhar idir rium”. Chòrd e uabhasach math riumsa.

Ach co-dhiù, bha e na chleachdadh agam as dèidh siud – rud sam bith a bha sgrìobhte, a bhith ga leughadh. Agus tha mi air an aon chleas fhathast, ’s mi a’ streap ri ceithir fichead bliadhna.

GW 19.47

Agus bha sin aig àm a’ chogaidh?

TM 19.50

Bha e dìreach goirid as dèidh a’ chogaidh. Fuirich gum faigh mi ceart e. Àm a’ chogaidh, tha thu ceart. Chaidh mi ann, chanainn-sa gun deach mi ann mu dà fhichead ’s a trì. Tha cuimhne agam, aidh, thoradh chaidh Coinneach, Coinneach – sin, well, ’s e Coinneach Sheumais Mhòir a chanadh iad ris – ach ’s e gille dìolain a bh’ ann a bh’ aig a mhàthair mun do phòs i Seumas Mòr. Ach thug Seumas Mòr ainm dha, agus ’s e Kenny a bh’ air, Kenny MacDonald. Chaidh a mharbhadh aig El Alamein, 1943, tha cuimhne agam air an siud. Bha a h-uile duine cho brònach. Cha robh e ach ’s dòcha bliadhna air fhichead a dh’aois nuair a chaidh a mharbhadh.

GW 20.50

Na tidsearan a bh’ ann. An robh na tidsearan fhèin Gàidhealach?

TM 20.55

Bha, bha.

GW 20.57

So, bhiodh Gàidhlig aca ach bhiodh iad a’ bruidhinn Beurla taobh a-staigh na sgoile.

TM 21.00

Seo an rud, ach seo mar a bha e air feadh nan eilean, tha mi a’ smaointinn.

GW 21.06

Cuimhne agam air mo mhàthair fhèin. Bha ise na tidsear ann an Ceann a’ Bhàigh, aig an aon àm.

TM 21.10

Oh, an robh?

GW 21.12

Bha, agus Gàidhlig gu leòr aicese of course, ach an rud a bha i ag innse dhomhsa gun robh i gu math moiteil gun robh i a’ bruidhinn Gàidhlig ris na sgoilearan taobh a-muigh na sgoile co-dhiù. Cha robh cead aice a bhith a’ bruidhinn riutha sa Ghàidhlig taobh a-staigh na sgoile, agus bhathas an dùil gum biodh i a’ bruidhinn Beurla riutha fiù ’s taobh a-muigh na sgoile, ach bha ise deònach Gàidhlig a bhruidhinn leotha.

TM 21.42

’S e an aon charry-on a bh’ againne. Taobh a-muigh na sgoile, aig a’ phleidhe, bha a h-uile duine a’ bruidhinn Gàidhlig. Tha cuimhne agam air an sin. Agus bhiodh na tidsearan, can Valerie no, dè an t-ainm a bh’ oirre, boireannach na bu shine na ise – bha buintealas aice ri – co-dhiù thig e air ais thugam – thigeadh i a-mach às an sgoil, is chanadh i “Right, staigh sibh a-nis. Siuthadaibh, siuthadaibh, air ur socair.” Agus cho luath ’s gheibheamaid broinn na sgoile, “Right, Miss Macdonald’s class, go to Room 3. Room 2, Miss Maclean,” agus bha i a’ bruidhinn Beurla.

Agus cha do shaoil mise sian dheth. ’S dòcha gun robh e na chnap-starra do dh’fheadhainn, ach cha robh – mar a bha mi a’ feuchainn ri innse dhut an-dè, bha pàirt dha mo bheatha a bhith a’ measgachadh cainntean, agus cha do rinn e dragh sam bith dhomh. Bha, thuig mi na riaghailtean sa bhad, mar gum biodh. Taobh a-muigh Gàidhlig, taobh a-staigh Beurla. Nam biodh e an aghaidh na ranna bha an aon rud riumsa.

GW 23.10

Agus nam biodh sibh a’ tachairt ris na tidsearan taobh a-muigh na sgoile?

TM 23.13

Well, nach eil e neònach. Cha b’ urrainn dhut bruidhinn riutha, really. Bha iadsan shuas an siud, you know. Mar a bha an dotair agus am bancair, agus am ministear ’s an sagairt. Cha robh thu a’ bruidhinn riuthasan ann. Falbh cho similidh.

GW 23.36

An ann mar sin a bha.

TM 23.38

’S ann.

So sin agad e, agus an uair sin air ais a Ghlaschu. Agus bha mi a’ dol a ràdh gur e sgleog a fhuair mi, ach cha b’ e, thoradh bha seòrsa de chuimhne agam air a’ chiad triop a bha mi ann an Glaschu. Bha mi poille san sgoil ann an Glaschu, ’s dòcha dà mhìos, mun deach mi a Loch Abar.

So, cha d’ fhuair mi sgleog idir. Bha fhios agam mu dheidhinn na riaghailtean. Agus, an rud as cudromaiche, bha mi eòlach, b’ aithne dhomh na riaghailtean a bha co-cheangailte ri bhith a’ cluich còmhla ris na gillean eile air na sràidean. Agus mar sin, cha d’ fhuair mi duilgheadas sam bith, a’ dol air ais a Ghlaschu.

Ach, mar a bha mi a’ ràdh an-dè, aig an taigh ’s e Gàidhlig a bhiomaid a’ bruidhinn, agus ’s e Gàidhlig a bhiodh aig na daoine a bhiodh a’ tadhail air an taigh againn. Cha robh an fheadhainn Ghallda a’ tighinn chun an – well cha robh sinn gan leigeil a-staigh idir.

Nach eil e neònach, bha mi ag innse, tha – ogha Anna an t-sealgair, Macdonald a bh’ air à Uibhist a Tuath, Beef Macdonald – cha robh aigesan ach prabalais de Ghàidhlig, ach leigeadh mo mhàthair esan a-staigh a choimhead orm, you know. Bha e rud beag na bu shine na mise. In fact, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil stòraidh ma dheidhinn san Eavesdropping – Beef Macdonald. Bha e a’ feuchainn ri innse dhomh dè bu chòir dhomh a dhèanamh a thaobh burraidh a bha seo a bha ag obair orm aig a’ football, ach co-dhiù, nach eil e neònach, dh’fhaodadh esan tighinn chun an dorais agus leigeadh mo mhàthair a-staigh e. Ach, nan tigeadh Francis Aloysius Carrabine chun an dorais, an robh mise a’ tighinn a-mach gu cluich, dh’fheumadh e feitheamh air an staran, gum bithinn deiseil is rachamaid sìos an staidhre còmhla. Cha robh muinntir Ghlaschu a’ faighinn a-staigh idir.  

Sin mar a bha mi a ràdh mu dheidhinn – tha mi a’ smaoineachadh gun robh, mar a chanadh Obama, dog-whistle racism sin. Bha mise a’ smaoineachadh gun robh siud nàdarrach gu leòr, thoradh ’s dòcha gun robh mi fhìn air rudeigin a thogail caran coltach ri sin. Bha sinn a’ smaoineachadh gun robh sinn na b’ fheàrr na muinntir Ghlaschu. You know, cha robh sinn a’ marbhadh dhaoine, cha robh duine dha na daoine againne a’ falbh le ràsairean nam pòcaid. ’S e muinntir Ghlaschu, na hooligans…

GW 26.56

So, ’s e Gàidhlig a bh’ agaibh taobh a-staigh an taighe.

TM 26.59

Taobh a-staigh, Aidh.

GW 27.02

An robh Gàidhlig idir ann air na sràidean, air neo san sgoil ann am Bellahouston, no?

TM 27.10

Well, bha feadhainn ann. Bha fear ann, ’s dòcha gun cuala thu an t-ainm – bha e na b’ òige na mise. Fear Malky Maclean. Cha chreid mi nach ann às an Eilean Sgitheanach a bha a chuideachd. Bha Gàidhlig aigesan, agus bha – oh aidh, bha feadhainn eile às an Eilean Sgitheanach a b’ aithne dhomh, agus bha iadsan gu math fileanta.

Ach cha bhiodh e iomchaidh a bhith a’ bristeadh a-staigh do Ghàidhlig agus an crowd eile timcheall ort, dhe na hooligans. Bhiodh iad a’ magadh oirnn, you know.

GW 27.49

Cha bhiodh e cool idir.

TM 27.55

Bha fhios againn cuine bha e freagarrach a bhith ga bruidhinn, ’s cuine nach robh e freagarrach.

Ach, mar a thuirt mi an-dè, cha robh e, well nam cheann-sa co-dhiù, cha robh e cudromach dè an cànan a chleachdamaid. Ma bha thu deònach bruidhinn ann an Weegie, glan fhèin, dhèanainn fhìn sin. Ma bha thu deònach bruidhinn ann an Gàidhlig, bha sin glè mhath cuideachd.

GW 28.32

Ach bha Gàidhlig ann mar chuspair ann an cuid dhe na sgoiltean ann an Glaschu, nach robh?

TM 28.37

Oh, bha, bha. Ann am Bellahouston cuideachd. Nach eil e neònach – bha ann am Bellahouston, ach cha do bhodraig mise. Well cha robh e na roghainn dhomh. Mar a thuirt mi, ’s e rionnag a bh’ annam nuair a bha mi dusan bliadhna a dh’aois. Agus fhuair mi na bh’ ann de bursaries airson a dhol air adhart ann an Hutchie no Allan Glen’s no Glasgow High School. Dhiùlt mi iad air fad agus chaidh mi dhan secondary. Ach – ’s dòcha gun robh sin fortanach ann an dòigh – bha tidsear òg ann, Robasdan, John Robertson, agus bha e a’ feuchainn ri Ed.B fhaighinn – postgraduate degree.

Agus air sàillibh sin, a h-uile sgoilear a thàinig a-staigh aig an Nollaig, chan eil fhios agam cò a’ bhliadhna a bh’ ann, canaidh sinn naoi ceud deug ’s a leth-cheud, thug iad deuchainn dhuinn agus lìon sinn a-staigh e, thoradh bha sinn an dèis qualifying a shuidhe. So cha robh seo ach dìreach – ’s e intelligence test a bh’ ann, ach cha robh fhios againn dè a bh’ ann. Agus cha robh, cha tug e cnap-starra sam bith a dhèanamh. Lìon sinn e.

Ach ’s e a rinn e, nuair a dh’fheuch e ris a h-uile duine a thomhas, thagh e an dà cheud a b’ fheàrr, a b’ àirde, agus thuirt e ris a’ mhaighstir-sgoile, fear John C MacFarlane, ’s e leth-Leòdhasach a bh’ ann fhèin, “Tha mi airson dà chlas speisealta a dhèanamh, agus ’s e S a bhios nan ainm. 1SL – sin an fheadhainn a bhios a’ foghlam Laideann. Agus 1SG – sin an fheadhainn a bhios a’ dèanamh foghlam ann an Gearmailtis. Agus bidh iad uile a’ dèanamh Fraingis co-dhiubh.” Bha a h-uile duine an uair ud a’ dèanamh Fraingis.

So chaidh mise, chaidh mo stiùireadh gu ceàrnaidh sònraichte, Classics. Agus cha robh guth air Gàidhlig an uair sin ann. ’S ann às dèidh Highers a dh’fheuch mi, well a fhuair mi a-mach gun robh an leithid de chuspair ann mar Gàidhlig, agus mi-fhìn agus gille eile – bhuineadh a chuideachd do Bheàrnasdal san Eilean Sgitheanach – John, tha mi air ainm a dhìochuimhneachadh, pal dhomh cuideachd – co-dhiù, ’s e a rinn sinn, rinn sinn Higher Gàidhlig ann am bliadhna.

Ach cha robh sin doirbh, thoradh ’s e dìreach comas sgrìobhaidh is comas leughaidh a dh’fheumamaid ionnsachadh. Agus bha sinn caran sean an uair sin, sia bliadhna deug, seachd bliadhna deug. Cha robh e doirbh idir.

Ach eadar aois dusan bliadhna agus, canaidh sinn, seachd bliadhna deug cha robh guth agam air Gàidhlig mar chuspair. ’S e Laideann a bha mi a’ dèanamh, beagan Ghreugais, agus Fraingis. Chan eil fhios agam an robh mi ceart. No, no, rug mi air an fheadhainn eile, mi fhìn is Furnessan an t-ainm a bh’ air, mi fhìn is John Furnessan, rug sinn air an fheadhainn a bha a’ gabhail Gàidhlig, mar gum biodh, on chiad bhliadhna. Rug sinn orra, agus rinn sinn an gnothach orra.

Agus an uair sinn chaidh mi dhan oilthigh agus rinn mi rud ris an canadh iad an uair sin Ordinary Celtic. Nis, ’s e Roinn Ceilteach san robh sinn, agus dh’fheumadh tu an uair sin beagan dhen Chuimris ionnsachadh. Dh’fheumadh tu beagan de Ghàidhlig na h-Èirinn, Gaeilge, ionnsachadh. Chan e mòran, ach gu leòr. Ach, chan ann mar sin a tha an-diugh, tha e coltach. Ach, co-dhiù, thig sinn air ais gu sin a-rithist, ’s dòcha.

So, tha mi ann am Bellahouston Academy, agus bha e a’ còrdadh rium a bhith nam dhuine mòr còmhla ris an fheadhainn eile. ’S dòcha gun robh e na b’ fheàrr nan robh mi air mo chur gu dùbhlan ann an Hutcheson’s Grammar, no rudeigin mar sin. Tha fhios agam, nan robh mi air a dhol chun High School of Glasgow, mar a bha dùil aig a’ mhaighstir-sgoile, gu cinnteach gu cinnteach, cha b’ ann dhan oilthigh Ghlaschu a rachainn. Bhiodh iad gam chur gu Cambridge no Oxford, agus aig amannan bidh an t-aithreachas orm nach deach mi ann. Ach, bha dòigh agam fhèin ann, ach bha mi cho leisg. Nan robh mi air dèanamh na b’ fheàrr ann an Glaschu san oilthigh, bha mi air Snell Exhibition fhaighinn, ’s bha mi air faighinn a Chambridge, but, cho leisg.

Bha mi na bu dhèidheil air ruith na bàraichean ann am Partick, ’s ann an West End, agus a’ ruith bhoireannaich aig an àm sin, ach co-dhiù, cha dèan e math dhuinn cus aithreachais a bhith oirnn. Sin an roghainn a rinn mi.

                        

Short url:   http://multidict.net/cs/4511