This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Norman Maclean on Thursday: Cruthachalachd

GW 00.20

Diardaoin an-diugh. So, tha sinn air a bhith a’ dol fad trì – seo an ceathramh latha againn.

TM 00.27

Nach eil e mìorbhaileach. Cha do dh’fhairich mi fada e idir. Tha e mìorbhaileach, you know, tha an ùine a’ dol seachad cliobhar, nuair a bhios tu air do dhòigh.

GW 00.40

Well, fhad ’s a tha sinn a’ cumail comhfhurtail, le dùbhlan bho àm gu àm, ge-tà. Bha – Diluain, bha sinn a’ dèiligeadh leis an teaghlach, Dimàirt leis na sgoiltean dhan deach sibh, bhur foghlam mar gum biodh. An uair sin, an-dè, a’ choimhearsnachd, neo na coimhearsnachdan.

TM 01.06

Eadar Beinn na Faoghla agus Govan, aidh. Agus mar a bha iad air an roghainn, Caitligeach is Pròstanach, agus na h-eileanaich, bha an dà chuid còmhla. Cha robh diofar eatorra. Ach ann an saoghal na Beurla ann an Glaschu nuair a bha mi beag bha beum fada ann, beum domhainn ann, eadar Caitligich – Èireannaich cha mhòr air fad – agus na daoine againn fhìn, na h-Albannaich mar gum biodh.

Agus gu ìre tha sin fìor chun an latha an-diugh, a Ghòrdain. Thoradh, cuimhne agad, fhuair Rangers, fhuair iad àrdachadh o chionn cola-deug. Agus nam faiceadh tu na th’ ann de dhaoine a thèid a’ dh’Ibrox, agus a Pharkhead, dh’fhaodadh na Sasannaich – bidh mi a’ faicinn na daoine, co mheud daoine a thèid gu geama ann an Sasann, English First Division, tha ainm mòr aca, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad a’ ràdh gur e Premier League a th’ ann, thirty one thousand, thirty five thousand – nis, bidh trì fichead mìle ann am Parkhead an aghaidh Rangers, agus an aon rud Rangers an aghaidh Celtic. So, mar sin, feumaidh gu bheil buaidh aig, well canaidh sinn creideamh, ann an Glaschu fhathast. Bha sinn a’ bruidhinn air siud an-dè.

Ach an-diugh cò air a tha sibh a-mach? Dè?

GW 02.53

Well, bha mi a’ smaointinn ’s dòcha gum b’ fhiach e smaoineachadh, well dìreach nam biodh personal reflections agaibh fhèin, mar gum biodh, air dè na toraidhean a thàinig a-mach às a’ bhackground a bha sin. Thoradh, tha sibh air a bhith ri teagasg, ri ceòl, ri bàrdachd, ri sgrìobhadh, ri comedy. Tha sibh air tòrr rudan a dhèanamh, agus cò às a thàinig na rudan sin? Carson a tha iad annaibh?

TM 03.23

Chan eil fhios agam, tha mi a’ smaointinn gur e, mar a chanas iad sa Bheurla, narcissist a bh’ annam. ’S ann a bha mi ag atharrais air daoine eile. Sin mar a thòisich mi, mar shamhla, air sgrìobhadh. Cha robh mi ach naoi bliadhna nuair a sgrìobh mi a’ chiad nobhail. Bha mi an dèis a bhith a’ leughadh mu Beau Geste agus La Légion Étrangère, agus sgrìobh mise nobhail mu dheidhinn na Gearmailtich, agus na Frangaich, agus na h-Albannaich a bha san airm Frangach a tha sin, sabaid an aghaidh na Tuaregs.

Agus sgrìobh mi e. Bha mi gu math gleusta an uair ud. Dh’fhàs mi gòrach nuair a dh’fhàs mi sean, ach ’s e a rinn mi, fhuair mi leabhar san sgoil, agus sgrìobh mi gu mionaideach a h-uile facal ann an dubh ’s an geal, agus bheirinn dhut e nan toireadh tu dhomh dà sgillinn agus leth-sgillinn, fad seachdain, dh’fhaodadh tu.

Tha mi a’ smaointinn gun do rinn mi, mu dheireadh, rudeigin mar tastan agus sia sgillinn a-mach às an rud. Dh’fhàs na daoine sgìth. Ach bha nòisean agam ri sgrìobhadh.

An uair sin sgrìobh mi fear eile. Bhithinn-sa mu dheich bliadhna no streap ri dusan bliadhna a dh’aois. Bha mi an dèis a bhith a’ leughadh mu Richmal Crompton, agus na Just William.. So bha tòrr sgeulachdan agamsa mu dheidhinn sgioba bheag às Govan a bhiodh a’ dol a’ ruagadh timcheall air Glaschu agus a’ faighinn ann an trioblaid, dìreach a’ leantainn eisimpleir Richmal Crompton.

An aon rud, tha mi a’ smaointinn ’s dòcha gun do rinn mi dà thastan air an fhear ud. Agus an uair sin sguir mi.

Agus riamh on uair sin, nuair a dh’fheuchainn ri obair chruthachail a dhèanamh, ’s ann a’ magadh no a’ leantail eisimpleir cuideigin eile a bha mi. Even bàrdachd, ann an Gàidhlig ’s ann am Beurla. Òrain, an aon rud. ’S e a tha mi a’ feuchainn ri ràdh, chan eil sradag air an taobh a-staigh dhìom a tha, mar gum biodh, gam bhrosnachadh gu obair chruthachail a dhèanamh. Chan eil ann ach dìreach, ’s e deisciobal a th’ annam. Bidh mi a’ leantail càch.

GW 06.07

Ach tha cruthachalachd shònraichte annaibh ge-tà.

TM 06.12

Well, tha rud ann gun teagamh, agus tha mi a’ smaointinn gu bheil gnothach aige ri mar a chaidh mo thogail. Bha mi, gu math tràth dh’aithnich mi gun robh diofar seòrsa de shaoghail nam bheatha, gu math tràth.  Saoghal na Beurla, saoghal na Gàidhlig. Saoghal na Beurla sna gangs, saoghal na Gàidhlig còmhla ri mo choimhearsnaich, agus còmhla ri daoine a bha na bu shine na mi.

So, mar sin, tha mi a’ smaointinn gun robh, ciamar a chuireas mi e, gun robh strèan ann eadar, mar gum biodh, dà chultar. Agus tha mi dhen bheachd, ’s dòcha gu bheil mi ceàrr, gum feum strèan a bhith ann, feumaidh brùth air choireigin a bhith ann, mun tog thu peann gu bàrdachd a sgrìobhadh, no òran a sgrìobhadh, no port pìobadh a dhèanamh. Feumaidh mar gum biodh brùth air choireigin ann. ’S bha sin nam bheatha, is ’s ann às an sin a thàinig an rud beag de dh’obair chruthachail a tha mi air a bhith a’ dèanamh fad mo bheatha.

Chan eil fios agam an e freagairt math a tha sin, ach an dràsta aig m’ aois agus a’ coimhead air ais ’s ann mar sin a bha e.

Nis, chan eil fhios agam mu dheidhinn sgrìobhadairean eile. Mar shamhla, chan eil fhios agam dè a bhrosnaich an leithid Alasdair McCall Smith, no Irvine Walsh, no Ian Rankin ’s na daoine tha sin. Ach tha mi a’ smaointinn gun robh iad, ga chur gu simplidh – choimheadadh iadsan air obair eile ’s chanadh iad, “Tha sin furasta. Dhèanainn fhìn siud.” Agus dh’fheuch iad, agus bha iadsan math. Well, chan eil fhios agam cho math ’s a bha iad, ach chòrd na bha iad a’ dèanamh ris an t-sluagh, gu mòr, gu mòr.

Bha mi ag innse dhut mu Alasdair McCall Smith, bodach beag geal. Chunna mi dealbh dheth bho chionn cola-deug ann an cafaidh. Bodach beag brèagha a th’ ann. Aithnicheadh tu gur e duine uasal a th’ ann, sa chlas meadhanach. Tha Burberry blazer air, tha lèine shnog agus taidh, agus dh’aithnicheadh tu nach e borbair cumanta a bha a’ dèanamh a ghruaige. Bha i air a gearradh gu snog.

Co-dhiù, ’s e a bha e a’ dèanamh, bha muga na làimh, agus sgrìobhte air a’ mhuga bha na faclan “Scotland Road Coffee”, air ainmeachadh as dèidh sreath de novels a tha e air a bhith a’ sgrìobhadh mu Scotland Road.

Smaointich. Abair urram. Bha mise a’ ràdh rium fhìn, “Saoil, a Thormoid, tha, na Tearaich shuas an siud a tha a’ dèanamh gin, saoil an cuireadh iad a-mach seòrsa de gin às na Hearadh, air am biodh e sgrìobhte Leper’s Brew – You’ll always be alone.” Agus dealbh dhìom-sa nam chnap san t-sèithear sa phub agus càch gam sheachnadh. Oh, cha tachair e gu bràth, ach tha mi a’ smaoineachadh gur e urram mòr a tha sin do dh’Alasdair, Alexander McCall Smith.

GW 10.21

Bha e shuas ann an Taigh Chearsabhagh, nach robh?

TM 10.23

Bha e ann an Taigh Chearsabhagh, agus sin an rud bu bhrèagha a rinn e riamh. Bha an t-àite làn gu spreadhadh, tha e coltach.

Co-dhiù, cò air a bha mi a-mach? Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn, mar a chanas mise, na draoidhean, na trì draoidhean – three wise men from the east, an àird an ear. Siud an fheadhainn a rinn tomhas dè chòrdadh ri daoine ann an sgrìobhadh. ’S bha iadsan ceart. Na tha iadsan a’ sgrìobhadh mu dheidhinn drugaichean, Irvine Walsh, mu dheidhinn Superman Detective Inspector Rebus – tha e dìreach mìorbhaileach, am fear sin. Tha miann bàis aig daoine a bhith a’ leughadh an stuth a tha sin.

Agus, gu mì-fhortanach, chan eil dad aca mu dheidhinn na tha mi-fhìn a’ sgrìobhadh.

GW 11.35

Tha fhios nach robh iadsan ri ceòl, agus ri seinn, agus ri pìobaireachd, agus comedy, agus a h-uile rud eile a tha sibh air a bhith a’ dèanamh.

TM 11.44

Faodaidh mise bàrdachd a dhèanamh. Tha mi caran seann-fhasanta leis a’ bhàrdachd. Nuair a bha mi san oilthigh bha fèill mhòr air fear à Ratharsair, Somhairle MacGill-Eain. Bha na h-oileanaich eile a’ smaointinn gun robh Somhairle mìorbhaileach. Cha robh cus agam fhìn ma dheidhinn ach ’s dòcha gur e mise a bha a’ fàilligeadh.

No, tha mise a’ dol air ais rud beag, nas fhaisge air an ochdamh linn deug. A’ bhàrdachd ùr, cha robh mòran agam mu dheidhinn. Chan ann a’ dèanamh dì-meas air obair Aonghas Phàdruig, no rudeigin, ach chan e sin an stoidhle bhàrdachd as toil leamsa.

In fact, aidh, faodaidh mi seo, sorry, air an ath mhìos, Paul McCallum, bha sinn a’ bruidhinn air Paul còir. Dh’iarr e orm òran a sgrìobhadh do dhuine – dè an t-ainm a th’ air – fear MacLeòid a tha na neach-lugha ann an Inbhir Nis. Agus ’s e a bhuannaich bonn òir A’ Chomuinn Ghàidhealaich – cha b’ ann an uiridh ach a’ bhòn-uiridh, dà mhìle ’s a ceithir-deug.

Chunna mi e, tha seòrsa de chuimhne agam, duine òg brèagha, agus tartan nan Leòdach air, am fear grannda buidhe a tha siud, ach sheinn e, chan eil cuimhne agam ciamar a sheinn e, ach tha e a’ tighinn a dh’Uibhist air an ath mhìos, agus tha oidhche mhòr gus a bhith aca. ’S e Pòl a tha ga ruith, ann an Càirinis. Agus dh’iarr e orm òran a sgrìobhadh dhan duine a tha seo. Cha chreid mi nach e, ’s dòcha gur e leth-Sgitheanach, no ’s dòcha gur e Hearach a th’ ann, ’s dòcha gur e Leòdhasach a th’ ann, ach MacLeòid an t-ainm a th’ air.

Agus innsidh mi dhut carson a tha e. Bheil cuimhne agad air nighean òg – an e Eilidh a bh’ oirre – Macdonald à Uibhist a Tuatha a bhàsaich, fhuair bàs uabhasach aithghearr? Aillse, tha mi a’ smaointinn a bh’ oirre. Cha robh i ach, chan eil fhios agam, sna ficheadan, tràth sna ficheadan. Bhàsaich i fada ro chliobhair, ach co-dhiù. Tha feadhainn ann fo bhratach “A million miles for Eilidh”, no rudeigin. So tha seo gus a bhith ann. An leugh mi e? Bheireadh e blasad dhen stoidhle agam, caran seann-fhasanta.

’S e an tiotal “An Oiteag Uibhisteach”

Tha m’ inntinn-s’ air ghleus
Bhon chunna mi am manadh -
Bàird a’ Chinn a Tuath gu lèir
Gam bhrosnachadh gu rannan.
Is aotrom mo cheum
A’ trial gu Loch na Lacha
San àit’ dhan tug mi spèis,
Gur teann a tha na bannan.

Fhad ’s a bhios mi buan
An Uibhist bheag mo sheanar
’S e mo mhiann bhith ‘dìreadh suas
Gu Eubhal ’s àille sealladh.
On mhullach chì mi bhuam
Tràighean rìomhach, geala
Fraoch is locha fuaighlt’
’S na cluaintean pasgan thaighean

Bheir mi luadh thar chàich
Do bhailtean brèagha mo dhaoine:
Am Baile Sear is Bail’ Mhic Phàil
Loch Euphort is An Caolas.
Innsidh mis’ an-dràst’,
Rim bheò cha dèan mi caochladh,
’S cha teirig dhaibh mo ghràdh,
Ged tha an teaghlach sgaoilte.

Na gaisgich choisinn cliù
MacAsgaill Mòr gum b’ fheuch e,
Mac Fhearchair rinn na dàin bho thùs,
Dòmhnall Ruadh ’s MacAoidh cho fialaidh.
Tha ’n dìleab fhuair sinn bhuap’
Toirt togail bhlàth dhar n-inntinn.
Ach moladh cha bhi buan,
’S cha mhair ainm gu sìorraidh.

’S i ’chrìoch a tha ‘n dàn
Dhan t-saoghal seo bhith ‘crìonadh,
Na beanntan fhèin sna cuantan bàitht’
’S na daoine air am pianadh.
Dh’fhuiling sinn mar thà
Thuit rionnag às an iarmailt -
Tè òg a dh’fhalbh tràth
Air oiteag bheag bhon iar-dheas.

Bidh saorsa Dhè ’s a ghlòir
A’ tiormachadh ar sùilean,
’S cha bhi bàs no bròn
Air talamh ’s nèamhan nuadha.
Gabhaidh sinne còir
Air saoghal ùr gun dùbhlan,
Cha bhi osnaich ann nas mò
’S cha chluinnear gal no ùpraid

So, MacAsgaill, sin a bha Pòl a’ ràdh, dh’fheumainn iomradh a thoirt air an fhuamhaire. Chan eil fhios agam carson.

GW 17.01

’S toil leam sin. Tha rhythm ann.

TM 17.04

Oh tha, agus gabhaidh – chan eil fhios agam dè cho math ’s a tha an gille gu seinn. Rinn mi fonn cuideachd. Ach co-dhiù, sgrìobh mi a-mach an ceòl agus, oh ’s fhada on a chuir mi gu Pòl e.

So, tha mi a’ gabhail fadachd gun cluinn mi dè nì iad dhen òrain. Chan e am fear a b’ fheàrr a rinn mi. Rinn mi feadhainn, tha mi a’ smaointinn, nas fheàrr na sin.

Ach co-dhiù, mar a thuirt mi, mura bheil daoine deònach an rosg agam a leughadh, biodh aca, tha sin alright, dh’fhaodadh sibh do thòn a chur rium. Sgrìobhaidh mi bàrdachd, air neo nì mi port phìobaireachd, air neo ’s dòcha gun sgrìobh mi film script. Tha tòrr ann a dh’fhaodas mi dèanamh ann an roinn chruthachail.

GW 18.05

Agus bha dà chultar agaibh bho thùs. Ach chan e sin a-mhàin, ge-tà, ach gun robh, well barrachd ’s dòcha – bha co-dhiù dà chànan agaibh cuideachd.

TM 18.19

Bha, bha gu dearbh. Agus tha fhathast. Agus, an dràsta, air Diardaoin – chan eil fhios agam cò an latha a th’ ann, an e an t-siathamh latha thar fhichead, cà’ bheil sinn sa mhìos? – ochdamh latha thar fhichead sa mhìos, dà mhìle ’s a sia-deug, tha mi, mar gum biodh, rud beag crosta mu dheidhinn rosg ann am Beurla. Gheibh mi os a chionn. Tha fhios agam. Dìreach an-dràsta tha mi air mo hurtadh rud beag nach eil foillsichear ann am Beurla deònach an obair agam a chur a-mach ann an clò.

Gheibh mi os cionn sin, ach dìreach an-dràsta, so tha mi nas dèidheil, an dràsta fhèin, an-diugh, air Gàidhlig. Agus, cha chreid mi nach tuirt mi riut an-dè, latha sam bith a dh’èireas mi agus Gàidhlig air mo bhilean tha mi gu math toilichte. Agus ’s ann mar sin a bha mi an-diugh. Agus ’s ann a bha mi a’ cuimhneachadh air seann òran. ’S dòcha gum bi ùidh agad às. ’S e òran Sgitheanach a th’ ann, agus am bodach – cha chreid mi, well ’s e mo bheachd-smuain gun deach a dhèanamh às dèidh Blàr Aboukir Bay, tràth san naoidheamh linn deug, thoradh bha tòrr de Sgitheanaich an lùib a’ bhatail a bha siud. “Tha mi ’n dùil, tha mi ’n dùil, tha mi ’n dùil a bhith tilleadh.”

Ach am fear seo ’s e

O ’s toil ’s gur ro-thoil leam

Gur e mis’ tha fo mhulad
Is nach urrainn dhomh innse

O ’s toil ’s gur ro-thoil leam

Mi an ospadal Shasainn  
Is trom airsnealach sgìth mi

O ’s toil ’s gur ro-thoil leam

Gun fhios ’am nach e am bàs e
’S nach toir bàta Phortrìgh mi

O ’s toil ’s gur ro-thoil leam

Beir an t-soiridh bhuam fairis
Gu ceannaichean Lìte

O ’s toil ’s gur ro-thoil leam

Gu gillean na Hearadh
Is gu Alasdair Pìobair

O ’s toil ’s gur ro-thoil leam

’S toil leam an t-òran beag a tha siud, thoradh – cha bhi seinneadairean an latha an-diugh a’ seinn a leithid, cha bhi idir – ach ’s toil leamsa e thoradh tha e a’ sealltainn, dhomhsa co-dhiù, uaireigin bha ceangal làidir eadar muinntir an Eilein Sgitheanaich agus na Tearaich. “Gu gillean na Hearadh, is gu Alasdair Pìobair.”

Agus, cha chreid mi, an rud a bh’ ann – ’s dòcha gun robh Tearaich san airm còmhla ris, well ’s cinnteach gun robh, agus chaidh an trèanadh ann an Dùn Èideann, agus bhiodh iad a’ caitheamh tòrr ùine sna taighean-seinnse ann an Lìte – “gu ceannaichean Lìte”, “beir an t-soiridh bhuam fairis”.

Nach eil e laghach gur ann mar sin a bha iad – gun robh bodach Sgitheanach, a bha an uchd a’ bhàis, bha e a’ smaointinn air na gillean às Na Hearadh. Agus an rud bu neònaiche air fad mun òrain, ’s ann a dh’ionnsaich mise bho Uibhisteach an t-òran. So tha sin a’ meanigeadh gun robh iad caran faisg dha chèile.

GW 22.19

Seadh, na Gàidheil a’ tighinn còmhla, mar gum biodh.

TM 22.23

’S e Seumas Mòr a bhiodh a’ gabhail an fhir ud, agus mar a thuirt mi, chan eil nòisean aig clann an latha an-diugh dha na h-òrain sin. ’S dòcha gu bheil na fuinn rud beag – tha e caran an aon rud, chan eil iad uabhasach tlachdmhor, na fuinn, thoradh, riamh leis na Gàidheil, nam bharail-sa, bha na briathran fada na bu chudromaiche na na fuinn.

Ged a bhios mi fhìn a’ feuchainn ri fuinn ùr a dhèanamh tha fhios agam nach robh sin air mullach na craoibhe dha na seann bhàird. Bha iad coma dè am fonn a bhiodh ann. ’S e na briathran a bha a’ cunntadh. Agus tha mise an aon rud, chun an latha an-diugh.

GW 23.18

So, a’ feuchainn ri seo a chur ri chèile, mar gum biodh, agus na ceanglaichean a mhìneachadh – well, ma tha ceanglaichean ann – eadar an dà chultar, an dà chànan, agus an cruthachalachd a th’ agaibh.

TM 23.45

Chanainn-sa an toiseach gun robh e gu math furasta dhomhsa a bhith ag atharrais air Seumas Mòr mac Aonghais ’ic Iain Mhòir, thoradh bha stoidhle aig a’ bhodach, agus thuigeadh tu air a h-uile facal a chanadh e, agus ’s e performer a bh’ ann dheth, gun teagamh.

So, bha e furasta dhomhsa a bhith, chan ann a’ magadh air, ach ag atharrais air, agus an toiseach ’s ann tro fuaim a bha mi a’ dèanamh atharrais, ach nuair a dh’ionnsaich mi mar a sgrìobhainn, ’s e sin ann am Beurla – bha mi sean mun d’ fhuair mi ionnsachadh mar a sgrìobhainn ann an Gàidhlig, tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi seachd bliadhn’ deug mu faca mi facal sgrìobhte ann an Gàidhlig, ach co-dhiù – fuaimean, bha mi meadhanach math air, ann am Beurla – thoradh sin agad an lagh an uair ud, ’s e an lagh a th’ ann an latha an-diugh, feumaidh tu Beurla a bhith agad, feumaidh bhith comas leughaidh is comas sgrìobhaidh agad ann am Beurla – agus bha mi cho neo-choireach, bhithinn a’ coimhead air leabhar Richmal Crompton no, cha robh e gu diofar dè a bha mi a’ coimhead – Dombey and Son, Bleak House – bhithinn a’ ràdh, cho neo-choireach ’s gun fhios agam dè cho doirbh ’s a bha, “Dhèanainn fhìn siud. Agus feuchaidh mi a-nochd.” Agus thòisich mi a’ sgrìobhadh.

Agus cha robh duine a’ cur bacadh orm. M’ athair, well cha robh e aig an taigh, mo mhàthair, cha chuireadh i stad orm, bha i dìreach a’ leigeil leam a bhith ag obair le peansail is pàipear aig a’ bhòrd. Bha mi air mo neo-ar-thaing, mar gum biodh. Mar sin, ’s dòcha nam b’ e, canaidh sinn, ’s dòcha nam b’ e dotair a bha nam athair, agus tidsear a bha nam mhàthair, ’s dòcha gun robh iadsan air a ràdh, “Carson a tha thu a’ bodraigeadh – cuir sìos sin is dèan na sums agad, no dèan an litricheadh. Na bi a’ feuchainn ri bàrdachd a sgrìobhadh, no sgeulachd ghoirid a sgrìobhadh.” ’S dòcha gun robh iad air stad – cò aige a tha fios?

Ach mo mhàthair, cha do chuir i bacadh orm riamh. So, bha mi saor, mar a thoilichinn fhìn. Dh’fhaodainn rud sam bith a dhèanamh, agus o chionn ’s gun robh mi òg is neo-choireach, bha mi a’ ràdh, “Nì mise an dearbh rud a rinn Richmal Crompton, no a rinn Teàrlach Dickens. Cò th’ ann an Teàrlach? Tha mi cheart cho math ris.” Cha robh duine gam cheartachadh.

GW 26.54

Dè mu dheidhinn comedy, ma tha?

TM 26.58

Comedy, well, bha sin annam. Tha mi a’ smaointinn air fear aig a bheil a’ choire gun do dh’fheuch mi ri bhith a’ toirt air coigrich gàire a dhèanamh. ’S e fear à Beinn na Faoghla, ’s e Tormod Ruadh MacMhaoilinn an t-ainm a bh’ air. ’S phòs e ban-Deasach agus ghluais e, chaidh e air imprig gu – cà’ robh, shuas aig deas, Baghasdail, tha mi a’ smaointinn, no Cille Pheadair ’s dòcha.

Bha, an tè a phòs e, ’s e tidsear a bh’ innte, agus bha Tormod Ruadh, bha e uabhasach fhèin èibhinn. A’ chiad chuimhne a th’ agam air comedy fhaicinn air an àrd-ùrlar, ’s ann ann an Sgoil Chnoc na Mònadh a bhiodh iad a’ cumail nan cèilidhean an uair sin. Agus bha Tormod Ruadh ann, agus bha prabalais aige mu dheidhinn iacht a dh’fhàg e ann am Pol nan Crann. Bha e gu math èibhinn.

Agus tha cuimhne agam, bhiodh e a’ tighinn chun an taighe, agus daonnan bhiodh e a’ feuchainn ri gàire a thoirt oirnn. Bhitheamaid nar lùban aig èisteachd ris. So nam cheann bha mi a’ ràdh, “Chòrdadh e riumsa rudeigin mar sin a dhèanamh latha brèagha air choireigin”.

Cuideachd, bha Seumas Mhurchaidh èibhinn, e fhèin, agus a charaid Iain Ruairidh Fhearchair. Sin fear eile a bha èibhinn. Agus shaoil mise, “Seo na daoine a tha mise airson a bhith a’ leantail”. Nach eil e neònach, a-nis, bha fear Leòdhasach ann a thàinig a Bhaile a’ Mhanaich – ’s e Cailleach an Deucoin a chanadh iad rithe, agus cha do chòrd e riumsa idir. Bhiodh e, bhiodh e a’ dèanamh full drag. Chan ann, you know, ’s ann dha-rìreabh a bha e – brollach agus dreasaichean fada is bhiodh e a’ bìogail cuideachd, “Cò, ma tha, às a thàinig thu?” Mar sin. OTT, chanainn-sa, agus cha robh na h-Uibhist ga fhaighinn èibhinn ann. Ach co-dhiù, bha meas mòr aig na Leòdhasaich air – Cailleach an Deucoin – “Oh, bha e mìorbhaileach.” Cha do chòrd e riumsa.

B’ fheàrr leamsa Tormod Ruadh agus na breugan a bha e ag innse dhomh mu dheidhinn iacht a bh’ aige a-muigh air a’ bhàgh, agus mar a fhuair e cigarette bho choileach a bha san taigh bheag còmhla ris. Sin an seòrsa fantasy a bh’ aig Tormod Ruadh, agus sin an rud a chòrd riumsa.

Agus, nach eil e neònach, lean mi fear Caitligeach, fear air a bheil mar ainm Billy Connolly. Nis, bha mi gu math sean an uair sin. Bha mi, oh ghràidhein, bha mi a’ streap ri dà fhichead bliadhna, thirty six, thirty seven no rudeigin mar sin, ’s chuir pal dhomh, chuir e thugam cassette dhen fhear-sa. “Connolly… còir agaibh… St Gerrard’s…”

Dh’èist mi ris. Thuig mi – sin an seòrsa rud a tha mi airson a dhèanamh. Thuige sin, tha, luchd comedy ann an Alba, ’s e Merry Mac’s Fun Page a bh’ ann, you know, “I went into the garage, asked the guy to check my tyres, he said, ‘you’ve got four’, hahaha.” Sin an seòrsa stuth a bha iad a’ dèanamh, ach bha Connolly a’ ràdh gun robh cuimhne aige air Màiri’s Wedding, agus an tidsear aig a’ phiano. Ars mise, “Dh’fhaodainn-sa siud a dhèanamh.”

Agus ann an ùine nach robh fada às a dhèidh, leth-bhliadhna, bha mi ga dhèanamh.

GW 31.13

Ach bha sibhse ga dhèanamh gu dà-chànanach.

TM 31.16

Bha, bha, san dà chànan, bha.

GW 31.18

An fheadhainn ron sin, nuair a bha sibh ann an Uibhist fhèin, agus an fheadhainn a chòrd ribh an uair sin, an robh iadsan a’ bruidhinn ann an Gàidhlig a-mhàin?

TM 31.27

Ann an Gàidhlig, seadh, ann an Gàidhlig, bha a h-uile duine, agus na seinneadairean cuideachd. Mhìll iad mise cuideachd, a thaobh seinn. Cuimhne agad, cha robh leithid de rud mun mhicrophone aca an uair ud ann. Agus nam b’ e seinneadair a bhiodh annad, dh’fheumadh tu a bhith cinnteach gun robh thu a’ cur a-mach na faclan, a’ cur a-mach na loidhne.

Agus ’s e an aon rud sna h-eaglaisean. Chan eil fhios agam dè bha na Caitligich a’ dèanamh, ach san eaglais againne, an eaglais stèidhte ann an Grìminis, bha precentor ann. Bha esan a’ cur a-mach na loidhne agus a’ cho-thional a’ seinn còmhla ris às a dhèidh. Ach, dh’fheumadh – mas e seinneadair a bha gu bhith annad, dh’fheumadh tu a bhith cinnteach gun robh guth làidir agad.

Agus mhìll sin mi, ann an Gàidhlig, agus cuideachd ann am Beurla. Thoradh an aon fheadhainn a chluinninn a’ seinn ann am Beurla, ’s e mar a chanas iad, backstreet singers a bh’ annta. Bodaich robach – bha seo goirid às dèidh a’ chogaidh, cha robh airgead ann, tha mi a’ smaoineachadh gur e saoghal cruaidh a bh’ aig mo phàrantan, cha robh againne, bha sinn alright – ach bhiodh na bodaich a bha seo agus còtaichean mòra trom orra, agus bha iad gu math robach, ach neo-ar-thaing guth. Bha iad uile a’ seinn bel canto.

Agus ’s e a bhiodh na boireannaich sna tenements a’ dèanamh, bhiodh iad a’ togail sgillinnean, ga pasgadh ann am pàipear naidheachd, agus ga tilgeil a-mach. Agus bhiodh esan ann an teis-meadhan O sole mio “Thanks very much, missis”, agus chumadh e air. So stiog sin nam cheann – seinneadair, guth mòr làidir.

Nis, nuair a thàinig na microphones, an uair sin ghabh mi gràin. Well, chan e gun do ghabh mi gràin, ach dìreach chuir mi mo chùl riutha. Cho luath ’s a chuala mi Tommy Steele, Never felt more like singing the blues, sin nuair a roghainnich mi, chan e sin an t-seinn as toil leamsa. Agus sheachain mi Anglo-American pop on uair sin.

Cha chuala mi na Fab Four nas motha. Chuala mi aon triop iad, thoradh bha fèill mhòr orra, toiseach na trì ficheadan, chan eil fhios agam cuine, trì fichead ’s a ceithir no rudeigin mar sin, agus dh’èist mi ri, tha mi a’ smaointinn, dà òran a rinn iad agus a’ chiad char, thuirt mi rium fhìn, “Chan eil guthan seinn aca idir”. Cha robh làidir, cha sheasadh iad ann an Sgoil Chnoc na Mònadh.

Cuideachd bha mi a’ ràdh, “Na h-òrain, tha iadsan feumach air beagan obrachadh fhathast.” Bha mi a’ smaointinn gun robh na briathran caran lag – She loves you, yeah, yeah, yeah, um, All you need is love. Cha chuirinn sin a-mach idir, cha chuirinn m’ ainm ri bàrdachd mar sin, ach co-dhiù, tha mi air a bhith a’ seachnadh Anglo-American pop on uair sin.

Agus gu dearbh fhèin, cha do dh’fhairich mi an diofar, thoradh tha ceòl agam fhìn ann. Ach, nach eil e neònach, tha iad uile math air seinn. An-dràsta chanainn-sa gur e Eadailtich, Gearmailtich cuideachd, Kaufmann agus tha tè bheag à Latvia ann, soprano – ’s toil leam daoine aig an robh trèanadh airson seinn. Mura bheil sin agad, biodh agad.

Nach mi a tha cruaidh orra, ach nuair a chluinneas mi seinneadairean an latha an-diugh – chan èist mi riutha ro fhada, deich diogan, tha mi dìreach a’ ràdh rium fhìn, “Och, mike-gobbler, no use, no.” Agus chan eil mi a’ faireachdainn dona mu dheidhinn idir. Tha mi beò, agus faodaidh mi uair sam bith a dhol gu Pavarotti no Kaufmann no tha fear eile ann a thàinig am bàrr, oh aidh, Roberto Alagna. ’S toil leam – agus ’s toil leam feadhainn dhe na Latinas, Ana Gabriel, Celia Cruz. Cuideachd, nach eil e neònach, ’s fìor thoil leam Édith Piaf, ann am Fraingis. Bha guth aicese. Gilbert Bécaud ann am Fraingis. ’S toil leam a bhith ag èisteachd ri siud, agus tha mi toilichte gu leòr. Chan e gnothach duine sam bith eile dè tha còir agam a bhith ag èisteachd ris. ’S toil leam fhìn mo shaoghal beag a bhith timcheall orm ann an sheo.

GW 37.27

Ach tha farsaingeachd ann, sna stoidhlichean a tha a’ còrdadh ribh ge-tà, no na seinneadairean – tha iad bho air feadh an t-saoghail.

TM 37.40

Oh, tha. ’S e dìreach am pop. Chan dèan mi bun no bàrr de rap is garage is, dè na gnèithean eile? Chuala mi mun deidhinn, hip hop, garage, grunge. Agus chan eil mi airson faighinn a-mach mun deidhinn nas motha.

GW 38.07

Agus, a’ toirt sin air ais a-rithist gu dà-chànanas, agus an stoidhle a bh’ agaibh nuair a bha sibh ri comedy, mar eisimpleir, bhiodh sibh a’ cleachdadh an dà chànan aig an aon àm, bhiodh sibh gam measgachadh ri chèile.

TM 38.25

Oh bha, bha. Dh’fheumadh tu. Cha dèan thu, well nam latha-sa, cha dèanadh duine sam bith a bheò-shlaint le bhith a’ dèanamh comedy ann an Gàidhlig a-mhàin. Cha robh e riamh air a dhèanamh. Well, chanainn-sa gun robh Tormod Ruadh ga dhèanamh, ach bha Tormod Ruadh, ’s ann eadar Loch Baghasdail agus Baile a’ Mhanaich a bha esan. Cha deach e gu tuath riamh.

Cailleach an Deucoin, bho na Lochan a bha esan, bha esan ann an Steòrnabhagh is aon oidhche thàinig e a dh’Uibhist, thàinig e a Bhaile a’ Mhanaich, dhan gym. Chaidh e fodha.

Mar sin cha robh e na chleachdadh aig daoine èibhinn a bhith air an àrd-ùrlar a’ bruidhinn ann an Gàidhlig. Ach, in fact nuair a smaointicheas mi, gus an tàinig am fear beag Leòdhasach a bha siud, Calum Ceanadach, cha robh duine a choisich a-mach à saoghal na Gàidhlig chun an àrd-ùrlar Albannach, mar gum biodh, ach e fhèin.

Nis, bha seinneadairean na b’ fheàrr ann. Bha fear Aonghas MacLeòid à Sgalpaigh, bha guth fada nas fheàrr aig Aonghas, ach ’s e Calum còir am prìomh fhear a choisich a-mach à saoghal na Gàidhlig, agus a chaidh gu saoghal Albannach. Agus, ged ’s mi fhìn a tha ga ràdh, ’s mise a’ chiad fhear a bha a’ feuchainn ri bhith èibhinn a choisich a-mach à saoghal na Gàidhlig chun an t-saoghail Albannaich.

Ach, nuair a rinn mi sin, dh’fheumainn tòrr dhen act, mar a chanas iad, a bhith ann am Beurla, thoradh cha robh a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an, ge brith cà robh thu, Obar Dheathain no Inbhir Nis, no Peairt, no eadhan Glaschu, cha robh cus Gàidhlig aca.

Ach bha feadhainn a bha a’ tighinn dha na cèilidhean agamsa, bha buinteanas aca le Gàidhlig air dòigh air choireigin. Air neo, cuiridh mi mar seo e, bha meas aca air a’ Ghàidhlig. ’S dòcha nach robh, well, ’s dòcha gun robh beagan Gàidhlig aig am pàrantan, ach chan ann a’ dèanamh dì-meas air Gàidhlig a bha iad. So bha iad air mo thaobh, ged a bhithinn a’ bruidhinn ann am Beurla. Agus leagadh iad leam bristeadh a-staigh gu Gàidhlig ma bha mi, mar shamhla, ag atharrais air Tormod Ruadh no Seumas Mhurchaidh no Iain Ruairidh Fhearchair no fear dhe na daoine a tha sin. Nan robh mi ag innse pàirt dhen stòiridh ann an Gàidhlig, bha iad a’ leigeil leam. Bha iad a’ leigeil leam. So, mar a thuirt thu, bha an dà chuid fìllte ri chèile an-còmhnaidh.

GW 41.32

Agus, nach robh sin fhèin ga dhèanamh sònraichte?

TM 41.37

Oh bha, bha gu dearbh, bha. Agus, nach eil e neònach, luchd-sgrìobhaidh dha na pàipearan, bhiodh iadsan a’ dèanamh a-mach gur e Gaelic comedian a bh’ annam. Cha b’ urrainn a leithid de rud a bhith ann an uair sin, you know. Ach, bha e na b’ fheàrr dhaibhsan a ràdh, “Thusa, tha thu Gallda, thusa, tha thu Gàidhealach”. So, am fear seo, Maclean, ’s ann Gàidhealach a tha e, cha bhi e a’ bruidhinn Beurla ann, agus cha robh sin fìor. Cha robh sin fìor.

GW 42.15

Agus bha traidisean air choireigin ann cuideachd, nach robh, airson a bhith a’ dèanamh òrain macaronic, mar gum biodh, eadar an dà – òran a’ bhirthday party…

TM 42.28

Bha agus, well, dh’fheuch mi ri deannan dhiubh siud a dhèanamh mi fhìn. Oh bha siud ann. Agus, an ann an-dè no a bhòn-dè, oh aidh, bha mi ag aithris A h-uile h-aon dhem stocainnean – bu toil leamsa na h-òrain cracte tha sin mu dheidhinn duilgheadasan cumanta timcheall air an taigh.

Mo mhallachd air a’ cheàrd sin
A reic thu ri mo nàbaidh

’S toil leamsa na h-òrain mun bhaile. Agus bu toil leam riamh, ged nach e bàrdachd a th’ ann, bu toil leam riamh na h-òrain a rinn na seòladairean, feadhainn mar Peigi a ghràidh, agus òrain Murdani.

Gur ann air oidhche Haoine a bh’ ann
Chaidh sinne sìos Corunna Street
Gun deach sinne gun smaointeachadh
A-steach dhan Anchor Bar

Mu sabaid a bh’ ann eadar balaich Ghlaschu agus na Leòdhasaich, far a’ bhàta. Bu toil leam riamh sin. Cha robh mi riamh a’ dèanamh a-mach gur e bàrdachd mhòr bhrèagha ga choimeas ri obair Shomhairle MhicGill-Eain. Cha b’ ann mar sin, ach chòrd e rium. Chòrd e rium, agus tha e a’ còrdadh rium chun an latha an-diugh.

 

Short url:   http://multidict.net/cs/4513