This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Òran Bròn na Glùine

“Òran Bròn na Glùine”, òran a rinn mi an-raoir, agus mo bhean-chèile chòir uasal, Seòidín, air inneal ùr fhaighinn.

Ho ró ochón mo rùin-sa
Chan fhaigh mi idir ùine
Bhith cuide riut mar b’ àbhaist
’S tu làn den inneal-ghlùine!

Compiutair beag nach dùin thu
Ach fosgailt fad na h-ùine
Am bogsa-ciùil gun fhonn às
Chan ann ach bogsa-glùine!

Gun d’ fhuair mi pinnt de liùnn dhut
Sa chiste fhuair mar shùgh dhut
Ach drùdhag dad na smùid dheth
Cha ghabh bean-ghlùin’ na glùine!

Ho ró ochón mo rùin-sa
Nach caith thu beagan ùine
Air glùin a’ bhàird ri thaobh-san
’S e làn de chràdh ’s de chaoineadh!

le Niall Gòrdan

Short url:   http://multidict.net/cs/5835