This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Creag Àrd

Seo an t-Ionad Creag Àrd ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath. Tha e air a ruith le Roinn nan Seirbheisean Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar.

A bharrachd air bùth-obrach, tha cidsin ann agus rùm-suidhe, far am faigh thu cupa tì agus còmhradh.

Bidh grunn dhaoine a’ tighinn an seo airson diofar rudan a dhèanamh.

Bidh Dòmhnall MacFhionghain a’ tighinn ann dà latha san t-seachdain.

Bidh Jamie MacCumhais a’ dèanamh an aon rud.

Am measg rudan eile, ’s urrainn dhaibh àirneis a dhèanamh, fuirm mar eisimpleir. Bidh iad gan reic anns a’ choimhearsnachd.

Bidh an luchd-obrach san Ionad a’ toirt taic dhaibh ann an iomadach dòigh – mar eisimpleir ann a bhith a’ cruthachadh phìosan ealain. ’S e Marnie Keltie a tha a’ stiùireadh ghnothaichean bho latha gu latha.

’S dòcha gu bheil an obair a’ coimhead sìmplidh. Ach uaireannan, bho thoiseach a’ ghnothaich gus an cuir thu crìoch air, feumaidh tu ceumanan gu leòr a ghabhail.

Agus nuair a tha e deiseil, faodaidh tu bhith gu math moiteil às an obair a rinn thu.

Aon latha gach seachdain bidh a h-uile duine a’ dol a Thaigh Chearsabhagh, an taigh-tasgaidh agus ionad-ealain anns a’ bhaile, airson biadh a ghabhail agus coimhead air na taisbeanaidhean.

An-dràsta tha cuid dhe na dealbhan a rinn Dòmhnall agus Jamie fhèin rim faicinn sa chafaidh. Agus chaidh cuid dhiubh a reic mar-thà.

’S e cothrom snog a th’ ann cuideachd airson faighinn a-mach, faicinn gu dè tha a’ dol anns a’ bhaile, agus biadh a ghabhail.

Ann an aon ghailearaidh tha bonaidean is geansaidhean is aodach eile air an taisbeanadh, a tha air an dèanamh a-mach à clòimh.

Anns an taigh-tasgaidh tha Flòraidh NicDhòmhnaill a’ sealltainn nan seann chleachdaidhean tradaiseanta airson snìomh agus breabadaireachd.

Tha Dòmhnall a’ faighinn cothrom an rud fheuchainn leis fhèin.

A bharrachd air ealain, tha Dòmhnall dèidheil air ceòl. Gu tric, bidh an latha a’ tighinn gu crìoch le Dòmhnall a’ cluich port no dhà air a’ bhocsa, nuair a thilleas iad gu Creag Àrd.

Short url:   http://multidict.net/cs/701