This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Flòraidh Dhòmhnallach

Well, tha Creag Àrd uabhasach cudromach sa choimhearsnachd airson… tha daoine a’ faighinn a-mach às an dachaidh aca fhèin, agus tha iad a’ cur seachad an latha còmhla ri daoine eile, agus cuideachd tha iad ag ionnsachadh sgilean, no tha iad an sàs ann an sgilean. Agus tha e a’ toirt toileachadh dhaibh fhèin, agus eh, tha e cuideachd a’ toirt faochadh dha na daoine a th’ aig … aig an dachaidh aca. So, tha àite mar a tha Creag Àrd uabhasach fhèin feumail.

Well, tha na daoine a th’ ann an Creag Àrd… tha iadsan a’ toirt gu leòr seachad. Tha iad air a bhith a’ dèanamh uinneagan sa choimhearsnachd – agus chan e sin a h-uile h-uinneag – ’s e uinneagan sònraichte a tha seo – stained glass – agus tha sin ag innse gu bheil sgilean sònraichte aig a’ bhoireannach a tha a’ ruith Creag Àrd, agus gu bheil i gan ionnsachadh dha na daoine a tha a’ tighinn a-staigh.

Thachair mi air Dòmhnall, agus um, bha fhios ’am… thuig mi glè mhath gun robh ùidh aige as a’ chuibhle agus as a’ bheairt cuideachd. Bha e a’ sealltainn air a’ bheairt cho luath ’s a thàinig e a-staigh. So mar sin sheall mi dha a’ chuibhle-shnìomh an toiseach agus bha e a’ tuigsinn glè mhath mar a bha i ag obair. Ach bha fhios ’am – bha mi a’ smaointinn gun robh eòlas aige air a’ bheairt mar-thà, agus, eh, rinn e rud air a’ bheairt còmhla rium fhìn, agus tha fhios ’am gun dèan Dòmhnall obair beairt cuideachd, no breabadaireachd.

Well, chuir mise air dòigh an taisbeanadh a bha seo, airson tha mi air a bhith a’ cruinneachadh stuth agus – eh, sin na h-innealan – tha mi air a bhith a’ cruinneachadh nan innealan agus a h-uile sìon a bhuineas dha na sgilean a tha seo. Ach chuir mi air e airson gur ann anns a’ cheann a tuath ann an Uibhist a Tuath a dh’ionnsaich mise snìomh an toiseach nuair a bha mi glè òg. Agus ’s ann bho bhoireannach thall ann an Uibhist a Tuath – Mar, Mary Margaret an t-ainm a bh’ oirre – agus fhuair mi a-mach an t-ainm aice ann an rannsachadh nuair a chuir mi air an taisbeanadh – agus, eh, mar sin bha mi airson na sgilean a tha… a dh’ionnsaich mi ann an Uibhist a Tuath a thoirt air ais dha na daoine an dèidh còig bliadhna fichead co-dhiù. Agus bhon a thàinig mi a dh’fhuireach an seo bha mi a’ smaointinn gum biodh e gu math freagarach gun seallainn dhaibh na sgilean a thòisich mi air o chionn dh’fhaoidte còig bliadhna fichead.

Well, tha còmhlan air a bhith a’ tighinn a-staigh, agus chuir boireannach eile a tha ag obair – Margaret Fenton – a tha ag obair air Prime Time ann an Taigh Chearsabhagh – tha ise – tha còmhlan aicese leis am bi i a’ coinneachadh. So chuir ise air dòigh gun tigeadh iadsan a-staigh a shealltainn air an taisbeanadh, agus bha mi a’ sealltainn nam beart.. well ’s e real.. ’s e a’ chuibhle-shnìomh a bu mhotha a bha mi a’ sealltainn dhaibh agus chòrd sin rium uabhasach math airson thachair mi air boireannaich agus daoine an àite, agus bha ùidh aca uile anns an t-snìomh agus bha mi fhìn cuideachd ag ionnsachadh rudan bho na boireannaich anns a’ choimhearsnachd airson bha fiosrachadh aca mu dheidhinn dè a bha mi a’ dèanamh.

Agus cuideachd ’s ann à Uibhist a Tuath a thàinig cuideachd m’ athar, agus ’s e tuairneir a bh’ annta. Bhiodh iad a’ dèanamh beairtean agus cuibhlichean-shnìomh agus aig an taisbeanadh a tha seo chì sinn mar a tha na sgilean tradaiseanta a bh’ aig na fir ri obair a’ chlò cuideachd. Agus tha mi a’ smaointinn bu bheil sin gu math cudromach gum faic daoine mar a chaidh na h-innealan a thogail leis an làimh.

Bha còir, tha mi a’ smaointinn, barrachd cothrom a bhith aig daoine òg na h-eileanan a tha seo barrachd, eh, a dhèanamh airson na sgilean ionnsachadh, airson mura h-ionnsaich mar a tha mo leithid fhìn – agus daoine nas sine na mi – aig a bheil na sgilean, bàsaichidh na sgilean a-mach… Tha mi a’ cluintinn gu bheil an clò a’ fàs gu math fasanta a-rithist, agus gu bheil iad a’ sealltainn airson barrachd dhaoine a nì obair a’ chlò, agus gu bheil iad a’ tairgsinn beairtean a thoirt do dhaoine òga ann an Leòdhas airson gun ionnsaich iad e. So, mar sin, cha deach an clò riamh a-mach à fasan, agus tha mi a’ smaointinn gu bheil e a’ sìor-fhàs fasanta.

Short url:   http://multidict.net/cs/703