This is a Clilstore unit. You can .
Tha am Pròiseact Re-Store stèidhichte ann am Bòrnais, Uibhist a Deas.
Tha e air a ruith leis a’ bhuidhinn choimhearsnachd Cothrom, le taic bhon Aonadh Eòrpach.
Tha e ag amas air seann àirneis is leabhraichean a chur gu feum a-rithist.
Anns a’ bhùth-obrach tha Seumas Dòmhnallach ag obair air seann àirneis a chaidh a thoirt dhan phròiseact.
Bidh e ga ghlanadh agus ga chàradh.
Uaireannan nì e obair a bharrachd airson a dhèanamh nas làidire.
Aon uair ’s gu bheil e sàsaichte gu bheil e math gu leòr agus làidir gu leòr airson a bhith air a reic a-rithist, cuiridh e e anns a’ bhùth.
Tha Seumas gu math toilichte innse do dhuine sam bith gu dè an obair a tha e air dèanamh, ann am Beurla no Gàidhlig.
Tha pròiseact leabhraichean anns a’ bhùth cuideachd. ’S e Avril Chaimbeul a tha ga stiùireadh.
Tha seo a’ tabhann chothroman airson obair agus trèanadh cuideachd.
A bharrachd air àirneis a chàradh, bidh am pròiseact ga thoirt an uair sin dhan taigh.
Ann a bhith a’ reic deagh àirneis aig prìs ìseal agus ga thoirt dhan doras agaibh tha am pròiseact Re-Store air margaid shònraichte a chruthachadh ann an Uibhist. Leis mar a tha e cuideachd a’ gearradh sìos air an uiread de sgudal a tha sinn a’ dèanamh, dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil e a’ toirt seachad seirbheis luachmhor dhan choimhearsnachd aig an aon àm.
Short url: http://multidict.net/cs/704