This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Iseabail Graham

’S e mise Iseabail Graham, agus tha Taigh-òsta Orasaigh agam, agus bidh mi nam chòcaire an seo cuideachd.

Bidh mi a’ dèanamh tòrr còcaireachd le iasg ’s le maorach, agus le uan, agus le beathaichean Gàidhealaich cuideachd. Eh, tha sinn a-nis a’ marbhadh na beath(aichean) – an crodh againn fhèin agus gan iùsaigeadh san àite cuideachd. Eh, ’s fheàrr leam còcaireachd leis na, le maorach agus leis an iasg air sàilleabh tha e cho furasta còcaireachd ris.

Bidh sinn a’ faighinn tòrr dhen mhaorach às na Ceallan. Bidh sinn a’ faighinn na creachainn aca, agus a’ chrùbag, agus bidh sinn a’ faighinn an t-iasg – a’ chuid as motha a th’ ann – bàtaichean aig deas shuas an Èirisgeigh thall agus tha feadhainn à Barraigh cuideachd.

Agus bidh sinn a’ faighinn tòrr dhen stuff againn – giomaich is na crùbagan o fear de na ba(laich) – gille a tha a’ fuireach an ath-doras dhuinn, agus bidh esan a’ toir a-staigh uair san t-seachdain, eh, crùbagan is giomaich cuideachd.

Tha e cho furasta, tha e cho furasta fhaighinn, ’s tha e cho furasta còcaireachd ris, agus eh, tha e cho fresh. Gheibheamaid phone call, can a-nochd, agus eh, bidh feadhainn a’ fònadh, can à Èirisgeigh no aig deas shuas, a’ cantail gu bheil bocsa de dh’iasg aca, diofar, diofar seòrsa de dh’iasg. Agus sin a chòrdas riumsa – chan eil fhios ’am dè tha mi a’ dol a dh’fhaighinn chun an tig iad a-nuas leis, agus bidh ’s dòcha sia no seachd no h-ochd dhiofar seòrsan de dh’iasg agad, agus, eh, tha thu an uair sin ga chur air a’ bhòrd suas, agus tha e a’ falbh – cho fresh.

Tha mi a’ faighinn on Hebridean Smokehouse – bidh mi a’ faighinn, tha, bradan air a thoiteadh is bradan air a – am fear fuar air a thoiteadh, am fear fuar agus teth air a thoiteadh, agus bidh mi a’ faighinn, em – oh, tha creachainn aca cuideachd air a thoiteadh, is bidh mi a’ cur sineach air a’ mhenu – trì diofar seòrsaichean, am fear fuar, am fear teth, agus na creachainn. ’S tha sin a’ falbh uabhasach fhèin math.

Bidh mi a’ faighinn breac aca cuideachd, agus tha am breac aca uabhasach fhèin math, agus, eh, sineach fhèin tha mi dìreach ga chur air a’ mhenu dìreach plain grilled le ìm. Agus tha e a’ còrdadh le daoine.

Short url:   http://multidict.net/cs/710