This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Ceòlas - Sgoil-shamhraidh

Air taobh an Iar Uibhist a Deas tha na tràighean a’ dol bho dheas gu tuath airson mìle as dèidh mìle. Chun an ear chìthear na beanntan thairis air flùraichean a’ mhachaire. Agus aig bun nam beann tha Dalabrog, a tha mar dhachaigh dhan sgoil chiùil Ghàidhlig, Ceòlas.

Bidh Ceòlas air a ruith ann an Sgoil Dhalabroig airson seachdain tràth san Iuchar a h-uile bliadhna. Bidh oileanaich a’ tighinn às gach ceàrnaidh dhen t-saoghal airson pàirt a ghabhail san dòigh-beatha cheòlmhor aig a’ choimhearsnachd bhig seo anns na h-Eileanan Siar.

Tha an sgoil air a bhith a’ ruith fad deich bliadhna a-nis, agus tha tòrr oileanach air tighinn bliadhna às dèidh bliadhna, agus iad air caraidean ùra fhaighinn. Tha an t-àite- bidhe gu math trang eadar na clasaichean, le oileanaich a’ cur fàilte air a chèile agus ag innse naidheachdan anns an dà chuid Beurla agus Gàidhlig.

Bidh fàilte chrìdheil air daoine ùra cuideachd. Tha Ruairidh MacIllEathain, a tha ann airson a’ chiad turais mar oileanach, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Tha Dale Cummings à Seattle anns na Stàitean Aonaichte. Thàinig e an toiseach o chionn ochd bliadhna, agus tha e air a bhith ann a h-uile bliadhna on uair sin.

Tha ceangal làidir aig an sgoil leis a’ choimhearsnachd. Tha Màiri NicAonghais na cathraiche dhen chomataidh a tha a’ cur na sgoile air dòigh a h-uile bliadhna.

An dèidh dhaibh beagan fois fhaighinn, feumaidh na h-oileanaich tilleadh dha na clasaichean. Tha Gàidhlig gu math cudromach ann an obair làitheil na sgoile. A bharrachd air sin bidh na h-oileanaich a’ taghadh dà chuspair ciùil. Bidh sin a’ toirt a-steach na fìdhle, le buaidh Cheap Breatainn a’ nochdadh gu math làidir, a bharrachd air a’ mheur-chlàr. Bidh tòrr a’ taghadh òran Gàidhlig. Agus, gu dearbh, chan e sgoil chiùil Uibhisteach a bhiodh ann gun phìobairean. Tha dannsa air a theagasg cuideachd, gu h-àraid an seann stoidhle de dhannsa-ceum a tha fhathast gu math beò fallain ann an Ceap Breatainn.

’S e obair chruaidh a th’ ann an ionnsachadh, agus faodaidh e pathadh a chur ort. Nuair a bhios na clasaichean deiseil san sgoil bidh cuid a’ cumail orra san taigh-òsta as fhaisge orra. Ach tha Ceòlas cudromach dhan choimhearsnachd air fad, le sreath de thachartasan a’ dol ann air an oidhche fad na seachdaine. Aig deireadh an latha tha busaichean ann airson na h-oileanaich a thoirt dhan ath rud – cèilidh, no consairt, no sgrìob air a’ mhachair. Agus, aig deireadh an latha, feumaidh fiù ’s na pìobairean beagan fois a ghabhail.

Air Oidhche Chiadain tha dannsa air a chumail air Èirisgeigh. Tha cabhsair ann a-nis. Mar sin, chan eil leisgeul sam bith airson a sheachnadh. Tha còmhlan a’ bhaile a’ cluich mar-thà nuair a ruigeas na h-oileanaich. Airson an fheadhainn nach eil eòlach air na dannsaichean thèid am mìneachadh fhad ’s a tha an ceòl a’ dol.

Fhad ’s a tha an dorchadas a’ tighinn nas fhaisge tha an ceòl ag atharrachadh, agus tha cothrom aig na tidsearan agus aig na h-oileanaich an sgilean ann an dannsa-ceum a shealltainn. ’S dòcha gur e a bhith a’ toirt air ais seann stoidhle de chiùil agus de dhannsa Albannach do choimhearsnachd làn Gàidhlig an rud as cudromaiche a tha Ceòlas a’ dèanamh.

Tha e ag adhbharachadh ùidh mhòr am measg an fheadhainn a tha fortanach gu leòr fhaicinn. Ach, fhad ’s a tha a’ ghrian a’ dol fodha san iar, ann am meadhan na seachdaine, tha fios aig a h-uile duine gu bheil fada a bharrachd ri ionnsachadh fhathast.

Short url:   http://multidict.net/cs/711