This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Ruairidh MacIlleathain

Is mise Ruairidh MacIllEathain, agus tha mi an sàs gu mòr ann an obair a thaobh ionnsachadh na Gàidhlig, is a’ frithealadh luchd-ionnsachaidh ann an diofar dhòighean. Agus feumaidh mi ràdh gu bheil an fhèis seo, Ceòlas, a’ còrdadh rium gu mòr, oir tha measgachadh math ann de dhaoine a tha fileanta bho thùs, no daoine aig – a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig aig diofar ìrean – daoine a tha dìreach aig toiseach tòiseachaidh – agus mar sin ’s e rud gu math fallain a th’ ann, na diofar sheòrsaichean de dhaoine sin a bhith am measg a chèile.

Tha mi air a bhith a’ dèanamh dannsa-ceum. ’S dòcha gun dèan mi dannsa air choreigin eile cuideachd, agus seinn a bharrachd air sin. Agus tha an dannsa-ceum gu math làidir à Ceap Breatann. An tè a th’ air a bhith a’ teagasg anns a’ chlas agam, thogadh i ann an Ceap Breatann an toiseach. Tha i a-nis ann an Alba, ’s tha Gàidhlig bhrèagha aice. Ach tha sin uabhasach inntinneach dhomh, na ceanglaichean a th’ ann aig Ceòlas eadar an dà dhùthaich, mar gum biodh, Ghàidhealach – Ceap Breatann agus Uibhist a Deas – ’s tha sin gu math, gu math cruthachail, an dòigh sa bheil e ag obair.

Tha Cathy-Ann Nic a’ Phì a’ teagasg anns a’ chlas agamsa, agus ’s fhìor thoil leam an guth aice. Tha CDs agam aig an taigh, ’s tha e uabhasach math a bhith còmhla rithe, ag èisteachd rithe a’ seinn, agus a bhith ag ionnsachadh rud no dhà bhuaipe.

Mholainn an fhèis seo gu mòr do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, gu h-àraidh an fheadhainn a tha ag iarraidh a bhith fileanta, oir – ann an dà dhòigh – thig iad gu fèis far a bheil a’ Ghàidhlig ann am follais, agus tha sin glè mhath, ’s gheibh iad brosnachadh ann an seo. Tha clasaichean a’ dol, tha a h-uile duine a’ dèanamh Gàidhlig gu ìre air choreigin. A bharrachd air an sin, tha e stèidhichte ’s suidhichte ann an Uibhist a Deas, agus chan eil, ’s dòcha, àite nas Gàidhealaiche ann an Alba an-diugh na seo. Tha daoine gu math deònach an cànan a bhruidhinn anns a’ choimhearsnachd, anns na bùthan, anns na taighean-seinnse, aig na cèilidhean, agus tha deagh chothrom aig luchd-ionnsachaidh an cànan, beagan no mòran a dh’ionnsaich iad, a chur gu feum anns a’ choimhearsnachd.

Short url:   http://multidict.net/cs/714