This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Taigh Chearsabhagh

’S ann ann an Loch nam Madadh, air taobh an ear Uibhist a Tuath, a bhios na fèillean gan cumail gach bliadhna. Bidh croitearan a’ tighinn bho air feadh an eilein airson an cuid uan a reic. Tha e a’ cur nar cuimhne gu bheil obair air an fhearann fhathast gu math cudromach ann an dòigh-beatha an eilein seo.

Airson coimhearsnachd a tha a’ fuireach air eilean, tha a’ mhuir a cheart cho cudromach. Tha am bàta-aiseig à Tir-mòr na h-Alba a’ tighinn a-steach gu Loch nam Madadh, agus tha sin a’ sealltain a-rithist cho cudromach agus a tha am baile ann an Uibhist a Tuath.

Ach, fhad ’s a tha am bàta a’ tighinn a-steach dhan phort ’s dòcha gum faic an luchd-siubhail rudan eile a bharrachd air na fèillean. Tha pìosan obrach air a’ chladach agus faisg air Taigh Chearsabhagh a’ sealltainn gu bheil ùidh aig a’ choimhearsnachd anns na h-ealain cuideachd.

Tha Taigh Chearsabhagh air a ruith le Comann nan Ealan ann an Uibhist agus Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, agus tha e a’ toirt còmhla san aon togalach dualchas agus eachdraidh an eilein cuide ris na h-ealain.

Aig meadhan an togalaich tha an cafaidh, ainmeil airson a bhiadh agus fosgailte fad na bliadhna. Ri taobh a’ chafaidh tha a’ bhùth, far am faighear leabhraichean is dèideagan is gibhtean is eile.

Ri taobh na bùtha tha an taigh-tasgaidh, air a ruith leis a’ chomann eachdraidh. Bidh na taisbeanaidhean ag atharrachadh gu cunbhalach. An-dràsta ’s e snìomh agus breabadaireachd a tha air an taisbeanadh. Cuideachd leis a’ chomann eachdraidh tha cruinneachadh mìorbhailleach de dhealbhan, air an toirt a-steach leis a’ choimhearsnachd.

Bidh an luchd-obrach ann an Taigh Chearsabhagh gan cumail trang anns an oifis. ’S ann ann a sheo a thèid taisbeanaidhean, agus planaichean airson tadhal air sgoiltean a chur air dòigh, agus cùrsaichean trèanaidh a leasachadh.

Tha dà ghailearaidh ann airson taisbeanaidhean. Ann an Gailearaidh a Dhà tha oileanaich air a’ chiad bhliadhna dhen chùrsa cheum a’ cur an taisbeanaidh bhliadhnail ri chèile. Tha na dealbhan air an cur suas mu dheireadh gun mòran ùine air a fàgail mus tig an luchd-tadhail.

’S e oidhche mhòr a th’ ann cuideachd airson nan oileanach a tha a’ dèanamh an dioploma. Tha taisbeanadh acasan anns an stiùidio.

Tha mòran dhaoine air tighinn airson na taisbeanaidhean fhaicinn. Gheibh iad fàilte chrìdheil bho Valgerdur Hauksdottir à Innis Tìle. Tha taisbeanadh aice fhèin ann an Gailearaidh a h-Aon.

Eadar a bhith a’ taisbeanadh obair le luchd-ealain eadar-nàiseanta, a’ leasachadh tàlantan de dhaoine de gach aois anns a’ choimhearsnachd, agus a’ clàradh agus a’ gleidheadh rudan sònraichte mu dhòigh-beatha an eilein, tha Taigh Chearsabhagh an sàs anns an uabhas de dh’obair chultarach. Leis mar a tha e ga dhèanamh cho math, tha e a’ sealltainn cho èasgaidh ’s a tha na daoine a tha a’ dèanamh na h-obrach, agus cho fallain ’s a tha a’ choimhearsnachd anns a bheil iad a’ fuireach.

Short url:   http://multidict.net/cs/715