This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Caitrìona NicCumhais

’S mise Caitrìona NicCumhais, agus tha mi ag obair mar oifigear dualchas aig Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath.

Tha e gu math eadar-dhealaichte, m’ obair. Tha mi – tha mi ag obair air an taigh- tasgaidh, agus bidh mi a’ cuideachadh Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, em, le taisbeanaidhean mu dheidhinn dualchas Uibhist, agus eachdraidh, agus cuideachd cànan agus mar sineach. Agus bidh mi a’ cur ri chèile na taisbeanaidhean agus cuideachd bidh mi ag obair còmhla ri sgoiltean. Bidh sgoiltean a’ tighinn a-staigh a Thaigh Chearsabhagh, agus cuideachd bidh mise a’ dol a-mach gu sgoiltean cuideachd, agus cuideachd bidh mi ag obair le buidhnean eile, um, coltach ri seann dhaoine a tha a’ fuireach anns an ospadal, no seann dhaoine a tha a’ fuireach ann an Trìonaid.

Tha e a’ còrdadh rium. Tha e dìreach sgoinneil. Tha rudeigin eadar-dhealaichte ann a h-uile latha. Um, ged gu math tric bidh mi ag obair air a’ choimpiutair, ach tha rudan eadar-dhealaichte a h-uile latha, ’s bidh mi uairean ag obair air taisbeanaidhean, ’s uairean aig sgoiltean, ’s uaireannan eile bidh mi ag obair còmhla ri Seonag air taobh an ealain cuideachd. So, mar sineach, tha sinn – bidh sinn ag obair còmhla gu math tric.

Àite math a th’ ann airson a’ choimhearsnachd, agus cuideachd do luchd-turais. So mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e dìreach sgoinneil, um, àite far am bi daoine a’ tighinn a-staigh. Bidh iad a’ tighinn a-staigh dhan chafaidh, ’s bidh iad a’ tighinn a ghabhail biadh, agus a bhruidhinn, ’s coimhead air na taisbeanaidhean. Tha e math.

Um, seach gu bheil sinn cho faisg air an aiseag bidh daoine a’ tighinn a-staigh an- còmhnaidh, ’s tha e an-còmhnaidh uabhasach trang. Agus tha tòrr dhaoine ag obair ann a sheo cuideachd. So, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e math ann an tòrr dhòighean.

Tha mi gu math trang.

Short url:   http://multidict.net/cs/716