This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Bi Beò

Seo an taigh aig Kevin De Las Casas, ann an Hogha Gearraidh, air taobh an iar Uibhist a Tuath.

O thùs à Lunnainn, far an robh e a’ ruith stiùidio clàraidh proifeiseanta, tha Kevin agus a theaghlach a-nis a’ fuireach an seo.

Tha ùidh fhathast aige ann an ceòl, agus tha e air tòiseachadh air òrain a sgrìobhadh cuide ri Seumas MacGillÈidich, a tha a’ fuireach faisg air làimh, ann an Solas.

Gu math tric, bidh na beachdan airson òrain ùra a’ tachairt sa chidsin.

’S dòcha gun dèan Kevin pìos beag ciùil air a ghiotàr, agus cuiridh Seumas faclan air.

Aig amannan eile, smaoinichidh Seumas air faclan no abairtean a bhios a’ dol ri chèile gu math, agus ’s dòcha gum bi beachd no dhà aige air fonn a thèid còmhla.

Ma tha an rud a’ còrdadh riutha, ’s e an ath-cheum a bhith ga leasachadh mar òran a ghabhas seinn air beulaibh dhaoine eile.

Feumaidh iad obair chruaidh a dhèanamh air a seo, agus nì iad sin ann an seòmar eile nas fhreagarraiche.

Tha òran ann, “Na Seann Daoine”, a tha a’ còrdadh ris an dithis. Tha iad airson a leasachadh airson seinn no clàradh leis a’ chòmhlan aca “Bi Beò”.

Feumaidh iad a bhith ’g obair air na faclan agus air a’ cheòl, agus feumaidh iad aontachadh air mar a chuireas iad na h-innealan ciùil ris an òran.

Aig Lìonacleit, ann am Beinn na Faoghla, tha stiùidio clàraidh anns a’ cholaiste.

An dèidh dhaibh tighinn dhan cholaiste tràth gus cùisean a chur air dòigh, tha Kevin is Seumas a’ cur an cuid innealan-ciùil air ghleus fhad ’s a tha iad a’ feitheamh ri Pòl MacIllEathain, a bhios a’ cluich an druma.

Thèid an clàradh air adhart mean air mhean.

An toiseach, thèid bann stiùiridh, no “guide track”, a chlàradh le dìreach an druma is an giotàr.

’S e seo a’ bhunait ris an cuir iad tuilleadh ghuthan agus innealan-ciùil.

’S e an ath-cheum a bhith a’ clàradh a’ ghiotàir a-rithist.

An uair sin thèid an t-seinn a chur ris – a-rithist mar stiùireadh.

Às dèidh sin, thig barrachd ionnsramaidean a-steach, ceum air cheum, leithid am meur-chlàr is innealan-ciùil eile.

Thairis air an ath uair no dhà thèid clàraidhean a bharrachd a dhèanamh agus a chur ris a’ mheasgachadh.

’S e Kevin a nì co-dhùnadh air càite an cuir e gach ionnsramaid sa chlàradh mu dheireadh.

Tha an coimpiutair a’ sealltainn far an tig a h-uile h-ionnsramaid a-steach.

Às dèidh trì uairean sa stiùidio, tha an obair bhunaiteach deiseil.

Ged a dh’fheumadh iad tòrr a bharrachd a dhèanamh gus gleans proifeiseanta a thoirt air a’ chlàradh, tha a’ chiad CD aig “Bi Beò” a-nis deiseil.

Short url:   http://multidict.net/cs/718