This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Òran:Seumas MacIllÈidich

Seann daoine a’ falbh
Toirt ceum bho ar saoghal
Dèanamh air beatha eile
Tòiseachadh as ùr

Oh nach till sibh a-nall
Thar nan cuantan ’s nam beann
Is togaibh fonn aon uair eile

Cuimhneachadh air m’ athair
’S na dh’fhalbh às an sgìr’
Leithid Murchadh a’ Mhachair
Na sheall iad dhomh gun phrìs

Oh nach till sibh a-nall
Thar nan cuantan ’s nam beann
Is togaibh fonn aon uair eile

Eich a’ treabhadh sa mhachair
Tha an iodhlann gun chruaich’
Far an do thogadh teaghlaich
Làrach feanntagan mar chuimhne

Oh nach till sibh a-nall
Thar nan cuantan ’s nam beann
Is togaibh fonn aon uair eile

Seann daoine a’ falbh
Toirt ceum bho ar saoghal
Sinn am pròis ’s gun ghliocas
A’ milleadh na thug iad dhuinn

Oh nach till sibh a-nall
Thar nan cuantan ’s nam beann
Is togaibh fonn aon uair eile

Music and Words © Kevin De Las Casas and James McLetchie

Short url:   http://multidict.net/cs/720