This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Croitearachd is Buain

Tha a’ chroit aig Ruairidh Dòmhnallach aig an Àird ann am Beinn na Faoghla, faisg air Baile a’ Mhanaich. ’S e croit a theaghlaich a th’ innte, a fhuair e bho athair, agus mar sin tha Ruairidh gu math eòlach air beatha a’ chroiteir, agus tha e air tòrr atharrachaidhean fhaicinn.

’S e aon rud a tha diofraichte a-nist an cleachdadh airson “feur-tìoraidh” no “silage” a dhèanamh. B’ àbhaist dhaibh a bhith a’ gearradh an fheoir san Iuchair. Ach an-diugh bidh na croitearan a’ feitheamh chun Lùnastal airson feur-tìoraidh a dhèanamh. Ma thèid a dhèanamh nas anmoiche sa bhliadhna chan eil e cho cunnartach do dh’eunlaith le neadan.

Nuair a thig an latha thèid an obair a dhèanamh gu math luath. Bidh aon tractar a’ trusadh an fheoir a chaidh a ghearradh ann an sreath. Bidh an ath tractar ga thogail agus a’ dèanamh bèile leis. Bidh an treas tractar a’ togail nam bèilichean agus gam pasgadh ann am plastaig dubh gus nach tioramaich iad a-mach. Bidh Ruairidh a’ cumail sùil air mar a tha an gnothach a’ dol, agus bidh a h-uile dad deiseil an ceann latha. Tha na bèilichean a-nis deiseil airson an glèidheadh mar fodar gheamhraidh airson beathaichean is caoraich.

Ach nuair a thig e gu buain arbhar bidh Ruairidh a’ cumail ris an t-seann dòigh. Tha seann “cheanglaiche” no “binder” aige a tha ag obair fhathast, a bhios a’ gearradh an arbhair agus ga sguabadh. Tha na sguaban, no raoidean, air an cruinneachadh ann an suidheachain air an aon latha le nàbaidh. An ceann ùine ghoirid thèid an cruinneachadh ann an cruachan nas mòtha, no toitean. Bidh a’ ghaoth gan tioramachadh. Thèid an ceangal le sreang gus nach tuit iad.

As dèidh cola-deug ’s e an ath cheum cruach mhòr a thogail. Togaidh Ruairidh na toitean leis an tractar agus bheir e air ais iad dhan iodhlann aige. Cuidichidh na nàbaidhean leis an obair seo a-rithist, agus tha iad air tòiseachadh air a’ chiad chruach a thogail mar-thà.

Cho luath ’s a thig tuilleadh arbhar tòisichidh iad air cruach a bharrachd a dhèanamh. Thèid a h-uile sguab a thogail le forc dhan chruach far an tèid a chur gu faiceallach gus a’ chruach a dhèanamh nas àirde. Bidh spòrs gu leòr eadar an dà sgioba feuch cò nì a’ chruach as fheàrr a dhèanamh. Bidh na cruachan a’ fàs gu math luath.

Tha Ruairidh fhathast trang a’ faighinn tuilleadh arbhar. Gheibhear taic airson cruachan a thogail bho bhuidhnean ghlèidhteachais, oir tha an t-sìol feumail dhan eunlaith thairis air a’ gheamhradh. Ach aig an ìre-sa ’s beag for a th’ aig cearcan Ruairidh sa ghnothach.

Mar a tha a’ chruach a’ fàs tha e air fhàgail air an duine as òige fantail air a’ mhullach. Bheir Ruairidh a-mach feur tioram airson a’ chruach a ghlèidheadh bhon t-sìde.

Tha e coltach gu bheil barrachd ùidh aig a’ chù na bha aig na cearcan, ach ’ s beag for a th’ aige air sìol. Tha esan an dòchas gum bi luchag no rodan am measg nan sguaban fhathast.

Thèid am feur tioram a sgaoileadh air mullach na cruaich. ’S e an ceum mu dheireadh lìon a chur air a’ chruach. Cuidichidh seo le cumadh na cruaich a chumail ceart. Ach nuair a bhios a’ chiad tè deiseil chan e sin deireadh na sgeòil. Chan eil an dàrna tè ach letheach-slighe, agus feumaidh iad an aon obair a dhèanamh a-rithist. Agus tha arbhar gu leòr aig Ruairidh ri fhaighinn fhathast.

Short url:   http://multidict.net/cs/721