This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Ruairidh Dòmhnallach

’S e a’ chiad rud as àbhaist dhuinn a bhith a’ dèanamh no – aig deireadh na bliadhna ’s a tha a’ ruitheach gu toiseach na bliadhna - ’s e feamannadh. Bhiomaid a’ feamannadh airson dhà no trì mhìosan ’s an uair sin a’ dol gu treabhadh, agus nuair a bhiodh an treabhadh seachad, bhiodh, bidh na h-uain a’ tighinn, àm breith nan caorach.

’S an uair sin, buain mhònadh, bhiodh sinn ag obair air sin, bha iad a’ buain mhònadh, falbh o – bhiomaid, uh, a’ cuideachadh ri chèile, nàbaidhean ’s gnothaichean, mòine ma seach gum biodh a h-uile nàbaidh deiseil.

Bha sin ann an, ann an June, san Ògmhios. Agus an uair sin feur. Tòiseachadh air obair feur, mun do – sin mun do thòisich silage – ann, ann an July.

A-niste tha silage a’ dol – chan fhaod, thaobh gnothaichean eòin is gnothach chan fhaigh sinn a dhèanamh gu chiad latha de dh’August.

’S tha an uair sin gnothach an arbhair a’ tòiseachadh air a’ bhuain. Bidh sinn ga bhuain san t-seann fhasanta leis a’ bhinder. Bidh sin a’ tòiseachadh mar as trice ann an September.

An dèis, an dèis na mònadh bidh sinn a’ rùsg a’ chaorach, nan caoraich, ann an Aug – ann an July, ann an July.

Tha silage an uair sin againn ann an August. Tha, agus buain an arbhair leis an t-seann dòigh, leis a’ bhinder, ann an September. Toiseach September ’s ann as trice ’s a tha, bhios e deiseil airson a bhuain. An uair sin ga chruinneachadh, dèanamh toitean air, is an ceann treiseag – bhiodh e aon, trì seachdainnean no còrr le sin le deagh shìde mus fhaigh sinn a chur ann an cruach, dìreach ann an cruachan mòra. Bhiodh a h-ochd no naoi dhe na toitean a’ dol gu cruach. Agus, uh, sin a’ chuid as mòtha. Ma bhios deagh shìde ann chan eil e, chan eil e doirbh sam bith, ach ma tha droch shìde ann tha obair mhòr mhòr ann.

Bidh sinn a’ bualadh an arbhair cuideachd a-null – nuair a gheibh sinn teansa. B’ àbhaist dhuinn a bhith ga bhualadh, bhualadh ron bhliadhn’ ùr le threshers. Bhiodh iad, bhiomaid fhìn ag obair air threshers an-diugh fhathast ach nuair a dh’fhàs, dh’fhàs iad sean is tha sinn ag obair a-nist leis – bidh daoine a’ tighinn a-staigh ga dhèanamh dhuinn. Agus tha sinn, uh, bidh mi a’ dèanamh deagh chuid shìol ach, uh, tha mi – an t-sìol agam fhìn, airson a chur airson an ath bhliadhna a-rithist – agus bidh mi a’ reic, a’ toirt seachad deagh chuid dheth cuideachd – do dh’fheadhainn nach eil a’ dèanamh bualadh iad fhèin. Agus bidh iad, feadhainn a’ toirt leotha arbhar airson a bhualadh, cuideachd feadhainn eile airson sìol a dhèanamh dhaibh fhèin o chionn cha bhi iad a’ dèanamh ach silage.

Tha deagh chuid dheth a’ dol a-null gu – mar sin na raoidean arbhair, an t-arbhar a’ dol an uair sinn ann an toit, rud a chanas sinn toitean ris, stooks mar a chanas iad leotha sa Bheurla. Tha iad a’ dol a-null gu Tuath, gu muinntir nan eòin ann an shineach, Baile Raghnaill ann an sineach, tha, airson a biadhadh nan eòin. Bhiodh iad ga thoirt – chaitheamh a-mach thuca, ’s tha tòrr a’ tuiteam far na raoidean, ’s iad a’ biadhadh bheathaichean ’s rudan mar sin ’s – bidh, tha an gnothach a’ fàs cho gann bho thaobh an silage.

Tha a’ chroitearachd air atharrachadh cianail. Nist, ann an shineach nì thu gnothach silage ann an shineach, nì iad, nuair a thig an contractor a-staigh dhèanadh e fichead acaire ann an latha, no ’s dòcha barrachd, ma tha an t-àite rèidh ann. Well o chionn fada nuair a bha iad ag obair le speal, is le gnothach mar sin bheireadh iad mìos air an sin, ceithir seachdainnean no mìos co-dhiù air an sin. ’S e obair – tha fhios agam – bha sinn ga dhèanamh – oh bha mise mi-fhìn ga dhèanamh nuair a bha mi òg. ’S bhiodh sinn ag obair, uh, a’ toirt, ag obair le eich. Bha mi, nuair a bha mi a’ dol dhan sgoil bhiomaid ag obair le eich, tarraing a-staigh an arbhair le cairt. Bhiomaid a’ feamannadh, chan iarramaid an còrr ach a bhith ag obair ann. Bhiomaid a’ feuchainn ri fuireach far na sgoile agus – airson a bhith ag obair leis na h-eich. Bha na h-eich cho socair an uair ud co-dhiù, ach –

Tha an gnothach nas luaithe san t-saoghal an-diugh ann. Tha fada nas luaithe, ach nuair a tha mise ag obair leis a’ bhinder tha iad, tha daoine a’ tighinn, is bidh do leithid a’ tighinn, a tighinn a tharraing dhealbhan is gnothach ’s mar sin. ’S tha iad keen air an rud fhaicinn, feadhainn nach fhaca riamh roimhe e.

Short url:   http://multidict.net/cs/722