This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Buain na Mònadh

Is mise Eairdsidh Caimbeul. Ann an seo ann am Beinn na Faoghla tha mi fhìn is mo nàbaidh Dòmhnall Innes a’ cur seachad latha tràth as t-samhradh air a’ mhòinteach a’ buain na mònadh. Tòisichidh sinn le feannadh le spaidean. Tha seo a’ fàgail poll mòine a tha deiseil airson buain.

Bidh mi a’ gearradh air falbh pìos leis an spaid an toiseach. An uair sin tòisichidh mi leis an treisgeir.

’S e an obair aig Dòmhnall a bhith gu h-ìseal a’ tilgeil nam fàdan. Bidh iad nan sìneadh air an talamh airson treiseag airson tioramachadh.

Fhad ’s a tha sinn a’ gluasad air adhart chìthear na comharran air am fàgail air a’ mhullach leis an treisgeir.

As deidh treiseag tha sinn a’ fàs cleachdte ris an obair, agus bidh sinn a’ gearradh agus a’ togail nas luaithe ’s nas luaithe.

As dèidh obair chruaidh fad na maidne thig an t-àm airson fois a ghabhail, le biadh agus deoch. ’S e deagh àm a th’ ann cuideachd airson naidheachdan. Chan e dìreach obair chruaidh a-mhàin a th’ ann am buain na mònadh. Gheibhear cothrom airson bruidhinn cuideachd.

Air an fheasgar feuchaidh Dòmhnall ri buain, agus ’s e mi-fhìn a bhios a’ tilgeil nam fàdan. Nuair a thig sinn gu ceann a’ phuill a bha sinn a’ feannadh sa mhadainn chan e sin deireadh na h-obrach idir. ’S e sin dìreach a’ chiad ìre deiseil.

An-dràsta feumaidh sinn an dàrna fàd a thoirt às. An triopsa, an àite a bhith gan sineadh air an talamh bidh mi a’ dèanamh gàrradh leotha. Tha tuill sa ghàrradh a bhios a’ leigeil leis a’ ghaoith a shèideadh tromhpa gus na fàdan a thioramachadh.

Aig deireadh a’ chiad latha seallaidh mi do Dhòmhnall mar a thèid cruachan beaga no rùghain a dhèanamh leis na fàdan nan sineadh air an talamh – a-rithist airson an tioramachadh. Thig mi air ais as dèidh cola-deug airson barrachd obair mar seo a dhèanamh.

Le obair a’ chiad latha deiseil tha sinn a’ togail oirnn air ais dhan taigh.

As dèidh cola-deug tha na fàdan air tioramachadh rud beag, agus tha mi air tighinn air ais airson barrachd rùghain a dhèanamh. Tha na fàdan air tòrr uisge a chall a-nist, agus tha iad nas fhasa a làimhseachadh.

Aig an ìre-sa chan eil feum air na fàdan a bha sa ghàrradh a ghluasad, ach fiù ’s leis an sin tha tòrr obair ri dhèanamh ann a bhith a’ togail rùghain leis na fàdan a bha nan sìneadh air an talamh. ’S e an ath cheum a bhith gan toirt dhachaidh. Bidh feum air tractar airson sin.

Eadar a h-uile sìan, tha e a’ toirt ùine mhòr airson connadh na bliadhna a thoirt dhachaidh. Ach air latha fuar sa gheamhradh nas fhaide air adhart sa bhliadhna bidh mi a’ smaoineachadh gur e ùine air a deagh chosnadh a bh’ ann.

Short url:   http://multidict.net/cs/724