This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Eairdsidh Caimbeul (Buain)

Well, ’s e obair mhòr a th’ ann, ann an dòigh, em, mus tòisich thu gus am faigh thu dhachaidh a’ mhòine, tha, bidh thu ga, eh, fheannadh an toiseach, bidh thu a’ toirt craiceann an uiridh far a’ phuill agus an uair sin bidh thu ga, eh, bhuain an uair sin, agus ’s dòcha an obair as motha a th’ ann a bhith ga, eh, a bhith ga bhuain, agus, ’s dòcha cuideachd an obair as cruaidhe.

Tha, um , bidh thu a’ toirt a-mach na, na, na fàdan mhònadh ’s tha iad, uh, tha iad mòr is tha iad fliuch is tha iad, eh, caran sleamhainn cuideachd, agus – bidh dithis ga dhèanamh, eh, leis an treisgeir, dìreach coltach ri sgian, eh, mhòr, agus ’s e obair – a-rèir, eh, cia mheud a th’ agad ag obair. Uaireannan bidh, ’s dòcha, ceathrar ag obair air, no, ach, eh, dithis mar as, eh, mar as àbhaist. Agus sin an rud, ’s e, ’s e obair, obair – mar a thuirt mi – obair mhòr a th’ ann agus obair throm, agus em – ach tha e math cuideachd. ’S toil leam fhìn a bhith, a bhith ag obair a-muigh mar sin. Tha, tha e fallain a bhith a-muigh, agus dìreach, dìreach a bhith ag obair cruaidh led làmhan – tha e caran tlachdmhor, saoilidh mi. Agus, bidh thu car goirt, ’s dòcha, as dèidh a’ chiad latha, ach, uh, fàsaidh tu eòlach air, is bidh acras ort cuideachd agus gabhaidh tu do dheagh bhiadh às a dèidh, agus cuideachd crogan làgair no dhà, tha mi a’ creidsinn airson cuiridh e pathadh ort, eh, cuideachd.

Ach sin an rud – sin ’s dòcha an rud as, as duilghe. Agus ’s e – ach ’s e obair cuideachd le tòrr sgil, tha, cuideachd – ach tha mise mi-fhìn car lapach – well bheir mi a-mach e mi-fhìn, eh, nì mi an gnothach air, ach tha fios agam gu robh feadhainn ann ’s bha iad fìor mhath air, air a thilgeil a-mach, agus, ach – cuideachd feumaidh e a bhith, a bhith car dìreach cuideachd, feumaidh e a bhith ann an, ann an loidhne caran dìreach agus tha…

Agus an uair sin bidh thu ga fhàgail treis an uair sin, dìreach na shìneadh air an talamh, agus an uair sin a’ dèanamh car cruachan beaga dheth, eh, na rùghain mar a chanadh iad. Agus, tha sin a’ leigeil a’ ghaoth tromhpa, agus bidh e a’ tioramachadh an uair sin. Agus bidh thu an uair sin, em, a’ dèanamh cruachan beaga nas motha dheth agus an uair sin ga thoirt dhachaidh. Ach tha sin cuideachd a’ crochadh, a’ crochadh air an t-sìde gu ìre mhòr cuideachd. Ma bhios, em, em, droch shìde ann, em, sìde fhliuch bidh, bidh an rathad fliuch agus, em, sin an, an duilgheadas nach fhaigh thu dhachaidh i airson ùine mhòr. Cuideachd, sinn fhìn – bhuain sinn mòine an uiridh ach tha a’ mhòr chuid dheth, eh, a-muigh fhathast air a’ mhòinteach. Tha sinn dìreach ga thoirt dhachaidh dìreach air ar druim bho àm gu àm. Ach sin an rud – agus ma thig droch shìde tha thu dìreach ann an droch, caran droch staing. Bidh, bidh an rathad na bhogach agus, um, chan fhaigh thu dhachaidh i. Sin, sin an rud. Tha sin car duilich an dèidh a bhith ag obair, ag obair cruaidh oirre cuideachd. ’S e obair chruaidh a th’ ann, eh, em – mar a thuirt mi bho, uh, feannadh an toiseach gu faighinn dhachaidh – tha, car, tha obair, obair a mhaireas, mhaireas deagh threis ann cuideachd. Ach, sin mar a tha, sin dìreach mar a tha cui-, mar a tha an gnothach.

’S e seann chleachdaidh a bh’ ann dèanamh cruach dhith, ri, ri taobh an taighe, agus ’s e cuideachd rud, rud, eh, gu math àraid cuideachd dèanamh cruach, cruach, eh, dhòigheil cuideachd. Tha fios agam gun e – bhiodh feadhainn a b’ aithne dhomhsa nuair a bha mi, eh, na b’ òige, agus bha iad fìor mhath air cruach a dhèanamh, cruach a bhiodh a’ coimhead math cuideachd, a bhiodh a’ coimhead caran, caran dòigheil, ach cuideachd air a dhèanamh ann an dòigh gum biodh an t-uisge dìreach, dìreach a’ ruith, em, bhuaipe, mar gum bitheadh, an àite a bhith ga ghabhail a-staigh, gum biodh an t-uisge dìreach, dìreach a’ ruith far a’, eh, far a’ chruaich. Agus, gun teagamh ’s e, ’s e comas a bh’ ann a’ dèanamh, dèanamh deagh, um, deagh chruach mhònadh. Ach tha mise – well a-rithist, well tha mi car lapach anns an dòigh sin, feumaidh mi aideachadh, mu dheidhinn rudan mar sin.

Eh, chan eil na h-uiread ag obair, eh, air a’ mhòine, tha mi a’ creidsinn, o chionn ghoirid, o chionn còrr is deich bliadhna a-nist. Tha tòrr a-nist a’ cosg ola, em, san dachaidh. Ach ’s dòcha le prìsean na h-ola cuideachd, gun tig daoine air ais gu mòine – cò aige a tha fios – ach, em, well, eh, chan eil na h-uidhir ann a-nist agus a bh’ ann uairegin, saoilidh mi, agus, em, chan eil cus cruachan mhònach ri fhaicinn timcheall, em, mar a bh’ ann uairegin. Bha, bha uncle dhomh – well, well ’s e uncle, eh uncle m’ athar, Mìcheal, Mìcheal a bh’ air, eh, Mìcheal Chaluim Bhig is bha e fìor mhath air, air cruach a dhèanamh. ’S e rud dìreach a thog e fhèin nuair a bha e òg agus chùm e, chùm e a’ dol e.

Mar a bha mi a’ ràdh, a thaobh, mo, mo leithid fhèin, nì mi an gnothach air a’ mhòine a, a thogail, ach, mar a bha mi a’ ràdh, bha, bha feadhainn ann, ’s bha iad dìreach cho math air. Bha iad ga thilgeil a-mach ann an dìreach aon, aon slaic mar gum bitheadh. Ach mar a tha mise, bidh mi ga thogail a-mach ’s ga, ga chur air an talamh is mar sin, agus tha, tha e a’ toirt ùine mhòr, agus ’s dòcha cuideachd barrachd, cuideachd barrachd, eh, cudrom orm fhìn le bhith ga thogail ’s ga chur sios, ach, uh, ’s e an rud a th’ ann, mar, mar a h-uile rud – bidh daoine ag atharrachadh an dòigh beatha, tha mi a’ creidsinn, agus cha bhi iad ’s dòcha ag iarraidh a bhith buain mhònadh – ’s dòcha gun toir uile gu lèir, ’s dòcha gun toir e, ’s dòcha còrr is dà mhìos uile gu – on a bhith ga, ga fheannadh is ga bhuain, is ga chruathachadh, is ga thoirt dhachaidh an sin. So mar sin tha e a’ toirt suas obair mhòr – uh ùine mhòr – agus ’s dòcha, ’s dòcha anns an, anns an latha an-diugh, gu bheil thu ag iarraidh, well, tha daoine ag iarraidh a bhith a’ dèanamh rudan eile le an cuid ùine, an àite a bhith ag obair agus an uair sin dèanamh, dèanamh mòine.

 

Short url:   http://multidict.net/cs/725